Leabhar a tha ’na chomharradh-tìre mór ann am beul-aithris ar cànain

Maighread A Challan: tha Air Bilean an t-Sluaigh air aon de na leabhraichean ainneamh sin a bhios ag atharrachadh gu br�th tuilleadh mar a tha sinn a coimhead air rudeigin  an seo, boireannaich, an c�ilidh agus beul-aithris na G�idhlig

Maighread A Challan: tha Air Bilean an t-Sluaigh air aon de na leabhraichean ainneamh sin a bhios ag atharrachadh gu br�th tuilleadh mar a tha sinn a coimhead air rudeigin  an seo, boireannaich, an c�ilidh agus beul-aithris na G�idhlig

0
Have your say

CHAN eil móran leabhraichean againn coltach ri Air Bilean an t-Sluaigh: Sealladh air Leantalachd Beul-Aithris Ghàidhlig Uibhist a Tuath le Maighread A Challan. Ceartachadh: chan eil gin idir. Se sin, tha e sgrìobht’ ann an Gàidhlig bhrèagha, ach tha e air a thoirt bho thràchdas oilthigh, agus tha a bhuil air.

Ma tha thu dol a dhèanamh rud mar seo tha beul-aithris Ghàidhlig ’na àite math tòiseachaidh, oir tha am briathrachas ann cheana, a’ mhórchuid dheth co-dhiù. Tha briathran cud­rom­ach. Tha Callan a’ toirt làn duill­eig a’ deasbaireachd an e “beul-aithris” an aon rud ri folklore ’s a’ codhunadh gur è. Se th’ ann am beul-aithris na Gàidhlig, a réir Callan, ach “sgeulachdan, òrain, duain, eachdraidh, seanfhaclan, tòimhseachain, gnàthasan-cainnte agus a’ chànan fhèin”, còmhla ri “na cleachdaidhean agus na deas-ghnàthan, bho bhreith gu bàs, a bha an cois na h-aithris”.

Tha siud taghte ach a-nise bheir mi blasad dhuibh den stoidhl’ ann am mionach an leabhair. “Ged nach robh e, anns an fharsaingeachd, air a mheas iomchaidh do bhoireannach sgeulachd aithris ann an cuid­eachd fir (D.A.S. SA1971/101.A2; Shaw 2007), bha e air fhaicinn coltach gu leòr gum biodh iad
ag aithris sgeulachdan a bha air am meas freagarrach dhan cuid chloinne. Bha cuimhne aig Dòmh­nall Alasdair Seonstan air a mhàthair ag innse sgeulachdan mu leithid shìthichean dha h-oghaichean (D.A.S. SA1971/101.B1). Tha clàran na Sgoil Eòlais a’ dearbhadh gur ann bho bhoireann­aich anns an teaghlach, ach gu h-àraid bho am màthair, a thog mòran de luchd-aithris na Sgoile na h-animal tales agus na for­mula tales a bha aca.”

Dh’fhàg mi a-mach na not­aichean-coise – bha trì ris an earrainn sin fhéin.

Seo na tha mi ’g ràdh mun leabhar. Tha a’ Ghàidhlig a th’ ann siùbhlach. Tha an sgrìobh­adh math. Tha an cuspair inntinneach. Tha e tarraingeach san t-seadh gu bheil e sgeadaichte le dealbhan camara. Car son ma-tà a dh’fheumas am fo-structar aca­deamaigeach a bhith shuas ud ann an uinneag na bùtha, eadar ar sròn ’s am bathar? Chan eil feum air fiosrachadh ann an cam­agan nuair tha notaichean-coise ann, ’s chan eil feum air not­aichean-coise fhéin – bu chòir an cur aig an deireadh mar notaichean-deiridh far nach mill iad coltas gach duilleig.

Tha Callan a’ toirt crathadh fìor mhath dhan chuspair. Tha i coimhead an toiseach air àrainn­eachd na beul-aithris (an céilidh, an luadh, diofar sheòrsachan de dh’obair no de shuidheachadh bho bhreith gu bàs), ’s tha i ag innse mu na prìomh ghnèithean – naidheachdan, sgeulachdan, òrain, sloinneadh agus a leithid. Ann an Caibideil 2 tha i dol fo chraiceann a’ chuspair ’s a’ déiligeadh ri rudan mar orrthachan, an dà shealladh agus “bàrdachd baile” (se “bàrdachd na sgìre” th’ aicese oirre). Ann an Caib. 3 tha i toirt gnothaichean nas fhaide na ’n àbhaist le bhith faighneachd dé am feum a bh’ ann am beul-aithris dhan choimhearsnachd, ’s tha na freagairtean inntinneach: nithean mar foghlam neo-fhoirmeil, luachan moralta agus rabh­aidhean mu dhiofar sheòrsachan cunnairt.

Nan robh Callan air stad ann a-sin bha i air ar fàgail blàth agus comhartail mar a bhios gach leabh­ar beul-aithris eile. Chan e siud dhìs’ e. Tha i gar slaodadh tro chrìonadh na beul-aithris le cuspairean mar an dà chogadh mhór, creideamh, foghlam sgoile, an teilidh agus “buaidh nan Gall”. Obair shalach ach bha aig cuideigin ri dèanamh.

An déidh saothair cho gaisgeil bha e riatanach gun toireadh
i dhuinn a co-dhùnaidhean. A-rithist chan eil i mealladh ar dùil. Tha trì aice: tha ceangal dlùth eadar leantalachd beul-aithris agus an seòrsa beatha ’s obrach a th’ aig daoine; tha na boireann­aich nas cudromaiche na thuirt sgrìobhadair sam bith roimhe; tha cànan aig cridhe na cùise.

Tha a’ chiad dhà dhiubh seo ’nan comharradh-tìre. Gu bràth tuill­eadh cha chan mise gum
b’e taigh-cumhachd an dualchais Ghàidhlig an céilidh. A’ cuimhneachadh an leabhair seo, can­aidh mi rud mar: “Son nam fear b’e an taigh-cumhachd an céil­idh, son nam ban b’e an taigh-cumhachd an obair làitheil.”

Chan e mhàin gur e leabhar cudromach tha seo ach tha e làn dibhearsain ’s air fhìor dheagh sgrìobhadh. Cha leig mi leas a ràdh gu bheil e foghlaimte ’s air a dheagh rannsachadh oir tha sin tuilleadh ’s follaiseach. Nì e feum mar obair reifreans fad iom­adh linn ri tighinn – cia mheud leabhar sgrìobht’ ann an Gàidhlig mu’n canadh tu sin?

Mar sin, bu chòir index a bhith ann. Neo mas e cus obrach tha sin (!) bu chòir na fo-chinn air fad a bhith sa Chlàr-Innse aig toiseach an leabhair, seach dìr­each cuid dhiubh mar tha chùis an-dràsta.

Eisimpleir bheag. Ma tha ùidh agad ann an seanfhacail Ghàidhlig, gheibh thu iomradh mun chuspair a tha cho math ri dad a leugh mise riamh. Tha e air duill­eagan 48, 63-4, 91, 129-30, 134-5 agus 143-5. Chan eil an Clàr-Innse gar stiùireadh gu gin de na cóig àiteachan seo ach tha ’m facal “seanfhaclan” sna fo-chinn gar stiùireadh gu dhà dhiubh.

Chan eil seo math gu leór. Tha mi a’ gabhail fadachd ri dàrna leagan.

Tha Air Bilean an t-Sluaigh foillsichte le Cló Ollscoil na Banríona ann an Éirinn ach tha e ri fhaotainn bho Chomhairle nan Leabhraichean air £15.

Back to the top of the page