‘Math do bhoireannaich ’s do chlann’

Boireannaich air a' mhe�rrs son na neo-eisimeileachd 's na G�idhlig an D�n �ideann air 21 Sultain
Boireannaich air a' mhe�rrs son na neo-eisimeileachd 's na G�idhlig an D�n �ideann air 21 Sultain
Share this article
0
Have your say

AM bu chòir do dh’Alba a bhith ’na dùthaich neo-eisim­eileach? Bu chòir gun teagamh. Sin mar a tha mise dol a bhòtadh co-dhiù. Se ceist shìmplidh a tha ann dhòmhsa. Tha sinn làn chom­asach smachd a ghabhail air na gnothaichean againn fhìn agus tha e ciallach agus iomchaidh an dleastanas sin a choileanadh.

Tha an dùthaich bheag againn anabarrach beartach a réir gach tomhais oifigeil. Dh’fhaodadh Alba seasadh air a casan fhéin. Fiùs ás aonais na h-ola bhiodh econamaidh fallain againn.

Mar sin chan e ceist “am b’ urrainn” a tha fanear dhuinn idir, ged a tha móran sna meadhanan ro dhéidheil car a chur air gnothaichean mar gur e nàdar de fo-chreutairean a tha annainn nach eil comasach air an dùth­aich againn fhìn a riaghladh.

Ge-tà chan e dìth mhisneachd a tha mise faighinn agus mi a’ dol mun cuairt na dorsan le bil­eagan taiceil do neo-eisimeil­eachd. Is iongantach an uiread a tha a’ cur fàilte chridheil air naidheachdan brosnachail mun reifreann. Chanainn-sa gu bheil sin gu h-àraidh fìor ás leth nam boireannach. Ged a tha fireann­aich buailteach coimhead air gnothaichean mar gur e geama eadar dà sgioba ball-coise a tha ann ’s iad deònach an taic a thoirt don sgioba aca fhéin, buaidh no bàs, tha na boireann­aich fada nas comasaiche coimh­ead air an dealbh mhór.

Sin a dh’fhairich mi cuideachd air a’ chaismeachd air son neo-eis­imeileachd tro shràidean Dhùn Éideann san t-Sultain ’s aig a’ chuirm-chnuic air Cnoc a’ Chal­tainn. Bha fireannaich ann ’nam mìltean le’n cuid bhratach, ag eubhachd asta ’s a’ coimhead dàna gu leòr. Ach sann le na boir­eannaich a bha an latha. Feadhainn aosta, cuid dhiubh ann an seathraichean cuibhle air neo an taic an càirdean a’ cois­eachd gu slaodach, ceum air cheum, an àirde a’ chnuic. Bha màthraichean òga ann, móran dhiubh le’n cuid chloinne mu’n glùinean air neo ann am pram­aichean, feadhainn air a’ chìch. Thòisich buidheann de bhoir­eannaich a’ dèanamh ruidhle ’s iad a’ toirt air a h-uile duine a bha dol seachad a thighinn a-steach air an danns, mar gur ann aig banais a bha iad.

Bha boireannaich ás iomadh sluagh agus cinneadh an làthair eadar Sìnich, muinntir Phakistan agus India agus Pólaich cho math ri gu leòr á Sasainn. Dh’innis iad uile dhomh mun tlachd a tha iad a’ faireachdainn a bhith ’nan Albannaich. Bhruidh­inn mi ri té á freumhan Afraganach a dh’aith­ris briathran Dhante Alighieri rium san Eadailtis. Bha a mac, 10, ri taobh, a dh’innis gu modh­ail cho toilichte ’s a tha e gun tàinig iad a dh’fhuireach a dh’Alba.

Bhruidhinn mi ri boireann­aich ás a’ Bhreatainn Bhig, á Catalùnia ’s á Flanndrais, a thàinig a-nall air son an taic a shealltainn ’s iad an dùil ’s an dòchas gun tig piseach air na cùisean aca fhéin nuair a gheibh sinne neo-eisim­eileachd.

Tha rudan a ghabhas tomhais le figearan agus rudan eile a tha sinn a’ faireachdainn. Tha e glé choltach gum biodh Alba neo-eisimeileach ’na dùthaich mhath do bhoireannaich ’s do chlann oir se sin an fhaireachdainn a tha tighinn gu bàrr am measg an fheadhainn a tha air a shon. Tha sealladh sònraichte aig boireannaich òga, anam agus beatha na dùthcha. Tha iad a’ faicinn Alba ùr, far am faigh iad cothrom na comasan cruthachail aca a chur gu cleachd chum maith na h-uile.

Le bhith a’ cur comharrachadh air pìos pàipeir Diar-Daoin 14 Sultain 2014 is urrainn dhuinn obrachadh còmhla gus dìleab thar prìs a thoirt don òigridh. An dùthaich aca fhéin.

• Thill Seonaidh Caimbeul, 58 (a rugadh ann an Glaschu ’s a thogadh ann an Siorrachd Lannraig) a dh’fhuireach do sheann taigh a sheanar faisg air an Agaidh Mhór. Tha e a’ tairgse seirbheis­ean rannsachaidh/sgrìobh­aidh ’s tha e ’na bhall de dh’iomairt “Bu Chòir” Bhàideanaich ’s Shrath Spé.