Ivan Dòmhnallach, 1979–2013 – croitear, pìobaire agus caraid

Ivan D�mhnallach

Ivan D�mhnallach

Share this article
0
Have your say

DHÙISG muinntir Uibhist gu naidheachd dhuilich madainn Di-Dòmhnaich. Le èirigh na grèine, sgap brath mu thubaist rathaid tron oidhche a bha air bàs fireannach òg adhbharachadh.

An ceann ùine ghoirid, thànaig ainm an fhear a chaill a bheatha am follais. Tha e fhath­ast a’ faileachdainn air mòran creidsinn mar a thachair. Chaill­ear Ivan Dòmhnallach, croitear ás a’ Bhaile Shear ann an Uibhist a-Tuath, air an naoidheamh là den Ògmhios, nuair a bhuail càr ann ’s e a’ coiseachd air an t-slighe dhachaigh far dannsa. Bha e trì deug thar fhichead bliadhna a dh’aois.

Anns an là a th’ ann, mar as trice, sann air an eadar-lìon a tha sinn ag ionnsachadh mu na naidheachdan as ùire. Sann san aon àite, air làraich nam meadh­anan sòisealta ’s a leithid, a bhios gu leòr a’ lìbhrigeadh nam fair­eachdainnean aca, gu h-àraid aig amannan duilich. Bho Dhi-Dòmh­naich sa chaidh, cha robh rathad aig duine a chaidh air-loidhne gun tighinn seachad air eisim­pleir de na ceudan dhaoine, ás iomadh ceàrn, a tha air luaidh a dheanamh air Ivan. Se sin fhèin comharra den bharail mhath a bh’ aig daoine air, na tàlantan a bh’ aige, agus an call mòr a th’ ann mar a dh’èirich dha.

Rugadh agus thogadh Ivan Dòmhnallach anns a’ Bhaile Shear ann an Uibhist a-Tuath. Tha a theaghlach aithnichte air feadh nan eileanan ’s na Gaidh­ealtachd mar dhaoine ionnsaich­te, bha grunn dhiubh a’ teagasg, agus cuideachd ’nan croitearan. Dh’fhàs Ivan suas air croit athar, Crois Mòraig, far an robh iad a’ frithealadh àireamh mhòr de chrodh ’s de chaoirich. As dèidh dha ceum a thoirt a-mach ann an àiteachas, agus ùine a chur seachad air tuathanas ann an New Zeal­and, thill Ivan chun a’ Bhaile Shear far an do ghabh e null àite athar. Bha e a’ ruith na croit gu soirbheachail agus bha e an dèidh taigh a thogail oirre bho chionn ghoirid.

Choisinn Ivan cliù dha fhèin mar chroitear òg beachdail a bha a’ leantail ’s a’ tuigsinn gluasadan anns a’ ghnìomhachas. Air falbh bhon obair làitheil aige, bha e aithnichte mar cheòladair com­asach, gu h-àraid gu cluiche na pìob. Bhiodh e an còmhnaidh
a’ cluich aig diofar chuirmean agus bainnsean agus bha e air bòrd stiùiridh sgoil shamhraidh “Ceòlas”.

Dh’fhàg an obair ’s na comasan aig Ivan gu robh caraidean aige air feadh nan eilean, na Gaidhealtachd agus iomadh àite nas fhaide ás. Dh’fhairich iad uile buille chruaidh air an deireadh sheachdain a dh’fhalbh.

Back to the top of the page