Leasachadh ùr Bhaile na Cille Bige air fhosgladh le Sturgeon

Nicola Sturgeon, BPA, Ciad Mhinistear na h-Alba a' fosgladh Ionad Iain Nobail aig Sabhal M�r Ostaig.

Nicola Sturgeon, BPA, Ciad Mhinistear na h-Alba a' fosgladh Ionad Iain Nobail aig Sabhal M�r Ostaig.

Share this article
0
Have your say

Chaidh a’ chiad togalach an lùib Leasachadh na Cille Bige fhosgladh gu h-oifigeil air Diciadain 21 Dàmhair le Ciad Mhinistear na dùthcha, Nicola Sturgeon BPA. ‘S e “Ionad Iain Nobail” a thugadh air an togalach ùr aig Sabhal Mòr Ostaig OGE, an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig, air ainmeachadh air Sir Iain Nobail, nach maireann, fear a bha gu mòr an sàs ann a bhith stèidheachadh na Colaiste o chionn còrr is 40 bliadhna.

Thòisich obair air Ìre 1 den phròiseact mhòr, ùr, ‘Leasachadh Baile na Cille Bige’, a tha air a stiùireadh le Sabhal Mòr Ostaig, ann an Slèite san Eilean Sgitheanach sa Mhàrt 2014. Cho math ri seirbheisean is bun-structar, ris an tèid eileamaidean eile de Mhòr-phlana Baile na Cille Bige a chur, chaidh Ionad Iain Nobail a thogail airson Obair Sgoilearachd, Rannsachaidh, Aiseag Eòlais agus Tionnsgalachd. Tha pàirt den ionad ùr seo cuideachd na dhachaigh do luchd-obrach na Colaiste a b’ àbhaist a bhith ag obair san t-seann ‘shabhal’ aig Àrainn Ostaig.

Thuirt am Morair Minginis , Cathraiche a’ Bhùird Stiùiridh aig an t-Sabhal Mhòr: “Tha mi airson meal-a-naidheachd a chur air a h-uile duine a thug sinn gu far am bheil sinn an-diugh. Tha iad ro lìonmhor airson an ainmeachadh ach bhiodh e iomchaidh taing a thoirt dhan riaghaltas airson an taic aig a h-uile ìre dhen iomairt. Tha sinn cuideachd gu mòr an eisimeil gach buidheann a chuidich le maoineachadh.”

Fhuaireas taic-airgid le cosgaisean £6.2m airson Ìre 1 den leasachadh aig a’ Chill Bhig bho Chomhairle Mhaoineachaidh na h-Alba, Riaghaltas na h-Alba, Mhaoin Leasachaidh Roinnean na h-Eòrpa (Convergence) aig an Aonadh Eòrpach, Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean, Chomhairle na Gàidhealtachd agus Urras Leasachaidh Sabhal Mòr Ostaig, a tha a’ gabhail a-steach Maoin na Gàidhealtachd a chleachd a bhith ann agus Urras na h-Aiseirigh.

Thuirt banntrach Shir Iain, a’ Bhaintighearna Lucilla Nobail: “Tha e a’ toirt toileachas mòr dhomh gur e Ionad Iain Nobail a bhios air a’ chiad togalach ann an Leasachadh na Cille Bige. Bha aige ri aghaidh a chur ri iomadh dùbhlan ann a bhith stèidheachadh Sabhal Mòr Ostaig, agus bha e ag obair agus a’ strì gus cànan, dualchas is foghlam na Gàidhlig a thoirt air adhart fad a bheatha. Mar sin, tha e gu math iomchaidh gum mair ainm Iain mar phàirt den Cholaiste fhèin cho fad ‘s a tha i ann.”

Mar thoradh air iomairt na Cille Bige, thèid a’ chiad ‘bhaile ùr’ a chruthachadh san Eilean Sgitheanach o chionn cha mhòr 100 bliadhna, agus bidh sin na chloich-mhìle chudromach ann an eachdraidh an Eilein. Cuideachd, togaidh e air a’ bhuaidh a tha air a bhith aig a’ Cholaiste air eaconamaidh is beatha muinntir na sgìre bho chaidh a stèidheachadh le Sir Iain Nobail ann an 1973.

As dèidh an fhosglaidh oifigeil, thug a’ Chiad Mhinistear seachad Òraid Bhliadhnail an t-Sabhail far an do bhruidhinn i mu na ceanglaichean eadar ath-bheothachadh cànan is cultar na Gàidhlig agus dùsgadh eacanomaigeach na dùthcha, agus gu seachd àraid na tha Sabhal Mòr Ostaig air cur ris a seo bhon a chaidh a’ Cholaiste a stèidheachadh.

Rinn i moladh air an lèirsinn a bh’ aig Sir Iain Nobail agus mar a tha Sabhal Mòr Ostaig air fàs tro na bliadhnaichean, an dà chuid a thaobh foghlam agus leasachadh, is gu bheil e an-diugh na shàr eisimpleir don dùthaich gu lèir.

“Nuair a stèidhich Sir Iain Nobail a’ Cholaiste seo, bha a lèirsinn stèidhichte air a’ bheachd gum brosnaicheadh dùsgadh cultarail an t-ath-bheothachadh eacanomaigeach. Tha na dhà ceangailte gu daingeann. Tha an lèirsinn sin air tighinn gu buil thar dà fhichead bliadhna.”

Chuir i fàilte air pròiseact Baile na Cille Bige ag ràdh gu bheil e dha rìribh misneachail a bhith faicinn togalaichean agus leasachaidhean ùra sa Chill Bhig a tha a’ neartachadh na sgìre agus, nas fharsainge, a tha a’ sealltainn nan cothroman a tha againn airson Gàidhlig a bhrosnachadh gus buannachd sòisealta agus eacanomaigeach fhaighinn.

“Tha ballachan ùra leasachadh na Cille Bige a’ sealltainn na tha Sabhal Mòr Ostaig air cur ri foghlam na Gàidhlig; ri ath-bheothachadh Shlèite; agus ri cultar is eaconamaidh na Gàidhealtachd is nan Eilean.”

Thuirt Prionnsapal Sabhal Mòr Ostaig, Proifeasair Boyd Robasdan: “’S e latha eachdraidheil a bha seo ann an sgeulachd an t-Sabhail Mhòir is a’ Chiad Mhinistear an dà chuid a’ fosgladh togalach ùr na Colaiste, Ionad Iain Nobail, mar a’ chiad cheum ann an leasachadh Baile na Cille Bige, agus a’ toirt seachad Òraid Bhliadhnail an t-Sabhail.

“B’ i an ceathramh Ciad Mhinistear a tha air an òraid a liubhart agus bha sinn air ar misneachadh gu mòr leis an taic a chur i an cèill do dh’obair na Colaiste agus leis an tuigse a nochd i mu shuidheachadh na Gàidhlig is mu àite foghlam agus craoladh ann an ath-bheothachadh ar cànain.”

Back to the top of the page