O Chionn 80 Bliadhna: Bhon ‘Weekly Scotsman’, Di-Sathairne 3 Dùbhlachd 1932, le Aonghas MacEanraig

0
Have your say

THA mi daonnan a’ toirt iomraidh air a’ “Bhriathrachan Bheag” a chuireadh am mach o cheann iomadh bliadhna le Mr Calum Mac Phàrlain.

Is minig a thuirt mi nach eil gin d’a mheudachd a bh’air bàrr air ann an cunbhallachd mìneachaidh no an rogha ’s tagha litreachaidh. A bharrachd air a bhi ’na fhaclair neo-chumanta math, tha e, mar an ceudna, làn de riaghailtean brìgheil nach faighear ach gann an leabhar ’sam bith eile a thaobh sgrìobhadh is labhairt ar cainnte. Tha na riaghailtean so feumail do na h-uile neach leis am bu mhiann eolas coimhlionta fhaighinn air a’ Ghàidhlig, agus tha iad air an cur f’ar comhair cho sìmplidh is gu’m bheil iad ro fhurasd ionnsachadh.

Gabhamaid, mar eisimpleir, an fheadhainn a tha buntainn ri briseadh bhriathran aig deireadh sreith. Is e an cleachdadh ’sa Bheurla gu’m bi an ath shreith a’ tòiseachadh le consonant, ach ’sa Ghàidhlig tha’m modh coitcheann dìreach an rathad eile. Anns an àireamh is mò de fhacallan tha a’ cheud sreith a’ crìochnachadh le consonant, singilte no dùbailt, agus an ath sreith a’ tòiseachadh le vowel, no dha no trì vowels, mar a dh’fhaodas a bhith. Mar is trice, chan eil ann an deireadh nam facal fada ach litrichean a tha ’nan comharradh air mùthadh chruthan gramair, mar a tha fear, fearail, mór, mòrachd, nasg, nasgadh. Tha e soilleir gur còir do’n cheud chuid a bhi air a chumail còmhla agus a t-earrball a bhi air a ghiulan gu toiseach na h-ath shreith.

Back to the top of the page