Gaol an cridhe a’ bhaile – Def Leppard agus Whitesnake beò

Share this article
0
Have your say

’S e Siorrachd York “an t-siorrachd as motha agus as fhèarr ann an Sasainn” a rèir a’ bhùird-turasachd ionadail. Beachd connspaideach, is dòcha, ach chan eil teagamh sam bith nach ann às an sgìre a tha cuid de na còmhlain roc Sasannach as motha 's as fheàrr.

’S ann à Redcar a tha an seinneadair David Coverdale, a stèidhich Whitesnake ann an 1978 as dèidh dha Deep Purple fhàgail. A’ cluich roc cruaidh bluesach na seann-sgoile, bha Whitesnake meadhanach soirbheachail. Ann am meadhan nan 1980an, chaidh Coverdale do na Stàitean Aonaichte agus stèidhich e Whitesnake gu tur ùr le stoidhle ciùil ùr ghleansach, le bhideothan snasail a shoirbhich gu mòr air MTV agus a rinn rionnagan mòra den chòmhlan air feadh an t-saoghal leis an òran Here I Go Again agus an LP 1987.

’S ann à Sheffield ann an ceann a deas Siorrachd York a tha Def Leppard, a chaidh a stèidheachadh aig deireadh nan 1970an is iad a’ cluich meatailt throm. Coltach ri Whitesnake, bha Leppard soirbheachail gu leòr, ach dh’fhàs iad na bu mhotha buileach nuair a rinn iad clàran nas coimeirsealta le stoidhle nas aotruime a chòrd ri muinntir nan Stàitean, gu h-àraidh an LP Hysteria (1987), a reic 25 millean copaidh.

Anns a’ Hydro Diardaoin, bha cothrom aig muinntir Ghlaschu an dà chòmhlan fhaicinn còmhla.

An toiseach bha na Black Star Riders againn (Thin Lizzy mar bh' orra roimhe) le measgachadh sgoinneil de dh'òrain Lizzy agus eile. Thòisich Whitesnake le Burn, òran Deep Purple, 's chluich iad grunn òrain Purple eile. ’S e fìor rionnag a th' ann an Coverdale, agus chum e an luchd-amhairc beò-ghlaicte fad na h-oidhche le a ghuth cumhachdach agus a phearsantachd làidir. B’ e an t-òran blues There Ain’t no Love in the Heart of the City agus na clàran singilte mòra aca Here I Go Again, Fool for Your Loving agus Still of the Night bu mhotha a chòrd ri daoine.

Chuir Def Leppard crìoch air an oidhche leis na hits as motha aca, a’ gabhail a-steach Love Bites, Animal, Rocket, Armageddon It agus Hysteria. Chan eil an seinneadair Joe Elliott a’ coimhead latha nas sine na bha e ann an 1987, agus roc an còmhlan mar gun robh sinn air ais anns na 1980an. Bha measgachadh ann de dh’òrain shlaodach is de rocairean sean agus ùr, agus thàinig an oidhche gu crìoch leis na h-òrain throma Rock of Ages agus Photograph.

Bha an dà chòmhlan cho math ’s a ghabhas.