Gaelic: Mòd math eile ann an Dùn Omhain

0
Have your say

B’ann aig na Leòdhasaich a bha làmh an uachdair sna prìomh fharpaisean seinn aon-neach aig Mòd Dhùn Omhain.

Fhuair seinneadairean le bontainneas dha Eilean an Fhraoich trì de na ceithir buinn air son farpaisean a’ Bhuinn Òir ’s an t-Seann Nòis.

Ann am farpais a’ Bhuinn Òir, ghlèidh Calum MacLeòid – mac Iain MhicLeòid a tha ’na Cheann-Suidhe air a’ Chomunn Ghaidh­ealach – farpais nam fear, agus thog Eilidh Davies á Inbhir Gar­adh prìomh dhuais nam ban.Thuirt Calum: “Tha mi air a bhith aig mòdan bhon a bha mi beag agus chan eil mi a’ smaoin­eachadh gun do chaill mi fear bhon a rugadh mi. Cha leigeadh m’ ath­air leam dìochuimhneachadh nan tachradh sin.

“Tha mi cho toilichte gun do bhuannaich mi am Bonn Òir. Chan eil mi buileach cinnteach fhathast, ach tha mi smaoineachadh gur e seo a’ bhliadhna mu dheireadh a bhios agam a’ farpais, mar sin tha e sgoinneil a bhith a’ buannachadh.”

A rèir Eilidh, b’e bristeadh dùil a bh’ ann dhi an-uiridh nuair nach d’fhuair i troimhe chun na cuairt dheireannaich dhen fharpais: “Ràinig mi nàdar de chrois-rathaid far an robh agam ri co-dhùnadh a dhèanamh, an robh mi a’ dol a chumail orm no a’ dol a stad, oir bha mi air faighinn troimhe dhan chuairt dheireannach dà thuras ron a-sin. Tha mi air leth toilichte gun do chum mi orm!”

Ann am farpais an t-Seann Nòis b’ e Cairistìona Stone, a bhoineas dha Leòdhas ach a tha nis a’ fuireach ann an Gallaibh, agus Ailig Dòmhnallach á Leòdh­as, a ghlèidh na prìomh dhuaisean. Chuir Ailig roimhe gun a dhol an sàs sa chòisir no farpais sam bith eile, feuch am biodh aire dìreach air an t-Seann Nòs. “Bha mi ag obair air na h-òrain fad na bliadhna. Bha mi air m’ inntinn a dhèanamh an àirde gun robh mi a’ dol a dhèanamh seo aon uair eile. Tha mi smaoin­eachadh gun do chuidich sin.”

Thuirt Cairistìona as dèidh na farpais: “Thagh mi òrain a bha còrdadh rium agus a bha dlùth dha mo chridhe. ’S caomh leam a bhith seinn, agus ’s caomh leam smaoineachadh ’s mathaid gun cuidich e daoine eile, gum bros­naich an seòrsa seinn a th’ agamsa iad ’s gun toir e misneachd dhaibh a thighinn air an àrd- ùrlar agus seinn anns an dòigh a tha a’ còrdadh riutha fhèin.”

Back to the top of the page