Gaelic: O chionn 80 bliadhna - Bhon ‘Weekly Scotsman’, Di-sathairne 13 céitean 1933

Share this article
0
Have your say

Tha frith-rathaidean cho furasd fhalbh iomadh uair ri rathad-mór an righ, agus a cheart cho pailt an seallaidhean gasda.

Treoraichidh iad sinn gu ionadan bòidheach – gu lochain shàmhach, sràithean gorma, feurach agus sléibhtean àrda, donn-riabhach. Do’n fhear-choise tha’m frith-rathad anabarrach socair an coimeas ris an rathad-mhór. Chan eil e cho teth air na buinn no cho searbh air na brògan; agus, cho fad ’s nach eil e bog le uisge, chan iarrar roghainn air an àm samhraidh. Air a shon sin, cha chòir a ghabhail gun fhios ceana tha e dol. Their cuid gu’m faodar dol taobh ’sam bith cho fad ’sa sheachnar coilltean maiseach agus fearainn-àitich. Chan eil so uile gu léir ceart, a chionn tha àmannan agus ionadan anns nach eil e cothromach no iomchuidh siubhail air ais is air adhart gun chead, gun chomhairle. Tha caoirich ri sheachnadh an uair a bhiodhar ’gan trusadh, agus féidh ri chumail gun bhuaireas air na làithnean ainneamh ’sam bith luchd an t-seilg a’ dol am mach. Cha chòir coire dheanamh gun aobhar do ghnothaichean dhaoine eile, agus, ma’s miann leinn sìth a mhealtainn, giulainidh sinn sinn féin cho sìtheil ’s a’s urrainn dhuinn an uair a chuireas sinn ar cas air frith-rathad. Tha luchd-dìridh nam beann a’ fàs lìonmhor, agus is ion dòchas a bhi nach cuir iad tuillidh dragh na ruigeas iad a leas air tuathanaich no luchd-seilg. M’a dhùnar am mach iad is e an coire féin a bhios ann.

Back to the top of the page