Gaelic: Thoir an aire, cha do dh’ionnsaich am Mèile Rìoghail aon fhacal de Ghàidhlig fhathast

1
Have your say

“Cleachd an cód-phuist, eagal ’s gun téid ur cairtean ’s parsailean Nollaig air chall.” Chan eil teachd­aireachd muinntir a’ phuist gach bliadhna cho eadar-dhealaich­te bho “Cleachd i no caill i”, na faclan bros­nachail a chanas buidhnean oifigeil mun Ghàidhlig.

Bhiodh e reusanta gu leòr a-réiste seòlaidhean Gàidhlig a sgrìobhadh air an treallaich a tha sinn a’ cur sa phost. Mur eil cód-phuist ri làimh agus sinn air falbh bhon taigh no ma tha cabh­ag oirnn, a bheil e gu diof­ar? Nach eil Gàidhlig gu leòr aig Pàdraig Post son litrichean a lìbh­rigeadh don àite cheart co-dhiù agus ainmean àiteachan Gàidhlig aithnichte a-nis bho shoidhnichean rathaid air feadh na dùthcha – fiùs Gàidhlig sgrìobh­te air na carbadan puist fhéin?

Sin a shaoil Magaidh Nic a’ Ghobhainn nuair chuir i leabhar sa phost bho Liùrbost gu Sabhal Mór Ostaig bho chionn greis. Thàinig am parsail air ais an déidh turas a ghabhail ann an Éirinn, a réir na bha sgrìobhte air ann an Gaeilge: “Seol air ais chuig an seoltoir”!

Thug sin oirnn deuchainn a dhèanamh. Trì cairtean le seòlaidhean Gàidhlig ach gun chód orra sa phost bhon Agaidh Mhór a Dhùn Éideann, Sabhal Mór Ostaig agus Inbhir Nis agus aonan á Portugal don Agaidh Mhór. Ràinig té dhiubh Dùn Éid­eann gu sgiobalta ach faodaidh an fheadhainn eile a bhith ann an àite sam bith eadar Hiort agus Peairt.

A réir muinntir a’ phuist, se as adhbhar gu bheil seòlaidhean gan leughadh a-nis le innealan nach eil comasach cànan sam bith ach a’ Bheurla a leughadh. Ach dh’aidich iad, an déidh beag­an strì, gu bheil na h-innealan ann an Alba comasach air Cuimris a leughadh cuideachd, co-dhiù bho 2010 nuair a chaidh an uidheamachd ùrachadh. Nach gabhadh sin a dhèanamh don Ghàidhlig? “Ó, bhiodh sin ro dhaor.”

Dé cho daor cha chanadh iad.

Nach b’ urrainn dhaibh liosta de dh’ainmean Gàidhlig a thoirt don luchd obrach aca? “Feuch­aidh sinn am fiosrachadh sin fhaighinn o Bhòrd na Gàidhlig agus a chleachdadh mar ghoir­eas cuideachail sna h-ionadan againn an Alba.”

Fhuair sinn fuasgladh, mas fhìor, ann am beagan phuist-d. Ach car son a tha e aig té a tha dìleas don chànan ri aire a tharr­aing don duilgheadas seo?

Nach bu chòir don Bhòrd liosta ainmean àiteachan Gàidhlig a thairgsinn agus àite nas cunbhal­aiche fhaighinn do sheòlaidhean Gàidhlig san siostam puist fada mus deach an uidheamachd ùr a chur air dòigh? Gabh an coth­rom no caill i, tha e coltach.

seoncaimbeul@gmail.com

Back to the top of the page