Galeic: An t-albannach

Share this article
1
Have your say

BHA na Gaidhil iomadh bliadh­na a’ cothachadh son Achd a bheireadh tomhas de dh’inbhe laghail dhan chànain. Mu dheireadh, ann an 2005, chaidh Achd na Gàidhlig aontachadh sa Phàr­lamaid, gun ghuth ’na aghaidh.

Thug e “co-ionannachd spéis” dhan Ghàidhlig ’s dhan Bheurla aig ìre nàiseanta. Cha do chuir e an céill dé tha seo a’ ciallachadh, ach tha aon nì cho soilleir ris an latha: cha do bhuilich Achd sam bith an aon inbhe air cànan eile.

Bu mhór ar n-iongnadh, ma-thà, an uair a leugh sinn barail luchd poileataigs mun phàipear-bhaileit san Reifreann. Thuirt an Riaghaltas gum bu chòir dhan cheist a bhith ann an aon chàn­an a-mhàin (An t-Albannach, 30 Màrt). Bha sin dona gu leór gus an cuala sinn beachdan nam pàr­taidhean eile (An t-Albann­ach, 13 Giblean). Thuirt Pàdraig Harvie ás leth nan Uaineach gu bheil a’ cheist furasta a tuigsinn, nach do dh’iarr duine dreach Gàidhlig, ’s gu bheil e nas cud­rom­aiche gum bi fiosrachadh coitcheann ri fhaot­ainn ann an grunn chànanan. A réir nan Tór­aidheach, nan robh a’ cheist ri faotainn sa Ghàidhlig dh’fheum­te beachdachadh air càn­anan eile, oir chan eil Beurla cho math aig feadhainn ’s a th’ aig luchd na Gàidhlig. Thuirt Pat­ricia NicFhearghais (Làbar) gum bi e math pàipear-bail­eit Gàidhlig a bhith ann “dhan fheadh­ainn a tha ag iarraidh sin”. Ach ann an dòigh b’ e Tavish Scott aig na Lib-Deamaich a b’ innt­inn­iche – fhreagair e ceist mun Ghàidhlig le faclan mu “dhaoine a tha bruidhinn mion-chànan no dual-chainnt” agus thuirt e gum feum a’ bhót a bhith “soill­eir, cinnteach agus laghail”.

Feumaidh gu dearbh. Chan eil dleastanas laghail aig na pàrlamaidich againn do chànan sam bith eile – tha a’ Bheurla sàbh­ailte sna làmhan aig buidhnean reachdail tòrr nas motha – ach chan eil dad sna beachdan seo a bheir a chreidsinn oirnn gu bheil iad a’ faic­inn na Gàidhlig mar rud a bhuineas dhaib’ fhéin. Se iadsan an luchd-dìona aice ged nach bruidh­inn iad i. Tha sinn a’ cur ar cuid chloinne gu foghlam tron Ghàidhlig a chionns nach gabh sinn ri burr­aidheachd na dara cànain air a’ chànain eile. Ma tha aig Gaidhil ri sabaid a-rithist ’s a-rith­ist air son a h-uile criom­aig, car son a tha Achd na Gàidhlig ann?

Se an dòigh as saoire ’s as sìmplidhe air briathran an Achd a choileanadh gur ann dà-chàn­an­ach a bhios a h-uile pàipear-baileit air feadh na dùthcha. Dòigh leathach reusanta eile air a dheanamh b’ e gur ann dà-chàn­anach a bhios na pàipearan-baileit anns na h-Eileanan Siar, anns a’ Ghaidhealtachd agus ann an Earra-Ghaidh­eal ’s Bòd. (Bidh ainm na comhairle air cùl gach pàipeir-bhaileit, co-dhiù.) An rud nach eil sinn ag iarraidh idir se “pàipearan-baileit Gàidhlig a bhith ri fhaotainn”. Càite? Cia mheud? Aon fa chomhair gach Gaidhil anns gach ionad-bhótaidh bho Unst gu Port Phàd­raig a réir figearan Cunnt­ais Shluaigh 2011? Dé ma ruitheas iad a-mach? Nas cunnart­aiche fhéin, bhiodh nàimhdean na Gàidhlig a’ glaodhaich murt mu chall airgid.

Tàirrnibh an t’éile.