Iapan ag ionnsachadh leasanan 30 bliadhna an dèidh Chernobyl

Alasdair MacEachairne, Beinn na Faoghla

Alasdair MacEachairne, Beinn na Faoghla

0
Have your say

Trithead bliadhna air ais air latha Earraich, spreadh reactar niùclasach, ann am baile Pirpyat san Ucràin, air taobh thall an t-saoghail. Dh’aom tomhas eagalach agus mairbhteach de rèididheachd bheò dhan iarmailt agus sgap e leis a‘ ghaoith. Ann am beagan làithean bha an truailleadh neo-fhaicsinneach air sgaoileadh tarsainn na Roinn Eòrpa.

Ann am prògram a chithear air BBC ALBA Dimàirt 26 Giblean, cluinnear fianaisean bho shluagh air an tug an tubaist agus an truailleadh seo buaidh. Daoine ann am Belarus, Iapan, sliochd Sami na Nirribhidh, agus muinntir Eileanan Siar na h-Alba, uile a’ siubhal ionnsachadh às na thachair thairis air na 30 bliadhna a chaidh seachad.

Tha Belarus suidhichte tuath air an Ucràn agus dh’fhulaing cuid de shluagh na dùthcha sin dòrainn mhaireannach. Chaidh bailtean am falbhachadh agus chaidh an talamh a thruailleadh. Ach shiubhail an sgleò nas fhaide tuath buileach, ag adbharrachadh dhuilgheadasan dha na Sami, buachaillean fèidh Nirribhidh - agus fiùs do dh‘Eileanaich na h-Alba.

Cha robh leithid tubaist Chernobyl ann tuilleadh gu còig bliadhna air ais, nuair a thug turchartas nàdair, tsunami, air earrann de chridhe reactar niùclasach ann an Fukushima, Iapan, leaghadh gu h-obann. Bha aig na mìltean dhaoine anns an sgìre mun cuairt gabhail ris gun deach an dachannan, tuathan às an robh iad a’ faighinn beo-shlaint’ agus am fearann a thruailleadh le rèidiachd, dìreach mar a thachair às dèidh Chernobyl.

Anns a’ phrògram seo thathas a’ faicinn mar a bha aig daoine ri leantainn orra le am beatha air mòran dhen talamh truaillte. Chaidh bruidhinn ri eòlaichean niùclasach agus oifigearan slàinte agus ri tuathanaich, buachaillean fèidh agus croiteirean, a h-uile duine aca agus am beò-shlàint is am beatha làitheil ann an suidheachadh cugallach às dèidh an dà thubaist niùclasach ann an Chernobyl agus a-rithist ann an Fukusima. Am measg nam fianaisean sa phrògram tha muinntir Bhelarus, aon de na dùthchannan a b’ fhaisge air Chernobyl agus air an do ruith an sgòth reididheachd thairis.

’S e dòrainn mhaireannach a thàinig air muinntir Bhelarus, a’ feuchainn ris an teachd-an-tìr a thoirt à talamh a bha air a thruailleadh le rèidiachd; ach bha duilgheadasan ann cuideachd dha na Sami, buachaillean fèidh gu fada tuath san Nirribhidh. B’ fheudar do na Sami na cleachdaidhean aca atharrachadh ach an-diugh gheibh iad feòil fhallain bho na beathaichean, agus tha am beatha air tilleadh chun na h-àbhaist mar a mhìnich am buachaille Sami, Naejla Joma: “’S e a’ chomhairle a fhuair sinne gun feòil nam fèidh ithe ach bha sin doirbh is na h-uimhir de fheòil mhath againn… Dh’obraich an riaghaltas agus na tuathanaich le chèile agus mur a b’ e sin cha bhiodh sinne comasach cumail ri buachailleachd agus is dòcha nach biodh ar leithid idir ann an-diugh.”

Ann an Eileanan Siar na h-Alba thathar air a bhith a’ sgrùdadh na talmhainn, na mara agus an èadhair airson rèidiachd fad nan deich bliadhna fichead bhon a spreadh reactar Chernobyl. Tha cuimhne aig na croitearan air na riaghailtean a bha a’ toirmeasg agus a’ bacadh gluasad no reic nam beathaichean, agus a’ bhuaidh a bh’ aige sin air am beatha agus an teachd-a-steach. Bha draghan slàinte air daoine agus chunnacas rudan an-àbhaisteach am measg an sprèidh anns na h-Eilean Siar às dèidh na tubaist mar a mhìnich Alasdair MacEachairne: “Aig an àm sin nuair a bha na h-uain is laoigh gam breith bha feadhainn ann nach robh dòigheil gam breith agus bha rudan gu math annasach a’ tachairt. Chan e mhàin gu robh iad gam breith marbh ach ’s dòcha nach robh an cumadh ceart orra.”

Còig bliadhna air ais, nuair a sgrios tsunami fìor chumhachdach ionad niùclasach Fukushima ann an Iapan, chaidh muinntir na sgìre a shireadh comhairle bho dhaoine le deagh thuigsinn air an t-suidheachadh san robh iad, muinntir Bhelarus. Bha iadsan air a bhith còig bliadhna fichead a’ lorg dòighean air am beatha a chumail fallain, agus clann fhallain àrach, ann an sgìrean le tomhas rèidiachd nas àirde na bu chòir. Chuir iad air chois measgachadh de dh’fhoghlam poblach, cùram slàinte, agus sgrùdadh rèidiachd, a leig leotha leantainn orra le am beatha làitheil ann an dòighean nas àbhaistich. Thadhal Iapanaich, màthraichean òga nam measg, air Belarus, feuch dè ghabhadh ionnsachadh. Rinn an co-obrachadh eadar-nàiseanta feum mhòr gus buaidh cruaidh-chàs Fukushima air Iapan a lùghdachadh, le bhith a’ sealltainn dhaibh dòighean air dèiligeadh le agus cur suas ri beatha an lùib an truaillidh.

Tha an tuathanach Iapanach Muneo Kanno air a bhith a’ co-obrachadh le muinntir Bhelarus agus na h-oilthighean gus fuasgladh fhaighinn a bhith dhaibhsan agus ri linn ag atharrachadh na dòigh àiteachais aca: “Chun a seo chan eil ach mullach an ùir air a thruailleadh. Thug sinn sin air falbh agus chur sinn ùir ghlan na àite. Tha sinn a’ trusadh àireamhan agus dàta às dèidh gach àm buain agus a rèir nan toraidhean bidh sinn a’ cur na h-uimhir de mhaitheas agus de dh’uisge air ais dhan talamh airson a’ chuid as fheàrr de lusan àrach agus fhàs.”

Thàinig leasan eile am follais às dèidh Chernobyl agus Fukushima, agus ’s e sin nach e dùbhlan saidheansail a-mhàin a tha ann an tubaist niùclasach: tha ceistean sòisealta, cultarach agus eaconamach a’ tighinn na chois mar a tha an sìc-eòlaiche Ingir Marit a’ beachdachadh: “Dh’atharraich Chernobyl dòighean nan daoine – ’s e call a tha sin air nach eil cus a’ bruidhinn, nach eil duine air a chuir ann an sgrìobhadh ach cha ghabh an luach a chaillear a thomhas nas motha.”

Ag aithris a’ phrògraim tha Mìcheal Bochanan, a bha an sàs ann am prògram iomraiteach Eòrpa, deich bliadhna às dèidh spreadhadh Chernobyl. Ga riochdachadh tha Oliver Julien, bho chompanaidh neo-eisimeileach Frangach, Bellota Films, le Caledonia TV à Alba mar cho-riochdairean.

Bidh Chernobyl, Fukushima: Na Leasanan ri fhaicinn aig 9f Diluain 26 Giblean 2016, air BBC ALBA.

O CHIONN 80 BLIADHNA – ON WEEKLY SCOTSMAN, 11 GIBLEAN 1936

Tha móran airgid air a chosnadh a h-uile bliadhna le bhi ’g iasgach ghiomach. Is e obair glé chunnartach a th’ ann aig iomadh àm de’n bhliadhna, oir feumar dol dlùth do na boghachan m’a tha fiughair ris na cléibh a bhi air an deagh shuidheachadh.

Is ann do Lunnainn a tha a’ chuid is mò de ghiomaich air an cur à Còrsa na h-Aird an lar, ach tha bailtean-móra eile a’ gabhail na h-uiread dhiubh, mar an ceudna.

Is e glé bheag dhiubh a th’ air an cur gu feum anns na ceàrnachan far am bheil iad air am faighinn, oir, mar is trice, tha iad tuillidh is daor air son an t-sluaigh chumanta. Tha giomaich lìonmhor anns gach àite ’sam bheil creagan is sgeirean eadar Maoil Chinn-tìre agus an Rudha Garbh agus eadar an Ogh an Ile agus am But Leòdhasach. Tha iomadh teaghlach a’ dèanamh an tighinn-beò orra, agus tha iad daonnan aig an taigh is gun mhaighstir ach iad fèin. Chan iarr an t-iasgach so móran airgid air son a chur ’na uidheam, oir chan eil na cléibh duilich a dhèanamh agus chan eil a’ chungaidh ra chosdail. Gun teagamh, feumar bàta grinn, cuimir, ach cha ruig i leas a bhi ra mhór m’a bhios i air a deagh dhèanamh agus comasach gu leòir an tomhas math de fhairge.

Tha na giomaich air an cur do’n mhargadh beò, agus, air an aobhar sin, chan fhaodar an cumail fada an déidh an toirt á uisge.

Théid iad a dholaidh glé ealamh an uair a bhios iad tioram.

GAELIC GUIDE FOR LEARNERS

The assertion that “Gaelic was never spoken here” is one that tends to crop up regularly when councils are considering bilingual road signage. The areas where Gaelic was truly never spoken are relatively small since it was, at one time or another, spoken in most parts of the country. The evidence for this comes from various sources, including place-names.

Places throughout Scotland have names which indicate they must at one time have had a Gaelic-speaking population. Many place-names come from the Gaelic words baile ‘town, village or farm‘ and achadh ‘field‘. Here are some examples:

Ballantrae in Ayrshire is: Baile na Tràgha (the farm by the beach)

Ballencrieff in Lothian is: Baile na Craoibhe (the farm of the tree)

Balmedie in Aberdeen is: Baile a’ Mheadhain (the middle farm)

Auchentaggart in Dumfries is: Achadh an t-Sagairt (the priest’s field)

Occasionally, places are given new names which may obscure their origins e.g. Bettyhill in Sutherland was given its English name in memory of a countess. The older, Gaelic name is Am Blàran Odhar ‘the dun-coloured field’. 
Sabhal Mòr Ostaig offers Gaelic learning opportunities at the College and by distance-learning. www. smo.uhi.ac.uk

PLACE NAME OF THE WEEK

Culloden / Cùil Lodair

For obvious reasons Culloden (Cullodyn in 1238) was a very well-known name in Gaelic, mentioned many times in prose and poem after the battle there on this day in 1746. The first element cùil means ‘nook or corner’; this word is related to − but distinct from − cùl ‘back part’. The second element is most likely lodan ‘little pool’, thus meaning ‘small pool nook’. The modern Gaelic form has changed by folk etymology to Cùil Lodair, which would mean ‘lad nook’. Another common modern spelling − same pronunciation − is Cùil Fhodair, ‘fodder nook’.

The battle itself was fought at Drumossie - Druim Athaisidh. Druim means a ‘ridge’. Various meanings have been given for athaisidh, including ‘poor, disused meadow’, but this is not certain.

For more information on this name visit Ainmean-Àite na h-Alba at www.ainmean-aite.org

Back to the top of the page