Rathaidean iarainn a’ dol Duidseach

Air ais chun an �m ri teachd: tr�ana sm�ide anns a' Ghearastan
Air ais chun an �m ri teachd: tr�ana sm�ide anns a' Ghearastan
Share this article
0
Have your say

Is e latha mòr airson rathaidean iarainn na h-Alba a bhios anns a’ chiad latha den Ghiblean nuair a thèid cead-ruith ScotRail a ghabh­ail thairis le Abellio. Bidh a’ chompanaidh Dhuidseach seo – a’ mheur eadar-nàiseanta de Nederlandse Spoorwegen, companaidh rèile stàite nan Tìrean Ìosal – a’ ruith nan seirbheisean rèile taobh a-staigh na h-Alba son seachd bliadhna. Tha coth­rom aig Riaghaltas na h-Alba seo a shìneadh trì bliadhna eile no a stad às dèidh còig bliadhna.

Tha Abellio a’ tighinn air bòrd aig àm inntinneach son còmh­dhail rèile ann an Alba agus atharrachaidhean mòra air fàire. Anns a’ chiad dol a-mach, bidh rathad-iarainn ùr nan Crìochan a’ fosgladh eadar Dùn Èideann agus Galashiels/Bruach Thuaidh san t-Sultain agus bidh aig Abellio ri seo a ruith. A rèir an riagh­altais, se seo an rathad iarainn as fhaide a chaidh a thogail (no ath-thogail) ann am Breatainn fad còrr is 100 bliadhna.

Tha pròiseact mòr a’ dol air adhart cuideachd gus na rathaidean iarainn as cudromaiche ann am meadhan na h-Alba a dheal­anachadh gus an gabh trèanaich­ean dealain a chleachdadh, a tha nas luaithe ’s nas uaine na trèan­aichean dìosail. Bidh seo a’ tòis­eachadh le loidhne Ghlaschu–Dùn Èideann (taobh na h-Eaglais Brice) le planaichean seirbheis­ean dealanach a chur air dòigh gu Sruighlea, Alamhagh agus Dùn Bhlàthain agus air an loidh­ne eadar Glaschu ’s Dùn Èideann taobh Shotts cuideachd. Mar phàirt den phrògram seo thèid Stèisean Sràid na Banrighinn ann an Glaschu a leudachadh agus thèid stèisean ùr Gateway Dhùn Èideann a thogail a bhios mar cheangal rèile ri seirbheisean trama dhan Phort Adhair. Tha trèanaichean ùra gu bhith ann cuideachd airson nan loidhnich­ean dealanach agus tha 70 trèan­aichean ùra gu bhith gan togail airson 2017.

Tha fios gun cùm seo uile Abellio trang gu leòr ach a bharrachd air, tha iad air aontachadh ri grunn leasachaidhean eile anns a’ chead-ruith ùr. Thèid trèanaich­ean nas ùire ’s nas co­fhurtaile a chur air loidhne na Gàidhealtachd an Iar, loidhne a’ Chaoil agus loidhne a’ Chinn a Tuath bho 2017 a bhios nas freag­arraiche son tursan rèile tha cho bòidheach ’s cho cliùiteach.

Bidh Abellio cuideachd a’ dol air ais dhan àm ri teachd ’s iad a’ cur trèanaichean a tha còrr is 30 bliadhna dh’aois air dòigh eadar meadhan na h-Alba agus Obar Dheathain is Inbhir Nis, ach ged a tha na trèanaichean seo – na Intercity 125s no HSTs, aosta a-nis, tha iad nas motha ’s nas co­fhurtaile na an fheadhainn a th’ ann aig an àm seo agus cha bhi an luchd-siubhail a-mach à Inbhir Nis is Obar Dheathain mar sgadan ann am baraille tuilleadh.

Tha teicneòlas ùr cudromach do dh’Abellio. Tha iad an dùil gum bi cairtean-tapaidh no smartcards a’ sìor fhàs nas cud­romaiche ’s gum bi a’ mhòrchuid de na tursan rèile an Alba a’ cleachdadh cairtean seach tioc­aid­ean pàipeir ro 2020. Thèid Wi-Fi a sgaoileadh dhan a h-uile trèana cuideachd.

Mar chompanaidh Dhuids­each, chan eil e na iongnadh gu bheil Abellio a’ cur cuideim air baidhseagalan. Tha iad airson ’s gun tèid barrachd don stèisean air baidhsagal seach ann an càr­aichean – tha àiteachan stòraidh gu bhith ann airson baidhgean ann an 39 stèiseanan, agus goir­easan nas motha ’s nas fheàrr anns na h-ochd stèiseanan as motha ann an Alba.

Ach ged a tha cuideam air rudan gu math ùr-nodha mar chòmhdhail cheangailte agus cairtean-tapaidh, tha e coltach gun till trèanaichean smùide cuid­eachd. Tha trèanaichean do luchd-turais gu bhith ann air na loidhnichean as àille, ’s tha iad a’ beachdachadh air trèan­aich­ean smùide a ruith air a’ Ghàidheal­tachd agus gus an t-Sròn Reamh­ar mar phàirt dheth seo.

Thèid seirbheisean nan trèan­aichean-cadail eadar Alba agus Lunnainn – an Caledonian Sleeper – a leasachadh cuideachd ach tha Riaghaltas na h-Alba air cead-ruith air leth a chruthachadh air a shon agus thèid a ruith le Serco. Thathar air 4 trèanaich­ean ùra òrdachadh airson nan seirbheisean oidhche eadar Glaschu, Dùn Èideann, Obar Dheath­ain, Inbhir Nis, An Gearastan agus Lunnainn, agus tòisichidh iad seo ann an seirbheis ann an 2018. Bidh biadh nas fheàrr, barr­achd sheòmraichean singilte agus seòmraichean en suite ann.

Tha na ceadan-ruith ùra seo cudromach, chan ann a-mhàin airson Abellio is Serco ach cuid­eachd airson Riaghaltas na h-Alba. Seo a’ chiad turas a chaidh cead-ruith airson rathaidean iarainn na h-Alba a thoirt seachad bho fhuair Ministearan na h-Alba barrachd chumhachdan a thaobh seirbheisean rèile fo Achd nan Rathaidean-Iarainn 2005. Dh’fhaodte gum bi atharrachaidhean reachdail eile air fàire cuideachd, leis gun deach moladh ann an aithisg Comisean Mhic a’ Ghobhainn gum bu chòir tagraidhean bhon roinn phoblaich a bhith ceadaichte airson ceadan-rèile.

Ge b’e dè thachras, ge-tà, tha a h-uile coltas gun lean am fàs ann an àireamhan luchd-cleachdaidh nan trèanaichean.