Lìonaibh ur glainneachan: Tìr nam Beann, an Leann, ’s nan Gaisgeach!

Uisge-beatha gu leor& ach an duil an robh an leann uaireigin a cheart cho pailt am measg nan Gaidheal?

Uisge-beatha gu leor& ach an duil an robh an leann uaireigin a cheart cho pailt am measg nan Gaidheal?

0
Have your say

Na bodaich cruinn còmhla mun bhòrd agus dramaichean a’ dol timcheall, botal uisge-bheatha ga thràghadh, agus ùidh ar n-ùidh an làn-aighear a’ tionndadh gu leann-dubh: siud an dealbh àbhaisteach a bhios againn de dhòigh dèiligidh nan Gàidheal ris an deoch làidir. Ach an dùil a bheil sgeul eile ri innse, sgeul gu tur eadar-dhealaichte? Anns na linntean a dh’aom, dè seòrsa sùgh an eòrna am b’ fheàrr leis na Gàidheil co-dhiù: tè mhòr gharg – no pinnt copach leanna?

Bho chionn còrr agus trì cheud bliadhna, thug an Sgitheanach Màrtainn Màrtainn grunn chuairtean timcheall eileanan na Gàidhealtachd. Anns an leabhar ainmeil A Description of the Western Islands of Scotland, dh’fhàg e againn cunntasan prìseil mu na chunnaic agus mu na chuala e air a thurais. Aon rud a tha a’ tighinn troimhe gu math follaiseach, ’s e sin cho dèidheil ’s a bha muinntir nan eilean air leann, agus cho eòlach ealanta ’s a bha iad mu obair na grùdaireachd.

Innsidh am Màrtainneach dhuinn mar a bhiodh Sgitheanaich agus Tiristich – agus ’s dòcha iomadach eileanach eile cho math – a’ gleidheadh na beirme aca ann an slataig dharaich a chaidh a ghoil ann am brailis no wort. Ann an Leòdhas agus Tiriodh, bhite a’ cumail an cuid leanna fhèin ann an soithichean crèadha. Ach chan e botail bheaga a bha sa cheist an seo idir – ghabhadh feadhainn de na soithichean ann an Tiriodh làn dusan galan.

Gu dearbh, b’ iad na Tiristich a choisinn an cliù a b’ àirde airson grùdaireachd leanna. Bha an t-eilean aca, ‘tìr ìosal an eòrna’, na laighe tarsainn air na slighean-mara dùmhail eadar deas agus tuath, agus chan eil e na iongnadh idir ged a bhiodh seòladairean cho math ri eileanaich a’ tadhal air na trì taighean-seinnse an sin. Tha Màrtainn ag aithris naidheachd bheag èibhinn mu mar a b’ urrainn dha òstair Tiristeach an leann aige a dhèanamh na bu treasa airson luchd-turais nam b’ fheàrr leotha blas na bu bheothaile.

Faodaidh e bhith gun robh eòlas sgapte fad is farsaing mu ghrùdaireachd leanna seach anns na taighean-seinnse a-mhàin. A rèir Mhàrtainn Mhàrtainn, ann an Leòdhas bha e mar uallach air gach teaghlach ann an Sgìre Nis dà ghalan de leann a dhèanamh mu choinneimh Oidhche Shamhna. B’ e siud an oidhche nuair a dheigheadh copan leanna a dhòrtadh anns na sualaichean: preusant dha ‘Seonaidh’, ach an cuireadh an creutair dìomhair sin na h-ultaichean de dh’fheamainn air tìr mar thodhar airson na h-ath bhliadhn’. Chan eil rian nach slugadh na Nisich suas an còrr den leann a rinn iad aig a’ hòro-gheallaidh às dèidh sin, pàrtaidh mòr a mhaireadh fad na h-oidhche gu àm èirigh na grèine.

A-rithist, tha Màrtainn a’ toirt iomradh inntinneach air droch isean air choreigin – dh’fhaodadh e bhith gum b’ e Sgitheanach a bh’ ann – a bhiodh ri orthachan no charms. Ach cha b’ ann gus toradh a thoirt às a’ bhainne a bha seo idir, ach airson a’ bhrìgh a ghoid à leann a nàbaidh. Ma ghabhas sinn uile còmhla iad, tha fianaisean beaga da leithid a’ cur an cèill gun robh uair ann, dh’fhaodadh e bhith, nuair a bha òl an leanna a cheart cho bitheanta anns na h-eileanan ’s a bha e ann an taighean-seinnse Shasainn.

Nise, chan eil sin ri ràdh idir nach robh uisge-beatha fèillmhor aig an àm ud am measg nan eileanach. Mar bu trice, ge-tà, b’ ann air sgàth adhbharan slàinte, ma b’ fhìor, a ghabhadh tu tè bheag. Tha Màrtainn a’ cur air shùilean dhuinn gum b’ iad muinntir nan eilean mu thuath a bha sònraichte titheach air an dram, leis cho fuar agus cho fliuch ’s a bha an tìde an sin – agus, ann an shiud, bha muinntir Leòdhais ceum air thoiseach air càch. Siud dream a bha cho dàna ’s gun dèanadh iad uisge-beatha air a tharraing ceithir thurais: an ‘t-uisge-beatha ball’ a dh’fhàgadh tu flat air do dhruim, an uchd a’ bhàis.

Ach dè thachair? Carson a thàinig atharrachadh air dòighean òil nan eileanach? Dh’fhaodadh e bhith, ri linn fàs sluagh nan eilean anns an ochdamh linn deug, nach robh eòrna gu leòr air fhàgail aca airson grùdaireachd. A-rithist, leis mar a bha uisge-beatha tòrr na b’ fhasa a ghiùlain, bha a thuar gun dèanadh e sin bathar na bu ghoireasaiche airson reic thall ’s a-bhos, gu laghail air neo gu mì-laghail. Ach dh’fhaodadh e bhith cuideachd gun robh, gu math sìmplidh, fasanan ann an deoch ag atharrachadh.

Bhon chòigeamh linn deug air adhart, bhiodh marsantan, seòladairean, saighdearan agus spùinneadairean bhon Roinn Eòrpa a’ siubhal agus a’ sabaid air feadh an t-saoghail. Bho na tìrean cèin air an do thadhail iad, thug iad air ais bathar annasach, na mheasg spìosraidh agus drogaichean ùra àraid leithid cofaidh, teatha, teòclaid agus siùcair. A bheil e iongantach idir ged nach do dh’fhàs deifir sheòrsachan de dheoch làidir – droga dhùthchasach na h-Eòrpa, mar gum b’ eadh – fèillmhor am measg a’ mhòr-shluaigh goirid às dèidh seo: branndaidh, bhodca agus, thairis air gach deoch eile, sineabhar. An dùil an gabhadh e bhith gun robh am fàs a thàinig air malairt uisge-beatha na Gàidhealtachd mun aon àm mar phàirt den fhasan ùr Eòrpach a bha seo? An dùil an robh uaireigin barrachd air aon dòigh air an gabhadh tu deoch-slàinte na cuideachd air a’ Ghàidhealtachd?

lTha Domhnall Uilleam Stiùbhart na àrd-òraidiche ann an cultar dùthchasach agus eachdraidh na Gàidhealtachd aig Sabhal Mòr Ostaig. www. smo.uhi.ac.uk

O CHIONN 80 BLIADHNA – ON WEEKLY SCOTSMAN, 21 MÀRT 1936

Tha a’ Ghàidhealtachd saibhir am féidh, ach chan eil iad air am faicinn ach ainneamh le luchd-amhairc an t-samhraidh. Tha iad ’san àm sin gu h-àrd, ’sna firichean agus cha tig iad le bruthach cho fad ’sa chì iad duine air fàire.

Chan fhaod sinn a bhi càineadh nam fiadh ged a tha iad air uairibh car croiseil. Tha iad a’ cur sealladh air ar monaidhean, agus, mur b’ i iad, cha bhiodh ar sealgairean foghair ach tearc. Tha iad furasd a leantainn o thoiseach a’ gheamhraidh gu meadhoin an t-samhraidh, ach ré a’ chòrr de’n ùine tha iad furachail, cùirteil agus dùbailte astarach. Is e sin a chuir uiread de mheas orra leis a’ mhuinntir le’n gasda bhi siubhal bheann le gunna fo’n achlais. Tha iad am bliadhna air bheag clì an iomadh frith leis mar a bha ’n teachd-an-tir air a dhùnadh am mach orra le anabarr sneachda. Ged a bha iad a’ faighinn biadh-làimhe an iomadh àite cha dèanadh sin a’ suas ach dona air son gainne ionaltraidh. An uair a thig feur ùr an t-samhraidh cha bhi iad fada a’ fàs làidir, reamhar, ach eadar so is sin tha móran aca ri fhulang.

Am feadh ’sa tha ’m feur bog, anabuich chan eil móran stàth no spionnaidh ann air son càil nan ainmhidhean so a chur am feabhas, agus is ann a tha e cunnartach gur ann a nì e coire dhaibh an àite feum. Tha dòchas nach tig geamhradh cho gailleannach gu ceann fada.

AONGHAS MacEANRAIG

GAELIC GUIDE FOR LEARNERS

Today we start a new weekly feature in An t-Albannach - Gaelic for learners, which has been requested by some of our regular readers of the page.

Every Saturday, we will use a mix of English and Gaelic to help existing learners, or those who would like to start.

We begin today with advice on the best ways of learning Gaelic, which looks like a difficult task with orthography and structures appearing quite alien to most beginners. We envy children who pick up languages by simply being immersed in them. However adults learn languages in a different way, and we have to put more work in, learn in a more structured way.

A variety of courses use different learning styles to suit different kinds of people. No matter which way you choose, the most important part is to practise regularly, use material online, books, radio or TV and do a little bit every other day.

Don’t be shy. Practise speaking, not just listening, so try to find someone else who is learning and meet for a weekly Gaelic chat, online or in person. Find things that you enjoy about Gaelic and use them, enjoy them, and you will soon see a big difference.

Chì sinn an ath-sheachdain sibh (see you next week!)

Sabhal Mòr Ostaig offers Gaelic learning opportunities at the College and by distance- learning. www. smo.uhi.ac.uk

PLACE NAME OF THE WEEK

Linlithgow - Gleann Iucha

The name Linlithgow (first recorded in 1138 as Linlidcu) is of ‘British’ origin, that is, a language that existed in Scotland before Gaelic or Scots, and is related to modern Welsh. In all likelihood the name meant ‘the pool of the damp or grey hollow’, relating to what is now Linlithgow Loch. The modern Gaelic form of the name, Gleann Iucha, is probably the result of a Gaelic reinterpretation of this name into Gleann Fhliuch Chu meaning ‘the glen of the wet hollow’ which was changed in natural speech to Gleann Iucha. (The fh- is silent in Gaelic). Moreover, the name was reinterpreted again by Gaelic speakers as Linn Liath Chù, ‘the pool of the grey dog’. Locally, the burgh crest depicts a black dog, whilst locals call themselves ‘Black Bitches’.

For more information visit Ainmean-Àite na h-Alba at www.ainmean-aite.org

Back to the top of the page