Gaelic: Theirig gu Innis Tìle, ach seachainn ‘kæstur hákarl’ air sgàth do bheatha

Share this article
0
Have your say

Thathar a’ ràdh gun deach mòran Ghaidheal a dh’Innis Tìle mar shearbhantan nan Loch­lan­nach.

Gu fortanach, cha b’ann mar sin idir a bha a’ chòmhdhail agamsa a-null dhan dùthaich ach air itealan luath Icelandair bho Ghlaschu (www.Icelandair.com). A’ coimhead sìos air a’ Chuan Siar ge-tà, cha robh agam ach truas ris na Gaidhil bhochda sin.

Is cinnteach gu bheil Reyk­javik air atharrachadh bho na làithean ud. An-diugh, ged as e am prìomh bhaile as fhaide tuath, agus fear de na prìomh bhailtean as iomallaiche, tha e ’na àite beag beothail. Gus eòlas a chur air, rachainn an tois­each dhan togal­ach as àirde – Eaglais Hallgrímskirkja. Sìmplidh agus gotach ’na coltas, tha i àlainn co-dhiù, ’s tha seallaidhean sgoinneil on mhull­ach air gach taobh den bhaile ’s air an àrainneachd Thìlich nas fhaide air falbh.

Ceum no trì air falbh tha an Café Loki (www.textil.is) aig a bheil deagh mheasgachadh de bhiadh tradiseanta Tìleach. Mar as trice, bidh àiteachan den t-seòrsa làn de luchd turais, ach bha an taigh-bidhe seo làn sheann Tìlich a’ faighinn comhartachd bho bhiadh an òige. Tha taghadh de bhiadh blasta aca mar iasg agus aran nach biodh ’nan annas do chuid de dh’Albannaich.

Nist, tha mi air biadh annas­ach fheuchainn thall thairis roimhe gun a bhith ro amharasach, ach mus deach mi a dh’Innis Tìle cha chuala mi ach droch caìneadh mun kæstur hákarl. Se feòil-chearbain grod a th’ ann. As dèidh dhomh bìdeag dheth a chur ’nam bheul, cha mhòr gun d’fhuair mi ùine gu leòr gus “Och, chan eil e cho dona si . . .” a ràdh mus do bhuail a bhlas slàn orm ’s mus deach mo thachdadh sa spot! Grod, grod, cearban grod – abair gu bheil sgot a’s an ainm!

Gus faighinn air falbh bhon nàmhaid ùr agam ghabh mi cuairt sìos do mheadhan a’ bhaile far a bheil a’ chuid as motha de na taighean-bìdh, na taighean-seinnse ’s na bùthan.
Tè de na bùthan as inntinniche dhòmhsa b’e Kraum (www.kraum.is) aig a bheil bathar a tha Tìleach gu chùl, bho gheansaidh­ean clòimhe gu brògan air an dèanamh le leathar èisg gu na rudan as annasaiche a bh’ aca –lampaichean air an dèanamh de chraiceann truisg!

Coltach ris na h-Albannaich, ’s fheàirrde na Tìlich deoch no dhà air an oidhche. Chaidh mi dhan ostail Kex (www.kexhostel.is) far a bheil e cho comasach clip fhaighinn ri deoch no leabaidh. Deagh àite gus leann agus bhodca fìorghlan an àite fheuchainn. Cuideachd dh’fheuchainn brennivín, an deoch làidir Thìleach, an aon rud a bha làidir gu leòr gu blas na kæstur hákarl a sgrath­adh bho mo bheul bochd! ’S aig deireadh na h-oidhche, ’s dòcha le clip ùr, rachainn le càch gu fear de na bùthan hot dog a chur crìoch air an oidhche. Creid e no na creid, se hot dogs am biadh as fheàrr le Tìlich aig deireadh na h-oidhche air an slighe dhachaigh no gu pàrtaidh-taighe.

Cha bhiodh turas a dh’Innis Tìle ceart gun faighinn a-mach air an dùthaich. Ghabh mi cuairt latha leis a’ chompanaidh Superjeep (www.superjeep.is). Chaidh sinn mun cuairt a’ Gholden Circle – a’ chuairt as fheàrr gu deagh bhlasad fhaighinn dhen fhars­aingeachd nàdair a tha ri faic­inn, gu h-àraidh ma tha thu gann de dh’ùine. Bha Pàirce Nàiseanta Thingvellir snog, ach an rud a b’ inntinniche dhòmhsa b’e far an do choinnich a’ chiad phàrlam­aid Thìleach o chionn còrr agus mìle bliadhna. An uair sin gu sgìre Haukadalur far a bheil fuarain theth agus gìosaran spracail. Tha fear dhiubh, Strokkur, air aon de na gìosaran as motha ’s as cumhachdail. Cha bu chòir feith­eamh ro fhada eagal ’s gun tèid an steall ro mhòr. Chithear eas eireachdail èasgaidh aig Gullfoss, ’s an seann chruinn-shloc mòr Kerid a nochdas cho beòthail ’s a tha Innis Tìle fon tal­amh.

Air mo shlighe air ais gu Reyk­javik, a’ coimhead eaglais­ean beaga brèagha agus seallaidh­ean nàdarra do-chreidsinn air gach taobh, chuimhnich mi air na searbhantan Gaidhealach sin. Bha beatha dhoirbh aca le cinnt, ach saoilidh mi gum faodadh iad a bhith air an toirt do dh’àite nach robh idir cho àlainn ’s a tha Innis Tìle.