Muinntir Hirt – tha na briathran math, ach tha dealbhan nas dramàtaiche ann

Dh'fhaodte gun deach an dealbh seo a thogail anns na 1920an. Nach � a bhiodh math nan robh fios againn air ainmean a' bhrogaich 's a' bhoireannaich, a tha air an rathad dhachaigh tron Lag, eadar Conachair agus �iseabhal, le gugannan bho na creagan air taobh an ear-thuath an eilein. Ach tha fios againn air ainmean nan eilean co-dhi�. Am fear m�r air an c�laibh se Boighreigh. Chan e aon eilean beag ach a dh� a chithear air an l�imh chl� ' Stac an �rmainn, le Stac L� air a bheulaibh
Dh'fhaodte gun deach an dealbh seo a thogail anns na 1920an. Nach � a bhiodh math nan robh fios againn air ainmean a' bhrogaich 's a' bhoireannaich, a tha air an rathad dhachaigh tron Lag, eadar Conachair agus �iseabhal, le gugannan bho na creagan air taobh an ear-thuath an eilein. Ach tha fios againn air ainmean nan eilean co-dhi�. Am fear m�r air an c�laibh se Boighreigh. Chan e aon eilean beag ach a dh� a chithear air an l�imh chl� ' Stac an �rmainn, le Stac L� air a bheulaibh
Share this article
0
Have your say

Tha an saoghal seo làn annasan. Chuir Birlinn leabhar thugainn a bha a’ coimhead gasta, gun teagamh. Roger Hutchinson, St Kilda: A People’s History (Birlinn, còmhdach-cruaidh £20). Ah, arsa mise an toiseach, leabhar eile mu Hiort. Nach deach na ceudan dhiubh a sgrìobhadh. Nach do rannsaich Màiri Harman, gu sònraichte, a h-uile cùil agus cèal de dh’eachdraidh an eilein anns an leabhar aicese An Isle called Hirte: History and Culture of the St Kildans to 1930, a thàinig a-mach ann an 1997?

An uair sin, chuir mi mo shùil ann, ’s nach mì a fhuair an t-iongnadh. Oir lorg Hutchinson rudeigin ùr ri ràdh. Dh’ùisnich e sgilean na h-eachdraidh-beatha a gheuraich e air leithid James Boswell agus Bodach an t-Siabainn agus Calum an Rathaid, ’s fhuair e staigh do chinn nan daoine tro na linntean – chan e mhàin muinntir an eilein ach iadsan a thàinig a thadhal orra, eadar ’s gur h-e Colla Ciotach, Màrtainn Màrtainn, Alastair Buchan, Lady Grange, Coinneach MacAmhlaigh, Edward Clarke, John MacCulloch, Alastair MacilleMhìcheil, John Sands no Iain MacAoidh. ’S tha snàidhlean inntinneach eile a’ ruith tron leabhar. An robh muinntir Hirt toilichte le’n cuid? An robh Hiort, ’s e a-muigh an-siud sa chuan leis fhéin, ’na sheòrsa de phàrras gun smal anns an robh gach duine co-ionnan mar ann am poblachd bheag Ghreugach o shean? An robh pàrlamaid an eilein ’na ball-sampaill do gach coimhearsnachd eile?

Tha ceistean den t-seòrsa sin a’ toirt brìgh a bharrachd dhan leabhar – agus a’ mìneachadh car son a chaidh muinntir Hirt ’nam mionn-sùla dha na mìltean de luchd-turais, agus dha’n cuid chamarathan, anns an lethcheud bliadhna mu dheireadh a chum iad ris a’ chnap chreigeadh aca.

Tha cuid de na dealbhan a thog an luchd-turais sin anns an leabhar. Ach an uair a dh’iarr sinn air muinntir Birlinn té na dhà dhe na h-ìomhaighean a chur thugainn gus an sealltainn gu grinn an seo, bha sinn air ar beò-ghlacadh leis na chuir iad thugainn, oir 'nam measg bha beairteas iongantach de dhealbhan bho Urras Nàiseanta na h-Alba agus bho Thasglann George Washington Wilson aig Oilthigh Obar Dheathain, móran dhiubh nach eil anns an leabhar idir, a' sealltainn gaisgich Hirt agus greim bàis aca le slat air amhaich nan sùlairean òga 's an cuan ri fhaicinn a' bualadh nan creag mìle troigh fodhpa, neo ìomhaighean nas foirmeil de Hiortaich ’s iad cho uasal ged a tha iad cas-rùisgte. Gu mì-fhortanach chaidh innse dhomh nach fhaod mi gin dhiubh siud a shealltainn an seo bho nach eil iad anns an leabhar – ach tha siud a' togail na ceiste, car son nach eil iad ann, leis gun robh iad aig Birlinn?

Seo léirmheas air na tha anns an leabhar, ma-tà, chan ann ann am faclan a-mhàin, ach cuideachd ann an dà de na dealbhan, far a bheil an leughadair air a tharraing chun nan sùilean. Bha sùil chruinn aig an t-saoghal a-muigh air muinntir Hirt, agus bha sùil gheur aig muinntir Hirt air na camarathan a thug an saoghal leis. B'e tiotal an deilbh shios "St Kilda Maids and Maidens", agus chaidh a thogail a réir choltais air an t-sràid anns a' bhaile ann an 1886. Tha Hutchinson a' mìneachadh gun do thòisich na h-eileanaich mun àm seo a' tabhann nan clòithtean aca ri'n reic ris an luchd-turais, ’s gur e sin as coireach gu bheil dà phlaide ri'm faicinn crochte ris a' bhalla. Tha Susan Bain, Manaidsear nan Eileanan Siar aig an Urras Nàiseanta, a' tuairmse gun deach an dealbh eile a thogail anns na 1920an.