Mar chaidh a’ ghrian fodha air balaich Nis

Share this article
0
Have your say

“Tha na Gearmailtich a’ cleachd­adh deatach mharbhtach anns a’ chogadh air tìr; aig muir, tha bàtaichean-aigeil an nàmhaid a’ sireadh agus a’ toirt ionnsaigh air bàtaichean marsanta; anns an adhar, thathar a’ toirt ionnsaigh le bomaichean air sìobhaltaich, a’ toirt meudachd eagalach air a’ chòmhstri; agus tha iomairt nan Dardanelles agus Gallipoli a’ fàilligeadh gu tur.”

Sin agaibh cunntas goirid air a’ bhliadhna 1915 bhon leabhar ùr eireachdail The Going Down of the Sun: The Great War and a Rural Lewis Community / Dol Fodha na Grèine: Buaidh a’ Chogaidh Mhòir – Nis gu Baile an Truiseil (Acair, £19.99), a bh’ air a dheasachadh le Dòmh­nall Alasdair Moireasdan le taic bho Anna NicSuain agus Iain G Dòmhnallach.

Cha bhi e furasta ceartas a dhèanamh dhan leabhar thom­adach seo, ach feuchaidh sinn. Feumar a ràdh an toiseach gu bheil a’ phrìs ga bhreugnachadh: fhuair am pròiseact taic bhon Chrannchur Nàiseanta ’s mura b’e sin tha mi cinnteach gun cosgadh an leabhar fada fada a bharrachd. Cuideachd tha Dòmhnall Alasdair Moireasdan a’ cumail a-mach “nach eil càil as ùr ann”, ach bhiodh e a-cheart cho fìor a ràdh gu bheil a h-uile rud mu dheidhinn ùr – an deilbh phrof­eiseanta; an coltas grinn; an t-eòl­as agus an teicneòlas a chaidh a chleachdadh gus am fiosrachadh a chruinneachadh ’s a thoirt gu chéile; agus spiorad an linn anns a bheil sinn beò, a tha a’ cur a’ chuideam air fìrinn, fiùs nuair a tha i gar fàgail mì-chomhartail, ’s a tha a’ faighneachd daonnan: “Co ris a bha e coltach?”

Ma tha thu á gin den fhichead baile eadar Sgiogarstaigh agus Baile an Truiseil, tha fios gum bi thu son lethbhreac den leabh­ar seo a bhith anns an teaghlach agad. Ged nach eil, is d’fhiach a cheannach, ach bidh thu air son fios a bhith agad ro làimh dé gheibh thu son do chuid airgid.

Tha naoi earrannan ann. An toiseach, ann am Beurla, iomradh air na diofar sheirbheisean agus réisimeidean anns an robh bal­aich Nis, le na h-àireamhan de dhaoine ás gach baile a bh’ anns gach gin, agus na h-àireamhan dhiubh sin a chailleadh. A réir choltais, b’e Dail fo Dheas a chuir an t-suim bu mhotha de dh’fhir chun a’ chogaidh – 94. Ás na 94 sin, chailleadh 27. Ach chan eil ach 18 bailtean air an ainmeachadh an seo. Dé a dh’éirich do Ghabhsann ’s do Mhealbost?

An uair sin tha eachdraidh a’ chogaidh ann, agus iomradh air call an Iolaire, le cunntas air na Nisich a chaill am beatha oirre. Tha pàirtean dheth seo ann an Gàidhlig.

Se an ceathramh earrann “Bha mi ann / I was there” – cuimhneachain air a’ chogadh anns na faclan aig 17 fir a chaidh a chlàradh. An cóigeamh se “Aig an Taigh / At home”, na cuimhneachain aig triùir a bha aig aois sgoile air feadh a’ chogaidh. Tha an dà earrann seo ann an Gàidhlig, le eadar-theangachaidhean Beurla. Air uairean bha mi a’ fair­eachdainn gum faodadh an tar-sgrìobhadh Gàidhlig a bhith na b’ fheàrr.

An uair sin tha earrann anns a bheil litrichean dhachaigh, le dealbhan agus tar-sgrìobhaidh­ean dhiubh. Uile ann am Beurla ach na faclan beaga “Slan lat” a bhiodh Ruairidh Thàididh á Dail bho Dheas a’ cleachdadh – cha chreid mi gum faigheadh litir Ghàidhlig seachad air an censor co-dhiù. B’i seo an earrann bu mhotha a chòrd riumsa.

Tha pàirt 7 air a thoirt seachad do charraighean-cuimhne ’s do dh’uaighean cogaidh, le dealbh­an de dhaoine, sean agus òg, a’ dol gan coimhead, no a’ frith­eal­adh sheirbheisean cuimhneach­aidh. Bloighean Gàidhlig ann.

Se pàirt 8 “Dìleab Cogaidh”, earrann ghoirid Bheurla mun chruaidh-chàs ann an Leódhas anns na bliadhnachan as déidh a’ chogaidh.

Tha am pàirt mu dheireadh, “Clàr nan Gaisgeach”, a’ toirt suas beagan fo dhà cheud taobh-duilleig – faisg air dara leth an leabh­air. Tha e ’na “eachdraidh croite”, air a chur air dòigh a réir a’ bhaile ’s a réir àireamh an lot anns a’ bhaile sin. A’ toirt dhuinn, ann am Beurla mar as àbhaist, tòrr dhen aon fhiosrachadh ’s a tha “eachdraidhean croite” a’ toirt dhuinn, ach nach eil air an liostadh ach na fir a ghabh pàirt sna seirbheisean armaichte sa Chiad Chogadh, le beagan air na rinn iad ’s na dh’éirich dhaibh. Gu eisimpleir a ghabhail air thuaiream, bho 1 Tàbost bha “DONALD MORRISON / Dòmh­nall Sheocain / d. November 1979 age 83 / Sergeant Seaforths / Ser­ved in France 1914 until May 1918 / Twice wounded and gassed.” Tha cuid de na h-inntrigean nas fhaide na sin, cuid nas giorra.

Ge b’e dé an earrann anns a bheil thu, tha pìosan de bhàrd­achd Ghàidhlig ann ’s tha deal­bhan camara de na gaisgich a’ coimhead a-mach ort. Uaireannan tha thu air do tharraing gu doimhneachd nan sùilean ’s tha thu ag ràdh, “Dé nach fhaca tusa?”

Uaireannan tha na gillean a’ coimhead sunndach, gleansach, toilichte ’nan aodach airm no néibhidh, ’s tha thu ’g ràdh, “A bhalaich ort, sann aig toiseach ghnothaichean a thogadh iad dealbhan. ’S cinnteach gun tuirt iad gum biodh e seachad ron Nollaig ’s gun do chreid thu iad. Chan fhaca tusa càil fhathast.”

Uaireannan se bòidhchead no neoichiontachd na h-òige as motha a tha ga do bhualadh, ’s tha thu ’g ràdh, “Se eucoir nan eucoir a th’ anns a’ chogadh.” Cuiridh tu an teilidh air, agus dé th’ ann ach naidheachd mu ISIS agus mu uabhasan ann an Siria neo Iraq – “Mesopotamia”, far an robh cuid a bhalaich Nis a’ sabaid bho chionn ceud bliadhna . . .

Clach mhìorbhaileach air càrn balaich Nis. Ar mìle meal-an-naidh­eachd air Comann Each­draidh Nis agus air Acair.