Neo-eisimeileachd agus ‘beàrn na bochdainn’

Iain Swinney: cearcall beusach. Picture: Getty

Iain Swinney: cearcall beusach. Picture: Getty

0
Have your say

BHA RÙNAIRE an Ionmhais, Iain Swinney, san Agaidh Mhór Di-Luain mar phàirt de dh’iomairt anns a bheil buill Caibineat na h-Alba a’ tadhal air diofar àitean air feadh na dùthcha le beachdan agus fiosrachadh air neo-eisim­eileachd.

Thug e beagan ùine dha na meadhanan ro làimh nuair a shònraich e na puingean as motha a dh’iarradh e daoine a thuigsinn, agus a mhìnich e ciamar a ruigear na h-amasan sin.

Se bunait na h-argamaid gu bheil gach taobh ag aithneachadh gun gabh a dhèanamh, gum biodh an dùthaich comasach air beatha fa leth. Tha Alba aig ìre àrd (14) a réir tomhais beairteis an OECD – air thoiseach air an Fhraing, Iapan agus an còrr den Rìoghachd Aonaichte. Mar sin bhiodh gach cothrom ann gum faigheadh Alba iasad den airgead seilbh a bhiodh a dhìth an tois­each air son dèanadachd agus gnìomhachas a bhrosnachadh. Thuirt Mgr Swinney gun toir­eadh neo-eisimeileachd dhuinn “smachd air ar cuid saoibhreis agus stòras fhèin agus gun cleachdamaid cumhachdan ùra son cosnadh agus cothroman a chruthachadh, a bharrachd air a bhith a’ dèiligeadh ri bochdainn am measg a’ mhòrshluaigh”.

Ge-tà, chaidh fhaighneachd dha, mur eil an RA comasach air déiligeadh ri bochdainn ciamar a b’ urrainn do dhùthaich bheag mar Alba an gnothach a dhèanamh gus na daoine as miosa dheth a thoirt a-steach air beatha àbhaisteach na dùthcha? Ma tha Alba beartach, tha móran nach eil ga fhaicinn no ga fhaireachd­ainn fhathast. Fhreagair Mgr Swinney le bhith bruidhinn air “cearcall beusach” sam biodh airgead air a chur gu deagh chleachd ann an cruthachadh chothroman a bheireadh obair do dhaoine, a phàigheadh cìsean a chruthaich­eadh obair eile ’s mar sin air adhart, gus am biodh beartas ga sgaoileadh fada ’s farsaing. Bhiodh am pròiseas ro chudromach son fhàgail gu tur an làmhan prìobhaid­each. Tha na companaidhean móra fo uall­ach sgeama Energy Company Obligation (ECO) an-dràsta a thaobh gléidheadh lùths, ach dh’fhaodadh sin atharrachadh. “Leigeadh neo-eisimeileachd linn a dhol an sàs am bochd­ainn connaidh, a’ ceadachadh dhuinn uallach air son ECO agus Cobhair Dachannan Seasgair a thoirt bho na companaidhean connaidh ’s a chur an làmhan Riaghaltas na h-Alba, a’ dèiligeadh ri na cosgais­ean sin bho stòras nàiseanta ’s a’ cumail sruth an airgid ri leasachaidhean èif­eachdais connaidh.”

Bhiodh taic shònraichte ann don fheadhainn a th’ air a bhith greis a-mach á obair. Thuirt e gu bheil deagh dòighean obrach gan leasachadh le ùghdarrasan ionadail agus an “treas roinn”, na buidhnean saor-thoileach, ann a bhith a’ cuideachadh daoine a dh’ionnsaigh obair. Ge-tà, tha sgeamaichean riaghaltais na RA, leithid a’ Work Programme, “a’ dol an aghaidh nan dòighean smuaineachaidh ’s nan dòighean dèiligidh a dh’fhaodadh a bhith soirbheachail ann a bhith faigh­inn daoine air ais a dh’obair”.

Chaidh a’ choinneamh phob­lach gu math, bha e coltach. Bha mu 40 an làthair, àireamh a chòrd ris an luchd eagrachaidh,a bh’ air son a cumail a dh’aona ghnothach dlùth-chàirdeil, le àitean suidhe ann do 50 aig a’ char as àirde. Mar sin bha ùine gu leòr ann air son ceasnachadh.Chòrd sin ris an luchd éist­eachd, a thàinig a bhith nas coltaiche ri compàirtichean, mar gum bith­eadh. Thog Denny Fraser, 70, ceist a’ pheinnsein. “Tha mi air son neo-eisimeileachd ann am prionnsabal, ach mar iomadach duin’ eile tha mi air son a bhithcinn­teach gum faigh sinn ar peinnsean. ’S cinnteach gum faigh ’s tha mi toilichte a chluinntinn.”

Thuirt Tracy Wood, 43, “Thàin­ig sinn a dh’fhuireach dhan sgìre an-uiridh. Cha robh mise idir air son neo-eisimeileachd ach feum­aidh mi aideachadh nach eil mi faireachdainn buileach cho iom­againeach mu deidhinn, a-nis gun cuala mi Mgr Swinney.”

Bidh Angela Constance, Rùn­aire a’ Chaibineit air son Trèan­adh, Òigridh agus Cosnadh nam Ban, a’ tadhal air Comar nan Allt Di-Ciadain 25 Ògmhios.

seoncaimbeul@gmail.com

Back to the top of the page