Moladh air Ailig O’Henley

0
Have your say

THA Seonaidh Ailig Mac a’ Phearsain air a bhith a’ deanamh luaidh air Aonghas Pàdraig Caimbeul á Uibhist a-Deas, a chaidh a thaghadh mar neach-naidheachd Gàidhlig na bliadhna. Tha e, gu dearbha, airidh air an urram..

Bu mhath leamsa moladh a dheanamh air Deasach eile, an craoladair Ailig O’Henley á Gearraidh na Mònadh, a chluinnear gach madainn a’ toirt iomradh air spòrs.

Tha guth tlachdmhor siùbhlach aig Ailig, agus tha eòlas aige, gu h-àraid air ball coise, nach eil aig duine eile a bhruidhneas Gàidhlig. Bruidhnidh e gu pongail agus gu fiosrachail air cluicheadairean agus sgiobaidhean, chan ann a-mhàin an Alba ’s am Breatann, ach bho dhùthchannan air feadh na Roinn Eòrpa.

Is toigh leam mar a bhios e ag aithris air geamannan ball coise. Air BBC Alba dà Dhi-Sathairne air ais bha e a’ bruidhinn mu gheam eadar Tobar na Màthar agus Caley Thistle Inbhir Nis aig Fir Park. Bha an aithris air a clàradh agus a’ dol a-mach aig còig uairean feasgar. Bha mi aig a’ gheam agus air dhomh faighinn dhachaigh chunnaic mi e a-rithist agus dh’èist mi ri guth tlachdmhor Ailig agus ri Gàidhlig fhallain bheòthail. Bruidhnidh e gu sèimh, socair, gu tuigseach, gun bhòilich. Chòrd e gu glan rium.

Tha briathrachas aig Ailig a tha a’ toirt dealbh gu soilleir ann an Gàidhlig, nach cualas roimhe ach ann am Beurla. Thuirt e, “Ghoid e am ball bho shròn na bròige aige.” Agus: “Nam biodh e air a bhith beagan na bu stòlda a’ biathadh Calum Higginbotham air an làimh chlì ’s dòcha gum biodh am ball anns an lìon.”

Bhiodh e feumail do luchd ionnsachaidh èisteachd ri aithris ball coise air BBC Alba.

Tormod E Dòmhnallach

Back to the top of the page