Port Rìgh a’ feitheamh fhathast ri sgoil a chaidh a ghealltainn ann an 2007

Cuin a bhios a leithid seo air a bh�rd dhubh ann am Port R�gh?

Cuin a bhios a leithid seo air a bh�rd dhubh ann am Port R�gh?

0
Have your say

Tha comhairliche á Port Rìgh dòchasach gum faicear adhartas mu dheireadh thall a thaobh a bhith togail sgoil Ghàidhlig ann am prìomh bhaile an Eilein Sgithean­aich, ach as dèidh dhaibh feith­eamh suas ri còig bliadhna son adhartas, tha cuid a phàrantan teagmhach mu dè dìreach a tha a’ dol a thachairt, agus cuin.

Tha e air a bhith ’na amas do Chomhairle na Gaidhealtachd bho 2007, a rèir nam Planaich­ean Gàidhlig aca, dà sgoil ùr Ghàidh­lig a stèidheachadh, aon­an ann am Port Rìgh agus tèile sa Ghearastan. Ach air sgàth cion taic bho chomhairlichean agus iomadh adhbhar eile, chan eil sin air tachairt fhathast.

Aig coinneamh de Chomat­aidh nan Seirbheisean Inbheach agus Cloinne an t-seachdain sa chaidh, chaidh aontachadh gun ullaicheadh oifigearan na Comh­airle Tuairisgeul Ionmhasail (Out­line Business Case) air son sgoil Ghàidhlig a thogail am Port Rìgh.

Mar phàirt dheth sin, tha oifigearan a’ moladh gum bu chòir coimhead air cur air dòigh nan ostailean air son sgoilearan àrdsgoile ann am Port Rìgh, a tha feumach air obair. A rèir a’ chiad tuairmse aig a’ Chomhairle, chos­gadh e mu £8.3 millean gus sgoil Ghàidhlig a thogail air an làrach far a bheil Ostail Margaret Carnegie (a dh’fheumadh iad a leagail) an-dràsta. An uair sin tha iad am beachd an togalach leis an ainm Ostail Eilginn a dhèanamh ’na ostail a-rithist, a chosg­adh suas ri £4 millean. Thuirt an comh­airliche Drew Millar á Port Rìgh: “Chan eil mòran adhartais air a bhith ann sna ceithir no còig bliadhna a dh’fhalbh, ach
b’ e aonan de na h-adhbharan a’ bhuidheann a bha riaghladh na Comhairle agus na comhair­lich­ean a bha gu dubh an aghaidh na Gàidhlig ’s a bhith cosg airgead air sgoiltean Gàidhlig.

“Tha mise a’ smaoineachadh, le bhith cur an sgoil ’s an obair air na h-ostailean còmhla, gu bheil a’ chomataidh air spionn­adh as ùr a chur dhan iomairt. Chan eil na h-ostailean mar a tha iad freagarrach, agus tha feum againn air sgoil Ghàidhlig.

“Tha mise an dòchas nuair a thilleas iad leis an Outline Business Case, gun seall iad gun ob­raich seo a thaobh ionmhais. Tha mise air iarraidh gun cuir iad crìoch air an OBC cho luath ’s a ghabhas, agus tha mi an dòchas gum bi e deiseil air son a chur dhan Phlana Chalpa a tha sinn gu bhith coimhead air sa Mhàrt.

“Tha sinne sa bhuidheann-riaghlaidh ùr seo gu mòr air son gun tèid am pròiseact seo a chur dhan Phlana Chalpa air son as dèidh 2015. Ged a bha e ag ràdh sna molaidhean gun deigheadh an sgoil ’s an obair eile a chur dhan Phlana air son as dèidh 2015/16, bhithinn-sa an dòchas gun tòisicheadh iad air obair air Ostail Eilginn sa bhad cha mhòr. Tha an togalach sin ’na leithid a dhroch staid gum feum­adh iad co-dhiù leth millean not a chosg air son a thoirt gu ìre fhreag­arrach. Tha e gu buann­achd na Comhairle gun tòisich­ear air a’ phròiseact seo.”

Tha cuid a phàrantan mì-thoilichte mar a tha dàil air a bhith ann, agus tha cuid aca a’ cur ceist ann am prìs na sgoile.
Thuirt Art MacCarmaig, pàrant
a tha air a’ bhuidheann-stiùiridh air son coimhead air sgoil Ghàidhlig am Port Rìgh: “Tha sinn air a bhith togail ceistean a thaobh cosgais na sgoile. Car son a tha e a’ dol a chosg £8.3m air son sgoil a thogail ann am Port Rìgh nuair a chosg e an-uiridh £7m son sgoil ann am Milton of Leys ann an Inbhir Nis a tha fada fada nas motha? ’S chan eil sinn air freagairt dhòigheil fhaighinn air a-sin idir. Tha daoine air a ràdh aig na coinneamhan gur e seo na cosgaisean a thàinig a-steach bho na h-ailtirean aig a’ Chomhairle agus feumaidh sinn gabhail riutha. A h-uile turas a bha mi a’ bruidhinn ri Hugh Fras­er, Ceannard an Fhoghlaim, nuair a bha co-chomhairle ann, ann an 2008, bha esan a’ bruidh­inn air cosgais son sgoil ann am Port Rìgh eadar £3m agus £4m. Chan eil mise a’ tuigsinn ciamar a bha esan cho ceàrr ma bha esan ’na cheannard air an roinn sin.”

Cuideachd bha dragh air, seach gu bheil an ostail a-nis mar phàirt den chùis, gum bi tuil­l­eadh dàlach ann: “Tha maille gu bhith air seo as bith dè thach­ras, oir mura robh ac’ ach £7m-£8m a lorg, cha bhiodh a’ bheàrn a th’ aca ri lìonadh cho mòr, oir ’s dòcha gum faigh iad suas ri £4.5m bhon Riaghaltas, mar sin mura biodh an ostail ann mar phàirt dhen phlana cha bhiodh aca ris an uiread airgead a lorg.”

Thuirt Ron MacCoinnich,
Cean­n­­ard nan Seirbheisean Taice
ann an Roinn an Fhoghlaim, a’ Chultair ’s an Spòrs, gum feum­adh a’ Chomhairle coimhead air grunn nithean san Tuairisgeul Ionmhasail aca, mar a’ bhuaidh air Bunsgoil Phort Rìgh, a’ bhuaidh a bhiodh aig Bunsgoil ùr Ghàidhlig, na h-ostailean ’s an obair chàraidh agus ùrachaidh a bhiodh a dhìth orra (a chosgas £1.3m thar còig bliadhna) ged nach biodh sgoil Ghàidhlig ann.

Thuirt Drew Millar: “Tha mise gu math dòchasach, aon uair ’s gu bheil na pròiseactan seo sa Phlana Chalpa, gun tèid againn air sealltainn don Chomhairle gum bu chòir dhuinn tòiseachadh orra anns a’ bhad. Tha £1.5m againn mar-thà bho Riaghaltas na h-Alba son sgoil Ghàidhlig, chan eil mi faic­inn car son nach urrainn dhuinn planaichean a dhealbh agus tòis­eachadh air rathad a chur a-staigh gu làrach na sgoile. Car son nach fhaod sinn airgead an Riaghaltais a chleachdadh aon uair ’s gu bheil an sgoil sa Phlana Chalpa? Oir le bhith ga cur dhan Phlana, tha buidheann-riaghladh na Comh­airle ag ràdh: ‘Pàighidh sinn an t-airgead eile tha dhìth, oir gheibh sinn suas ri £4.5m bhon Riagh­altas.’ Agus dhòmhsa se ceum mòr air adh­art a bhios ann, ma chuireas a’ Chomhairle seo dhan Phlana Chalpa ùr.”

Tha tòrr a-nis an crochadh air an Tuairisgeul Ionmhais, agus an uair sin air rùn poilitigeach nan comhairlichean.

Back to the top of the page