Gaelic: Tha plana cànain aig Pàrlamaid na h-Alba

Picture: Contributed

Picture: Contributed

0
Have your say

Chaidh plana cànain Pàrlamaid na h-Alba a chur air bhonn ann an Taigh an Ròid Di-Ciadain. ’Na fhear an taighe bha Aon­ghas Dòmhnallach, a tha ’na Bhall Pàrlamaid Albannach don Eaglais Bhric an-Ear ’s ’na Chathraiche air Buidheann Thar-Phàrtaidh na Gàidhlig.

Mhol e mar a chaidh am plana a leasachadh tro cho-obrachadh dlùth le Bòrd na Gàidhlig, cha b’ ann a-mhàin gus na dleastanasan oifigeil aca a choilionadh ach gus sin a dhèanamh gu deònach ’s le deagh rùn. Thuirt e: “Tha mi air leth toilichte gu bheil Pàrlamaid na h-Alba a’ sealltainn ceannas agus deagh eis­impleir de phlanadh cànain ann an gnìomh.

“Tha mi coimh­ead air adhart ri barrachd bhuidhnean poblach agus ùghdarrasan ionadail a’ coil­ionadh nam planaichean càn­ain Gàidhlig aca fhéin ann an ùine nach bi fada. Se pàirt dhen obair againn ann am Pàrlamaid na h-Alba dèanamh cinnt­each nach e a-mhàin gum mair ar cànan ’s ar cultar ach gun téid iad bho neart gu neart.”

Chuir Cathraiche a’ Bhùird, Iain Caimbeul, fàilte air a’ phlana ùr. “Tha an rannsachadh as ùire a dh’fhoillsich Soillse bho chionn greis a’ sealltainn taic don chàn­an a’ fàs nas làidire, le 76 ás a’ cheud ga faicinn mar phàirt cud­romach de dhualchas na h-Alba. Chan urrainn duine a dhol ás àich­eadh sin ’s tha taic a’ tighinn bho air feadh na dùthcha.

“Leis gu bheil foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a’ sìor dhol am meud tha feum againn air seirbheisean agus goireasan a tha follaiseach don phoball. Se plana gu math brosnachail a tha seo sa h-uile dòigh, a’ toirt coth­rom do dhaoine ar cànan a chur gu cleachd nuair tha iad a’ tadhal air a’ Phàrlamaid agus beagan a bharrachd tuigse fhaighinn air beatha phoilitigeach ar dùthcha tro mheadhan na Gàidhlig.”

Ach ciamar a tha e faireachd­ainn spiorad a’ phlana a chur an gnìomh? Bidh Diana Nic an t-Saoir a’ tadhal air a’ Phàrlamaid mar neach-taic aig Mgr Dòmh­nallach. “Tha mi fortanach gu bheil mi ag obair air son neach-cathrach na buidhinn thar-phàrtaidh air Gàidhlig. Tha mi a’ smuaineachadh gu bheil iongantas air cuid a dhaoine nuair a tha mi a’ cleachdadh Gàidhlig airson tha mi ás an Eaglais Bhreac ’s ag obair ann an Inbhir Ghrainnse ’s chan eil mòran Gàidhlig an-seo!

“Ma tha mi sgrìobhadh post-d gu Bòrd na Gàidhlig, no CnaG, sgrìobhaidh mi anns a’ Ghàidhlig. Is toil leam a bhith a’ cleachd­adh Gàidhlig ged a tha mi nas cinntiche ann an sgrìobhadh seach a bhith bruidhinn air a’ fón. Ma tha mi a’ sgrìobhadh gu BnaG no CnaG, sgrìobhaidh mi anns a’ Ghàidhlig ach anns a’ Bheurla cuideachd uaireannan.

“Tha mi ’n dòchas gum misnich am plana ùr daoine eile sa Phàrlamaid gu bhith ag ionns­achadh Gàidhlig. Thòisich mi air a’ Chùrsa Inntrigidh aig Sabhal Mór Ostaig agus tha iadsan glè thaic­eil. Tha e math cothrom fhaighinn bruidhinn ri daoine eile a tha an sàs ann an obair tro mheadhan na Gàidhlig. Bha deagh chòmhradh agam ann an Gàidhlig am feasgar roimhe le té eile a tha air Gàidhlig ionnsachadh agus a tha ga bruidhinn gu làith­eil san obair aice, ’s tha mi a’ faireachdainn nas fheàrr mu dheidhinn cleachdadh Gàidhlig nuair as urrainn dhomh.”

Dh’aontaich Hayley Cole, a tha ’na h-Oifigear Foghlaim aig a’ Phàrlamaid. “Chan eil ach beag­an Gàidhlig agam, ach tha mi a’ smaointinn gu bheil e math gu bheil sinn air ar brosnachadh gus an cànan a chleachdadh anns an obair làitheil againn.”

Mhìnich Rosemary Everett, a tha os cionn seirbheisean na Pàrlamaid a bhios a’ neartachadh ceanglaichean le coimhears­nachd­an: “Taobh a-staigh na Pàrlamaid, tha luchd-obrach againn a tha fileanta sa Ghàidhlig no a tha ga h-ionnsachadh, ’s dhaibhsan a tha son barrachd fhaighinn a-mach tha sinn a’ toirt a’ choth­ruim trèanadh fhaighinn a tha a’ tog­ail an aire mun Ghàidhlig.

“A chionns gu bheil caochladh chomasan againn, tha am plana leathann agus pragtaig­each. Se am prìomh amas a bhith a’ meudachadh na h-àirimh de dhaoine a tha a’ cleachdadh nan seirbheisean Gàidhlig againn ’s inbhe co-ionann a thoirt dhan chànan san obair làitheil againn.”

Thathas a’ brosnachadh a h-uile duine a ghabhail pàirt ann an iomairtean fon phlana ùr le bhith a’ tadhal air a’ Phàrlamaid fhéin, a’ conaltradh le buidhn­ean poblach ann an Gàidhlig neo fiùs a’ leantainn gnothaich­ean air Twitter @ParlAlba. Tha­thas an dòchas gu téid aig a h-uile duine fiùs facal no dhà a chleachdadh gu tric, leithid “Fàilte gu Pàrlamaid na h-Alba”, “Cleachd do chuid Gàidhlig leinn”, “Lean sinn @ParlAlba”, agus “Faic ar blog parlamaidalba.wordpress.com”.

Back to the top of the page