Gaelic: Se crois na Gàidhlig cion spéis nan Gaidheal fhéin

Share this article
0
Have your say

Dòmhnall MacNÈill, ceannard Chomunn na Gàidhlig (CnaG), a’ phrìomh bhuidheann leasachaidh chànanach a tha ag obair aig ìre choimhearsnachd.

’S i Gàidhlig taobh siar Leódhais a th’ aige mar chiad chainnt, ged a chaidh a thogail ann an Inbhir Nis. An robh sin doirbh dha no dh’a phàrantan?

“Cha robh idir. Bha Gàidhlig aig m’ athair agus dh’ionnsaich mo mhàthair i gu math sgiobalta gus an robh i stéidhte mar chàn­an na dachaigh. Mar sin cha robh mise air a’ Bheurla ionn­sachadh mun deach mi dhan sgoil.”

Nach tù a bha beannaichte, ma-tà!

“Tha cuimhne mhath agam a’ dol chun na sgoil àraich Bheurla aig aois ceithir bliadhna agus mi smuaineachadh: ‘Dé tha dol ann a sheo? Tha iad a’ bruidhinn cànan neònach nach eil agam.’ Ach cha chreid mi gun do chuir e maille sam bith orm. Thog mi Beurla na sgoile agus chuidich mi mo phiuthar ’s mo bhràthair ga togail.”

An robh móran cothrom agad Gàidhlig a bhruidhinn taobh a-muigh na dachaigh ge-tà?

“Bha sinn fortanach gun robh Murchadh MacLeòid, Murchadh HMI nach maireann, ’s Màrt­ainn Dòmhnallach am fear naidh­eachd a’ fuireach faisg oirnn, a rinn dachannan gu math Gaidh­eal­ach sa bhaile mhór. Bha clann acasan mun aon aois rinne ’s bha seòrsa choimhearsnachd bhig Ghàidh­lig againn. Bhiodh Gaidh­il gu leòr air feadh a’ bhaile cuid­eachd, céilidhean a chuir An Comunn Gaidhealach air dòigh, ’s bha iad uile eòlach air a-chéile.”

Bhiodh e math rudeigin mar sin fhaicinn sa h-uile àite. Dé na rudan bu thoigh leat fhéin fhaic­inn a’ tachairt a bhiodh cuid­eachail don chànan agus i a’ fàs?

“Barrachd spéis aig muinntir na h-Alba air fad dhan Ghàidhlig agus mas e amas ro àrd a tha siud, se co-dhiù nach biodh iad a’ dèanamh dìmeas oirre cho tric, on se caitheamh ùine ’s caith­eamh misneachd a tha siud. Tha móran fhathast a’ smuaineachadh gur ann air iomall ghnoth­aichean a bu chòir a’ Ghàidhlig a bhith, gur e cùis mhagaidh a tha anns na Gaidhil ’s an cànan. Se dìr­each aineolas a tha sin ach ma tha thu ag obair ann an coimh­earsnachdan far a bheil sin ri cluinntinn cha mhór a h-uile latha, tha thu dìreach a’ fàs sgìth dheth. Feumaidh sinn a dhol a mach thuca tro na meadhanan uile le teachdaireachd làidir ag innse dhaibh car son a tha a’ Ghàidhlig cudromach.”