Na h-uabhasan a thig a chéilidh am meadhan na h-oidhche

Share this article
0
Have your say

GUS mo chriomag fhìn a chur ri “Pròiseact Eagail”, bu toil leam liosta beag de na rudan a tha a’ cur eagal ormsa mun Reifreann a chompàirteachadh ruibh.

Tha eagal orm gu bhót sinn “Chan eil” air an 18mh agus gun gairm iad air an 19mh gun do lorg iad raon beartach ola siar air Sealtainn. Cha do mhìnich duine riamh car son a thadhail Dàibh­idh Camshron air Sealtainn air 22 Iuchar, a’ chiad uair ann an 34 bliadhna a chuir prìomh mhin­istear Breatannach cas air na h-eileanan sin.

Ma bhótas sinn “Chan eil”, tha eagal orm gun caill sinn ar sgioba eadar-nàiseanta ball-coise. Aontaichidh buill FIFA, “Rinn na blaomastairean ud suas an inn­tinn nach eil iad ’nan dùthaich idir. Cha bu chòir sgioba bhith aca.” Creidibh mise – tachraidh e.

Tha eagal orm, ge b’e dé thach­ras air an 18mh, gum fairich móran ann an Sasainn gum bu chòir Albannaich a pheanasachadh son mì-dhìlseachd. Tha pol­aichean a’ dearbhadh gur ann mar sin a tha a’ chùis. Tha iom­airt “Chan eil” air cur gu mór ris a’ ghamhlas, a’ cumail a-mach mar eisimpleir gur ann leis an Rìoghachd Aonaichte a tha an Not ’s nach ann idir le Alba. ’S tha eachdraidh (bho àm Chùil Lod­air gu àm Gordon Brown) a’ sealltainn nach eil beachd an t-sluaigh ann an Sasainn a’ faicinn diofair eadar Albannaich a tha dìleas agus Albannaich nach eil.

Mar sin, ge b’e dé an taobh a bhótas tu, thoir an air’ ort fhéin ma théid thu Lunnainn. Faighneachd do na h-Éireannaich ciamar a bha e dhaibhsan sna 70an ’s na 80an. Bha blas Éireannach a’ dèanamh bomair dhiot.

Nis, tha eagal orm gum faigh UKIP cothromachd a’ chumhachd aig Westminster san ath thaghadh coitcheann. Se am poileasaidh acasan tarraing ás an Aonadh Eòrpach – a’ sgrios nam margaidhean againn – agus stad a chur air inimrich – càit am faigheamaid an luchd-obrach a chumas na seirbheisean againn a’ dol? B’ fheàrr dhuinn siud uile a sheachnadh le bhót son neo-
eisimeileachd. Dh’atharraich UKIP an inntinn a thaobh cur ás do Phàrlamaid na h-Alba, ach ma bheir “Nas Fheàrr Còmhla” cus misnich dhaibh, smaoinichidh iad mun chùis a-rithist.

Tha a h-uile teans gun cuir Westminster air dòigh reifreann mun Roinn Eòrpa ann an 2016 no ’17, ’s gum bhót muinntir na RA son an RE fhàgail. Nas lugha na gun do thagh sinne neo-eis­imeileachd, cha bhi guth againn. Fo neo-eisimeileachd, faodaidh sinn ar reifreann fhìn a chur air dòigh gus obrachadh a-mach dé bu chòir a dhèanamh.

’S tha eagal orm nach cum luchd-poileataigs Westminster ris na geallaidhean aca. Seall na thuirt Cléireach Taigh nan Cum­antan, Sir Raibeart Rogers, ris a’ Ghuardian air 25 Iuchar (bha e fàgail a dhreuchd, sin nuair a gheibh thu an fhìrinn): “If it is ‘No’ by a relatively small majority, there will be devo max and more powers passed to the Scottish parliament.”

Mar sin, mar as motha a’ bhot an aghaidh neo-eisimeileachd, sann as lugha an coltas gum faigh sinn cumhachdan a bharr­achd.

Tha mi faicinn aon dòigh air an trom-lighe a sheachnadh. Gu fortanach, tha iomairt “Thà” stéidhte air dòchas, dùbhlan, obair chruaidh, féin-mhisneach, càirdeas, coimhearsnachd, coth­rom, cothromachd, agus, seadh, gaol. Chan ann ach am meadhan na h-oidhche a thig na h-uabhasan a chéilidh oirnn . . .