Gaelic: ‘Seann Nòs’ an staing aig a’ Mhòd

Share this article
0
Have your say

Tha na farpaisean “seinn san t-seann-nòs”, aig na Mòdan san fharsaingeachd, air atharrachadh gu mòr am beagan bhliadhn­aich­ean.

Tha an duilgheadas a th’ ann le tiotal na farpais seo follais­each fiù o Phrògram a’ Mhòid. Air td 152 tha an tiotal air ead­ar-theangachadh mar “Sing a song in the traditional manner”. Air td 155, ge-tà, tha na dearbh fhaclan air an eadar-theangachadh mar “Sing a traditional song”.

Tha an deifir eadar an dà chiall fìor chudromach, ’s tha buaidh mhòr aige air na chluinnear an-diugh anns na farpaisean seach mar a b’ àbhaist. Nas motha ’s nas motha a-nis, cluinnear òrain on 20mh linn, glè thric ann an 3/4 no 6/8, air an gabhail sna farpais­ean “seann-nòs” dha na fil­ean­taich. Tha e a’ sìor fhàs cumanta a bhith a’ seinn ann an dòigh gu math slaodach, agus cuideachd a bhith a’ lìonadh òrain le pongan-sgeadachaidh, ged nach eil ceangal fon ghrèin aig an fharpais­each fhèin, no aig an òran, ri
dualchas àite far an dèanar sin gu h-ealanta agus gu nàdarra.

’S gann gun robh fìor sheann òran ri chluinntinn idir sna farp­aisean “seann-nòs” a chuala mise am-bliadhna. Gu h-inntinneach, nuair a sheinn aon fharpaiseach òg òran-luaidh a thàinig bhon teaghlach aig Dòmhnall Ruadh Mac an t-Saoir (Bàrd Phàislig), dha bheil i càirdeach, thugadh comhairle dhi an leithid a sheachnadh mura biodh òran eile leis. Ach car son? Sin na h-òr­ain a bha dualchasach dhi, agus chan urra dhuinn a ràdh nach eil iad san “t-seann-nòs” a rèir an
dà eadar-theangachaidh a nochd anns a’ phrògram. Saoil dè chan­adh am bàrd fhèin mun chùis?

Tha ’n seòrsa breithimh a bhi­thear a’ chleachdadh aig na far­p­aisean “seann-nòs” cuideachd air atharrachach. Chithear glè thric, mar eisimpleir, feadhainn nach cualas a’ seinn pong riamh, math ’s gum biodh a’ Ghàidhlig aca. Se an seòrs’ eile seinneadair­ean ainmeil nach eil idir ’nan sgoilearan air beul-aithris. Glè thric bhuin­eadh seat de bhreith­eamhan dhan aon chèarn dhen Ghaidh­eal­tachd. Am-bliadhna mar eisim­pleir, b’ ann á Leòdhas a bha triùir dhen cheathrar bhreitheamhan aig farpais chrìoch­nachaidh an t-seann nòis. A bheil eòlas gu leòr aca air òrain agus nòsan seinn air feadh na Gaidhealtachd? B’ àbh­aist gur iad sgoilearan le sàr-eòlas air òrain bho gach ceàrn agus gach linn a bhiodh ’nam breith­eamhan air an fharpais seo.

Mura bi sinn faicilleach, cha chluinnear aon òran on 18mh linn no nas tràithe. Bidh na h-òr­ain as sine againn, a tha air leth cudromach ’nar n-eachdraidh mar Ghaidhil, a’ dol á bith gu tur ás na farpaisean “seann nòs”, oir chan aithnichear an luach.