Gaelic: Status Quo ante ann an Glaschu Didòmhnaich

Share this article
0
Have your say

CHAIDH fear de na clàran roc beò as cliùitiche riamh, Status Quo Live, a chlàradh ann an Apollo Ghlaschu ann an 1977. Air an LP, cluinnear còmhlan aig àird a threise a’ cluich roc cruaidh lom-làn blues is bùgaidh.

Bha an ceathrar bhall tùsail de Status Quo – Francis Rossi (seinn, giotàr), Rick Parfitt (seinn, giot­àr), Alan Lancaster (seinn, beus) is John Coughlan (drumaichean) air ais còmhla ann an Glaschu Didòmhnaich gus stuth bhon chlàr ainmeil seo a chluich aon uair eile.

Cha robhar an dùil ri seo idir. Bho dh’fhàg Coughlan agus Lancaster an còmhlan ann an 1980 ’s 1984, dh’fhàs ceòl Quo na b’ aot­ruime. A bharrachd air seo, chaidh Lancaster agus Rossi a-mach air a-chèile gu dubh ’s bha agartachd gu leòr a’ dol eatarra.

Anns na 80an ’s na 90an, ged a bha Quo le Rossi ’s Parfitt fhath­ast sgoinneil beò, cha robh na chlàraich iad uabhasach math idir. Rinn iad tòrr chlàran leithid In the Army Now agus Burning Bridges a chòrd ri luchd èist­eachd pop ach nach do chòrd cus ris an luchd èisteachd aca fhèin. Gu ìre, ’s e còmhlan roc a bh’ annta airson daoine nach robh ro dhèidheil air roc.

Chan ann mar sin a bha Quo Didòmhnaich. A’ tòiseachadh le ceithir òrain le Lancaster a’ seinn Junior’s Wailing, Backwater/Just Take Me agus Is there a Better Way, chluich iad dà uair a thìde de roc air leth cruaidh. Bha e trom, àrd, agus bha beus Lancaster a’ rùchdail mar trèana bathair fad na h-oidhche. Sheinn Lancaster mun dàrna cuid de na h-òrain, le Rossi agus Parfitt a’ roinn an còrr eatarra.

Bha gaisgeachd giotàir gu leòr ann, gu h-àraid air 4500 Times, agus ged a bha na ficheadan de chlàran singilte aig Quo, cha do chluich iad ach trì dhiubh (In my Chair, Down Down, Rain). A’ crìochnachadh le Roadhouse Blues agus Goodbye Johnny, ’s e consairt a bha seo don luchd èisteachd as dìcheallaiche aig Status Quo.

Seo na freagairtean a bhios luchd-leantainn Quo ag iarraidh: an robh e trom? Bha. An e spòrs airson an teaghlaich air fad a bh’ ann? Chan e. An do chluich iad Rocking all over the World? Cha do chluich. An còrdadh e ris a’ bhoireannach san oifis agad a tha dèidheil air Status Quo agus cuideachd air Cliff Richard? Gu dearbha fhèin, cha chòrdadh. An e Quo ceart a bh’ ann? ’S e gu dearbh!

Chaidh mi dhachaigh le lùdag ghoirt bho chus giotàr-adhair, beag­an whiplash bho chus crath­adh-cinn, ’s mi cho fliuch ris a’ chù le fallas. Sin agad cuirm-ciùil!

Back to the top of the page