Gaelic: Mòd Dhùn Omhain, dè tha romhainn?

Cidhe Dh�n Omhain: baile beag c�irdeil, le tallachan am pailteas. Picture: Neil Hanna

Cidhe Dh�n Omhain: baile beag c�irdeil, le tallachan am pailteas. Picture: Neil Hanna

0
Have your say

Thòisich am Mòd Nàiseantaa-raoir ann an Dùn Omhain. Se baile beag càirdeil a th’ ann,le tallachan am pailteas, agus àiteachan gu leòr far an coinnich daoine ri’n càirdean gu furasta.

Bidh a dhà dheug a’ cluichd anns na farpaisean pìobaireachd do dh’òigridh eadar 13 agus 15 bliadhna dh’aois. ’Nam measg tha Brìghde Chaimbeul o Chaol Loch Aillse agus Seamus O Baoighill á Slèite, a tha le chèile air iomadh duais a chosnadh. Cluinnear aon neach deug anns gach farpais dha na h-inbhich, far a bheil measgachadh inntinneach de phìobairean a tha fìor chliùiteach mar-thà agus deagh phìobairean air nach eilear fhathast buileach cho eòlach. Anns na farpaisean fìdhleir­eachd bidh òigridh á iomadh ceàrn a’ cluichd, ach chan eil na h-inbhich ach gann. Sann áLeòdhas a tha a h-uile gin dhena farpaisich a bhios a’ cluichd na maileoidean. Nach math gu bheil iad a’ cumail an t-seòrsa ciùil seo beò.

Se luchd ionnsachaidh òga a bhios a’ seinn Di-Luain, agus bidh na farpaisean dha na còisir­ean daonnan fìor inntinneach. Cluinnear cuideachd an dà fharpais airson Bonn Cuimhneachan Sheumais Mhic a’ Phì, anns am bi an ìre daonnan gu math àrd.

Tha na h-àireamhan de na fileantaich a bhios a’ nochdadh Di-Màirt gu math fallain, le àireamh­an àrda de nigheanan a’ seinn san t-seann nòs. Se farpais­ean fìor thlachdmhor dhan luchdèisteachd a bhios annta seo.

Bidh aire dhaoine air na farp­aisean dha na Buinn Òir Di-Ciadain agus Diar-Daoin. Tha grunn dhe na boireannaich, Ceitidh Nic a’ Ghobhainn agus Gillian Nic­Dhòmhnaill ’nam measg, air tigh­inn faisg air Bonn Òir a’ Chom­ainn a chosnadh roimhe seo, ach bidh farpaisich ùra a tha fìor chomasach ’nan aghaidh. ’Nam measg bidh Raonaid Deans a bhuannaich an t-Aigeallan Airgid an-uiridh, agus Eilidh Rothach a rinn fìor mhath aig Mòd Mhuile. Am measg nam fear, bidh Ruairidh MacCarmaig a’ seinn ann am farpais nan inbheach air son a’ chiad uair, an dèidh dha iomadh duais a chos­nadh nuair a bha e na b’ òige. Bidh grunn de dh’fharpaisich a’ feuchainn ri Bonn Òir a’ Chom­ainn agus Bonn Òir an t-Seann Nòis a chosnadh le chèile am-bliadhna, agus tha cuid ’nam measg a tha glè chomasach air sin a dhèanamh.

Se Di-Haoine latha nan còisir­ean mòra ann am farpais Sgiath MhicShimidh ’s Thulaich Bhàr­d­ainn. B’e Còisir Inbhir Pheofh­ar­ain, Ceòlraidh Ghàidhlig Ghlaschu agus Còisir Inbhir Nis na còis­irean bu soirbheachaile anns na deich bliadhna chaidh seachad, agus cha bhiodh e ’na iongnadh nam faigheadh tè dhiubh seo an duais a-rithist.

Back to the top of the page