Gaelic: Sia daoine, sia diofar bheachdan mu Alba

Alasdair Morrison Lewis. Picture: Contributed

Alasdair Morrison Lewis. Picture: Contributed

Share this article
0
Have your say

GUN ach seachd mìosan agus deich làithean ri dhol chun an Reifrinn, tha Alasdair H Caimbeul air panal a chur ri chèile a bheir dhuinn am beachd air an iomairt mar a leasaicheas i. Bidh e a’ coinneachadh riutha a-rithist dhà neo thrì tursan eadar seo agus 18 Sultain. Saoil dè an rathad a ghluaiseas iad?

Alasdair Moireasdan,

Leòdhas

Tha tagh­adh gu math soilleir againn: eil sinn ag iarraidh ar cùl a chur ris a’ chomhartachd a tha tè de dh’econamaidhean as motha an t-saoghail a’ toirt dhuinn agus ar n-aghaidh a chur ri sgaradh agus am bloigh “neo-eisimeil­eachd” a tha Mgr Salmond a’ cruthachadh agus a’ dealbh?

Tha mise agus mòran coltach rium a’ guidhe gun roghnaich muinntir na h-Alba fuireach mar phàirt den teaghlach a tha sinn air a thogail thairis air 300
bliadhna. Tha mise moiteil a bhith ’nam Albannach. Chan fheum mi Breatainn a bhrist­eadh ás a-chèile son sin a dhearbhadh no a dhaingneachadh.

Gach latha tha sinn uile cleachdte a bhith co-obrachadh le diofar dhaoine agus tha fhios againn gu bheil a lethid a’ dèanamh ciall. Ach sin an seòrsa rud nach eil na Nàiseantaich a’ tuig­sinn. Tha iadsan a’ smaoineachadh gu bheil a h-uile duine coltach riuthasan. A’ coimhead tro uinneag nan Nàiseantach, tha iadsan a’ faicinn daoine ann an Sasainn a tha eadar-dhealaichte agus aig nach eil an aon inbhe ri Albannaich. Tha iad air am mealladh a’ smaoineachadh gu bheil sinn uile den aon bheachd riuthasan. Chan eil, cha robh ’s cha bhì. Tha mi an dòchas gun cuir a’ mhòrchuid an cùlaibh ris an t-seòrsa sealladh agus fealls­anachd suarach sin.

Seòna McClintock, Glaschu

Tha e a’ cur fearg orm nuair a bhios na nàiseantaich a’ dèanamh a-mach gur e ceist mu
ghràdh-dùthcha a th’ ann an neo-eisimeileachd. Tha mise ’nam Albannach moiteil. Tha mi air a bhith a’ leantainn sgioba ball-coise na h-Alba air feadh an t-saoghail bhon a bha mi beagan mhìosan a dh’aois. Feumaidh do chridhe a bhith loma-làn gràdh-dùthcha air son gàire a chumail air d’ aodann aig feadhainn de na geamannan a th’ againn! Agus chan eil na beachdan a th’ agam air neo-eisimeileachd a’ lùghdachadh mo ghaoil do dh’Alba idir, a dh’aindeoin na bhios feadh­ainn eile san luchd-leantainn ag ràdh rium.

Saoilidh mi gu bheil ainm na h-iomairt – Nas Fheàrr Còmhla –gu math freagarrach. Tha smachd againn le Pàrlamaid na h-Alba air cuid dhe na rudan a tha a’ toirt buaidh mhòr air ar beatha, leithid slàinte, foghlam, taigh­eadas. Ach aig an aon àm tha buannachdan mòr againn nuair a tha sinn ’nar pàirt dhen Rìoghachd Aonaichte. Tha sinn nas beartaiche – chan ann le airgead a-mhàin, ach a thaobh cultair – le ar càirdean Èireann­ach, Sasann­ach agus Cuimreach ri ar taobh. Agus sna h-amannan a th’ ann tha sinn nas tèarainte mar a tha sinn, gun a bhith a’ feuchainn ri dùthaich ùr a stèidh­eachadh ann an saoghal cho luaisgeach. ’S dòcha gun tig an latha nuair a chì mise, neo mo chlann, neo m’ oghaichean, Alba neo-eisimeil­each, ach chan e seo an t-àm ceart, chan eil an suidh­eachadh ceart againn an-dràsta. Tha mo dhùthaich-sa ro chud­romach a chur ann an cunnart mar sin.

Fiona Dunn, Glaschu

Anns an t-Sultain, chan eil teagamh nach bi mise a’ bhòtadh “bu chòir” anns an Reifreann! Tha mise a’ creids’ gur e sinne, na daoine a tha fuireach agus a tha ag obair an seo, an fheadhainn as fheàrr a dh’fhaod­adh co-dhùn­aidhean a dhèanamh mun t-slighe air adhart againn air son math muinntir na h-Alba san àm ri teachd. Chan eil mise a’ fair­eachdainn gu bheil Riaghaltas na Rìoghachd Aon­aichte air gu leòr co-dhùnaidh­ean a dhèanamh thar nam bliadhnaichean gus coinneachadh ris na tha a dhìth air muinntir na h-Alba neo ris na bu mhiann leinn mar shluagh.

Tha an t-àm ann a bhith an urra ris na co-dhùnaidhean ag­ainn fhèin agus barrachd buaidh a thoirt air slighe na h-Alba anns na bliadhnaichean air thoiseach oirnn. Smaoinich air dùthaich far a bheil dearbh-aithne phoilitigeach agus chultarail againn a tha freagairt air beachdan muinn­tir na h-Alba. Agus dùthaich far a bheil sinne a’ toirt buaidh air ar sealladh eadar-nàiseanta agus ar ceanglaichean le dùthchannan air feadh an t-saoghail.

Saoilidh mi g’eil iomad­h coth­rom an lùib neo-eis­imeil­eachd nach bi againn ma dh’fhuir­ich­eas sinn san aonadh. Gu dearbh, ma tha cothroman nas fheàrr neo nas ùire ann dhuinn le bhith fuireach san aonadh, chan eil
riaghaltas Lunn­ainn neo an iom­airt “Nas Fheàrr Còmhla” air sin a shealltainn dhòmhsa fhathast!

Mark Wringe,

an t-Eilean Sgitheanach

Thug mi dusan bliadhna a’ fuir­each ann an dùthaich bheag eile a tha coltach rinn ach cho eadar-dhealaichte rinn cuideachd. Ged as e “fèin-aithne” a chruthaich ceòl, litreachas agus ealain na dùthcha sin, cha b’ e a choisinn fàilte, èisteachd – agus margaidh – dhaibh feadh an t-saoghail. Bu mhòr an diofar eadar Alba agus Èirinn an sin. Se aithne eadar-nàiseanta a tharraing luchd-ceannaich ’s luchd-turais, a thug cluas thall thairis do mhuinntir na dùthcha, ’s a chruthaich càirdean ’s a choisinn spèis sna ceàrn­aidhean as fhaide ás. Chunnaic mi mar nach urrainn do riagh­altas astar a chumail eadar iad fhèin ’s an sluagh ann an dùth­aich bheag – agus bha e cho fur­asta dhomh cothroman fhaigh­inn bruidhinn ri ministearan san riaghaltas. Bu toigh leam fàs nas coltaiche ri nàbaidhean eile a tha nas soirbheachail agus nas toilichte an dèidh a’ bheàrn a dhùnadh eadar bochd agus beairt­each, mar an Danmhairg no Nirribhidh, nach do ghabh pàirt ann an cogaidhean breug­ach, ach a chuireas feachdan a chumail na sìth.

Bidh ceist air a’ phàipear san
t-Sultain, agus ceist eile air a cùl – a bheil sealladh againn air rud­eigin nas fheàrr, no a bheil gach nì taghta, tapadh leibh?

Sandra Byrne, Loch Aills

Nuair a bha mi na b’ òige agus san oilthigh ag obair air son ceum ann an litreachas na h-Alba, cha b’ e ruith ach leum bhòtadh air son Alba a bhith neo-eisimeileach. Cha toireadh e mionaid dhomh sràc a chur air son “bu chòir”. Se an t-adhbhar, ’s dòcha, gun robh mi làn misneachd ’s (aig an àm sin co-dhiù) gu robh an cothrom sin a dhèanamh cho fada bhuam, no ’s dòcha gun robh mi dìreach òg, gun uallach sam bith!

Dè tha air atharrachadh ma-thà? Tha mi a-nis ag obair làn-thìde, tha mi air taigh a cheann­ach ’s tha mi an dùil pòsadh as t-samhradh. Chan eil mo bheatha cho sìmplidh ’s a bha i san oil­thigh ’s chan eil mo bheachdan, nas motha. ’Na mo bheachd-sa chan urrainn duine a bhith
deimhinnte cinnteach dè an coltas a bhios air ar dùthaich ma bhios sinn neo-eisimeileach, ’s b’ fheàrr leam gum biodh luchd-poilitigs onarach gu leòr sin aideachadh. Tha mi gu tric a’ fair­eachdainn gu bheil gach taobh cho trang a’ cur sìos air an taobh eile ’s gu bheil e a’ toirt misneachd bhon a’ mhòrchuid de dhaoine a tha mì-chinnteach agus a tha sa mheadhan. Mar sin chan eil sinn deònach pàirt a ghabhail anns an deasbad.

Se cuspair a th’ ann a tha cho cudromach ’s cho pearsanta do bheatha gach Albannaich ’s gach neach a tha fuireach anns an dùthaich, agus bu chòir dhuinn an cothrom fiosrachadh soilleir fhaighinn ann an dòigh a tha ciallach, socair agus feumail.

Mairead Hamilton,

an t-Eilean Sgitheanach

Tha iomadh ceist agam mu na cothroman agus ana-cothroman co-cheangailte ri Alba a dhèanamh neo-eisimeil­each: ciamar a bhuaileadh e air an econam­aidh? Dè seòrsa dàimh bhiodh againn ri Sasainn? As dèidh 300 bliadhna bhith ’nar pàirt dhen Rìoghachd Aonaichte, a bheil sinn làidir gu leòr seasamh leinn fhèin a thaobh ionmhais, dìon na dùthcha, sochairean sòisealta agus cùisean cèine? An-dràsta chan eil mi buileach cinnteach.

Bhiodh e soirbh gu leòr dhòmhsa beachdachadh air a’ chuspair tro shùilean dòchasach, ach ’s dòcha nach eil dòchas gu leòr nuair a tha sinn a’ cnuasachadh air ceum cho mòr, a dh’ath­arraicheas a h-uile roinn de ar beatha. Tha mi air son barrachd rann­sachaidh a dhèanamh mus gabh sinn ceum nach urrainn dhuinn tarraing air ais air. Tha mi an dòch­as nuair tha agam ri rogh­ainn a dhèanamh, gun urr­a dhomh an dà thaobh a choth­romachadh gu ìre nas fheàrr ’s an taghadh ceart a dhèanamh.

Chì sinn san àm ri teachd dè na cumhachdan eile a thèid a thairgsinn do dh’Alba le muinn­tir an aonaidh agus leis a-sin dè an t-slighe as buannachdaile.

Back to the top of the page