Laoidh Nollaig Gàidhlig a bheir cobhair do dh’fhògarraich Siria

Se Laoidh Loch G�rmain an tiodhlac Nollaig aig M�iri Anna NicUalraig do Mercy Corps, a tha air aon de na buidhnean as motha a tha a' toirt cobhair gu muinntir Siria, leithid na cloinne anns an dealbh sh�os fodha

Se Laoidh Loch G�rmain an tiodhlac Nollaig aig M�iri Anna NicUalraig do Mercy Corps, a tha air aon de na buidhnean as motha a tha a' toirt cobhair gu muinntir Siria, leithid na cloinne anns an dealbh sh�os fodha

0
Have your say

Tha stiùidio ainmeil Watercolour Music ann an Loch Abar air riochd àlainn ùr Gàidhlig de laoidh Nollaig ainmeil a chlàradh a ghabhas luchdadh a-nuas air-loidhne.

Thèid darna leth an airgid a thèid a thogail tro reic a’ chlàraidh shingilte àraid seo gu ruige Mercy Corps, carthannas a tha a’ toirt cobhair do dh’fhògarraich is daoin’ eile an cruaidh fheum air feadh an t-saoghail. Tha prìomh-oifisean Eòrpach na buidhne ann an Dùn Èideann.

Tha an seinneadair is craoladair Màiri Anna NicUalraig, a tha stiùireadh ceòl seirbheis Nollaig BBC Alba am-bliadhna, a’ seinn cuide ri sgrìobhaiche is seinneadair ainmeil eile, Rachel Walker, le eadar-theangachadh de thionndadh eireachdail an reul-ciùil John Renbourn air a’ Wexford Carol.

Tha aon de phrìomh sheinneadairean Gàidhlig na dùthcha, Ceana Chaimbeul, air briathran John eadar-theangachadh mar chuimhneachan air an neach-ciùil – ball den chòmhlan iomraiteach Pentangle, a chaochail na bu tràithe dhen bhliadhna, ach a bhiodh a’ tadhal tric air Watercolour Music.

Nuair a chunnaic Màiri Anna agus Rachel mar a thug an t-òran buaidh air an luchd-èisteachd aig àm clàradh na seirbheis, cho-dhùin iad a dhol dhan stiùidio air làrach nam bonn airson an laoidh a chlàradh airson a chur ma sgaoil. “Tha briathran John freumhaichte ann an saoghal nan Ceilteach, agus bha sinn riamh an dùil gun obraicheadh riochd Gàidhlig gu math. Bu mhath leinn smaoineachadh gu robh tionndadh tiamhaidh Gàidhlig Ceana air còrdadh ris.”

Thuirt Rachel Walker (Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna ann an 2014), a bha uaireigin na h-oileanach aig Ceana, “Bha Ceana riamh cho fialaidh le a gibht son fìor òrain a dhèanamh dhe na h-eadar-theangachaidhean aice. Bha sinn airson ’s gum biodh an clàradh gu feum cuideachd, mar sin tha sinn air aonta ruigheachd le Mercy Corps, a gheibh dàrna leth an airgid a thèid a thional tro reic Laoidh Loch Gàrmain.”

Thuirt Nick Turner, co-stiùiriche Watercolour Music, “Is e an còmhnaidh dreach John air an laoidh seo a’ chiad ghairm Nollaig againn aig an taigh gach bliadhna. Tha a bhriathran ag aithneachadh dùbhachas an t-saoghail a-cheart cho math ri shubhachas. Bidh an t-airgead a thèid gu ruige Mercy Corps na chuideachadh mòr dhaibh nan taic an aghaidh iomadh cruaidh-chàs air feadh na cruinne."

Thèid 50 ás a' cheud de phrothaidean bhon chlàradh gu ruige obair Mercy Corps, a tha ag obair ann an còrr is 40 dùthaich air feadh an t-saoghail. Is iad Mercy Corps aon dhe na buidheannan as motha a tha ri cobhair taobh a-staigh Siria an-dràsta agus tha iad air sgaoileadh a-mach dhan Leabanon, Iòrdan, Iorag, an Tuirc, a’ Ghrèig agus na dùthchannan Balcanach airson cobhair a dhèanamh air fògarraich an sin.

Chaidh an t-òran singilte, a ghabhas luchdadh a-nuas air-loidhne, a chur ma sgaoil air Di-Luain 7 Dùbhlachd. Gabhaidh a cheannach tro www.watercolourmusic.co.uk air duilleag a’ bhùth aca agus cuideachd tro Amazon.

Back to the top of the page