Imlich do bhilean

Share this article
0
Have your say

NUAIR bha mi ann am Bunsgoil Thruimisgearraidh bha, gach madainn Di-Haoine, Alice Reid a’ tadhal. Bha i a’ dol timcheall gach bunsgoil ann an Uibhist a-Tuath a’ teagasg còcaireachd do na gillean ’s do na nighnean agus fhuair sinn deagh oideachadh.

Cha robh Gàidhlig aice ach cha robh teagasg ann an Gàidhlig air a cheadachadh co-dhiù.

An-diugh tha sgoiltean ann far am bi a’ chlann air an teagasg gu tur anns a’ chànain, agus tha Bunsgoil Ghàidhlig Inbhir Nis air sealltainn an t-adhartas a chaidh a dheanamh le bhith a’ foillseachadh leabhar de reasabaidhean ann an Gàidhlig.

Tha Kirsty Nic a’ Phiocair a’ teagasg clann aig ìre a ceithir ’s a còig. Smaoinich i gum biodh e feumail agus inntinn­each don chloinn reasabaidhean a thagh­adh, Gàidhlig a chur orra ’s an cur ann an leabhar a reic­eadh iad gus airgead a thogail son ionad chloinne aig Ospadal an Ràthaig Mhòir. Chaidh ceud a reic gu sgiobalta ’s tha iad a’ feitheamh ris an ath chlò-bhualadh. Thàinig urrasachd bhon chom­p­anaidh IT Fujitsu, CNAG, Comh­airle nan Leabhraichean – agus ASDA, a bhios a’ reic nan leabh­raichean.

Chan eil na reasabaidhean idir cho sìmplidh ri buntàta agus sgadan, neo gruth agus uachdar. Gheibhear, am measg nan 24, biadh annasach mar measgan musgain, toiteanan muice ann an criomagan arain, sconaichean le measain, agus brot peasrach.

Thuirt Ceit Dunbar, a tha ag obair aig àrd ìre aig Fujitsu (bha a mac Calum an sàs san leabhar), “Tha am pròiseact a’ leigeil leis a’
chloinn Gàidhlig a chleachdadh ann an diofar dhòighean. Is toigh leotha a bhith a’ blasad air na dheasaicheas iad. Is olc an còcaire nach imlich a mheur!”