Gaelic: ‘Misnichibh clann gu bhith a’ bruidhinn Gàidhlig gun nàire’

John MacLeod, president of An Comunn Gaidhealach

John MacLeod, president of An Comunn Gaidhealach

0
Have your say

Feumaidh a’ Ghàidhlig a bhith ri cluinntinn anns gach raon de ar beatha, a rèir Ceann-Suidhe a’ Chomainn Ghaidhealaich, Iain MacLeòid, agus gu sònraichte nuair a thig e gu clann-sgoile – an ath ghinealach de Ghaidhil.

A’ bruidhinn aig cuirm-fhosglaidh a’ Mhòid thuirt e: “Se an dùbhlan a tha againn mar choimhearsnachd, dòighean a lorg gus taic a chumail ri gach cuid òigridh taobh a-muigh na sgoile, agus inbhich a tha a’ fàs gu bhith ’nan luchd-labhairt na Gàidhlig.

“Ro thric, am measg sgoilearan FTMG agus FIG, chan eil coth­roman cleachdaidh cànain aca ach a-mhàin anns an sgoil fhèin. Feum­aidh sinn cuimhneachadh nach eil ann am foghlam sgoile ach aon cheum air an t-slighe gu bhith fileanta anns a’ Ghàidhlig. Feum­aidh sinn dèanamh cinnt­each gun cumar a’ Ghàidhlig a’ dol anns an dachaigh, anns a’ choimhearsnachd, ann an cur-seachadan, ann an adhradh agus anns an àit’-obrach gus an toirear an t-àite ceart dhan Ghàidhlig mar chànan aig a bheil luach ’nar beatha làitheil.”

Bhrosnaich Mgr MacLeòid daoine gu bhith a’ bruidhinn ri clann sa Ghàidhlig a h-uile coth­rom a gheibh iad, feuch an toir iad misneachd dhaibh. “Mar tha fios againn, chan eil a’ Ghàidhlig tuilleadh a-mhàin mar chànan don Ghaidhealtachd ’s dha na h-Eileanan. Tha i fad is farsaing aig ìrean nàiseanta agus eadhon eadar-nàiseanta, agus a thaobh mòran de na h-òganaich sin chan eil anns a’ Ghàidhlig ach dìreach aon de na cànanan a bhruidhneas iad. Bruidhnibh riutha sa Ghàidhlig, oir tha ùidh mhòr aca anns a’ chànan, agus dèanaibh cinnteach gum bi fios aca gu bheil saoghal taobh a-muigh an t-seòmair-teag­aisg far a bheil a’ Ghàidhlig ga bruidh­inn, thoiribh dhaibh misneachd a bhith ga cleachdadh gu fosg­ailte, gun nàire sam bith. Agus, nuair a fhreagras iad sibh air ais anns a’ Ghàidhlig, gheibh sibh a-mach gun toir sin tuill­eadh misneachd dhuib’ fhèin a bhith ga cleachdadh.”

Cuideachd, bha an Ceann-Suidhe an dòchas gun robh an iomairt Ghàidhlig air tòiseachadh air toirt buaidh air an dòigh anns a bheil companaidhean agus buidhnean comeirsealta a’ coimh­ead air a’ Ghàidhlig. “An dùil an e comharra a tha seo gu bheil fàs ar cànain a’ toirt buaidh, mar a chithear anns a’ Chuim­righ, gu bheil aithne ga toirt do luach na Gàidhlig ann an Alba, agus nach e fasan a th’ ann san dol seachad? A bheil na compan­aidhean sin a-nis ag aithneachadh gu bheil luchd-labhairt na Gàidhlig airidh air seirbheisean ’nan cànain fhèin, a’ gluasad a dh’ionnsaigh an ‘spèis co-ionnan­ach’ a tha stèidhichte anns an lagh, ach nach deach fhathast a choileanadh chun ìre bu chòir.”

Back to the top of the page