Gaelic: O Chionn 80 Bliadhna: bhon ‘Weekly Scotsman’, Di-Sathairne 12 Samhain 1932

0
Have your say

BHA là ann is bha meas air an darach agus air a’ bheithe air feadh na Gàidhealtachd. Bha’n dara aon air a ghnàthachadh air son cairteadh leathair agus an t-aon eile air son leaghadh iaruinn.

Chan eil feum na’s mò orra anns na rathaidean sin, ach tha iad fhathasd a’ cinntinn ’nam badan cuimir an iomadh cùil is cuilidh air feadh ar dùthcha.

Fhuair mi sealladh air cuid dhiubh o cheann seachduin no dithis, agus bha iad da-rìreadh lurach ’nan trusganan
ioma-dhathach. Bha an caorann ann, cuideachd, agus an calltunn ’san leamhann; agus, ged a bha na duilleagan air tuiteam an tomhas mór, bha gu leoir air fuireach gu bràighe ghlinne dheanamh sgiamhach mar bhrugh sidhe. Tha choille air a sgathadh ás ’sa Ghàidhealtachd, oir chuir na caoirich ach beag crìoch air an sgrios a rinneadh oirre le luchd-deanaimh leathair is iaruinn. Tha làirig is giubhas de iomadh seorsa air an cur ’na h-àite, ach chan eil iad cho maiseach no cho tlachdmhor ris na seorsachan a bha rompa.

Cinnidh an calltunn, an darach agus am beithe fhathasd, ach an uair a thachras sin bidh ar monaidhean a rithisd fo chrodh agus ni h-ann fo chaoirich. Cha tachair e ri’r latha-ne, oir tha chaora fhathasd a’ pàigheadh gu math, agus, cho fad ’sa bhios, cha’n urrainnear a’ cur á h-àite.

Back to the top of the page