Gaelic: Mion-chànan a’ dol a bhith agad? Dèan san Òlaind e

0
Have your say

ANNS an ochdamh linn bha Frìoslann a’ sìneadh bho Zeeland (ceann an-iardheas na dùthaich a dh’aithnichear an-diugh mar Rìogh­achd na Tìr Ìsle) don Ghear­mailt.

Chrìon i am meud ’s an cumhachd thar nan linntean: thàinig Frìoslann agus stàitean na Tìr Ìsle ri chèile gus Pob­lachd na Tìr Ìsle a stèidh­eachadh san 16mh linn, agus ri linn Cogaidh­ean Napoleon agus a’ mheadhan­achaidh phoilitigich a lean iad, ghluais cumhachd gu Am­ster­dam ’s dhan Hàg. An-diugh chan eil Frìoslann maireann gu poilitigeach ach mar roinn Duitseach air oirthir a’ Chuain a-Tuath.

A dh’aindeoin seo, tha Frìos­lann a’ seasamh a-mach bho chàch, fiù ann an dùthaich le dearbh-aithne cha mhòr aig gach baile. Tha biadh, laoidh nàis­ean­ta agus spòrsaichean aice fhèin, cuid dhiubh gu math iomral­l­ach, leithid fierljeppen, “leum fada” thar canàlaichean no aibh­nich­ean le cabar, agus pealsitte, sam bi farpaisich ’nan suidhe air cabar am meadhan canàil cho fada ’s as urrainn dhaibh. Ged a tha seo uaireannan a’ fàgail a’ chòrr den Rìoghachd a’ fanaid gu h-aotrom air Frìoslann mar cheàrnaidh neònach, tha pròis agus misneachd aig Frìoslann­aich ás an dualchas aca, ’s gu h-àraidh ás a’ chainnt thlachd­mhor aca, Fryske.

Rugadh Cees Krottje ann an Ljouwert, prìomh bhaile na Frìos­lainne. ’S e foghlamaichte gu àrd ìre, ioma-chànanach, agus a’ cleachdadh na Frìos gu tric, tha e a’ riochdachadh ginealach ùr de luchd-labhairt. “Sann á Frìoslann a tha mi. Tha mi a’ faireachdainn Frìoslannach, bidh mi a’ bruidh­inn na Frìos, ach cuideachd tha mi ’nam Dhuitseach agus ’nam neach-labhairt Bildts (cànan leth Duitsis, leth Frìos), cainnt mo mhàthar agus cainnt a’ bhaile san do thogadh mi. Cha chan­ainn-sa ‘dualchainnt’ ri Frìos no Bildts idir – chan eil sin a’ toirt spèis dhaibh mar chànanan agus mar mheadhanan conaltraidh aig a bheil riaghailtean agus dualchas dhaib’ fhèin.”

An dèidh na Beurla, se Frìos as fhaisge air a’ Bheurla Ghallda. Gu h-ìoranta, leis gu bheil crodh dubh-is-geal Frìoslannach air àite nan Àireach a ghabhail air achaidhean Siorrachd Àir, tha na fac­ail airson crodh, kij (Frìos) agus kye (Beurla Ghallda) mar aon eisimpleir bhòidheach den cheangal seo a tha fhathast ga chleachdadh an-diugh. ’S truagh nach tàinig cuid de na beachdan adhartach air cànain a th’ aig na Duitsich còmhla ris a’ chrodh.

Coltach ris a’ Bheurla Ghallda, tha a’ bhuaidh air Frìos bhon chànan mhòr gu deas air a bhith a’ lagachadh beag air bheag. ’S iad a’ feuchainn ri sgaradh a chumail – no a chruthachadh – eadar an dà chànan, tha am Fryske Akademy air facail oifigeil a roghnachadh nach eil air an cleachdadh gu làitheil le luchd labhairt, a’ toirt gu cuimhne nam poileasaidhean aig an Académie fran­çaise, agus ’s dòcha Bòrd na Gàidhlig. Mar a mhìnich Cees, chan eil seo cuideachail do leasachadh a’ chànain. “Tha Frìos, gu h-eachdraidheil, nas fhaisge air na cànanan Angla-Shasannach, ach bhon a tha Frìoslann cho faisg air an Òlaind, tha a’ bhuaidh bho Dhuitsis air a bhith mòr fad nan linntean. Bidh facail thradiseanta a’ cuideachadh na strì air son dearbh-aithne, ach tha iad mì-nàdarrach agus neònach do luchd labhairt. Tha cànanan orgànach, agus ’s dòcha gu bheil buaidh bho chànan eile a’ cur ri spiorad na Frìos.”

Chan eil rianachd ’na sgil a tha a dhìth air muinntir na Tìr Ìsle, ’s còmhla ri riaghaltas a tha deòn­ach mion-chànanan aith­neach­adh, tha àrainneachd fhoirfe san dùthaich do mhair­eachdainn mhion-chànanan. A bharrachd air trì no ceithir dualchainntean den Fhrìos, tha Bildts, Liombuirgis, Duitsis, agus na dualchainnt­ean Sagsannais Ìochdarach air ear-thuath na dùthcha uile air an aithneachadh gu ìre air choreig­in le riagh­altas nàiseanta no ionadail. Ged a bhiodh e a’ cur nan dubhan air na dathan a ràdh gur e cainnt neo-eisimeileach a th’ anns gach tè dhiubh, feumaidh gu bheil ìre de dh’fharmad aig luchd-strì mhion-chànanan air feadh an t-saoghail le cho deòn­ach ’s a tha ùghdarrasan na Tìr Ìsle urram a thoirt air cànanan. Ma thèid Frìos á bith, chan ann air sgàth gainnead taic oifigeil a thachras e. Tha i ga teagasg uair a thìde gach là sna bunsgoiltean, ’s ri fhaighinn mar chuspair sna h-àrdsgoiltean. Tha 350,000 luchd labhairt san Tìr Ìosail, ’s a bharr­achd air soidhnichean dà-chàn­an­ach air feadh na roinne, se Frylsân an t-ainm oifigeil a th’ oirre bho 1997.

Ach leis gu bheil an teaghlach Krottje a-nis a’ fuireach ann an Leek, mìltean air falbh bho Fhrìoslainn, dè tha air fàire do Thobin, mac òg Chees, a thaobh na Frìos? “Tha mi den bheachd gu bheil suidheachadh dà-chàn­an­ach sam bith feumail do phàis­tean, ’s cha chreid mi gu bheil seo mì-chomasach taobh muigh nan sgìrean tradiseanta. Tha clann Thurcach ’s Mhoroc­ach san Tìr Ìosail air an togail le dà chànan, agus tha iad a’ cumail ceangalan le dualchas am pàrant­an. Chan eil Frìos eadar-dheal­aichte.”

Tha Cees a’ bruidhinn na Frìos, Bildts, Duitsis, Beurla, agus fiù beagan Gàidhlig agus Beurla Ghallda; bidh roghainnean càn­ain gu leòr aige fhèin ’s aig Tobin san àm ri teachd. ’S mathaid gur e respekt, ge-tà, am facal as cudromaiche do mhion-chànanan san 21mh linn ma tha iad gu bhith beò. ’S e fhathast a dhìth aig ùghdarrasan na h-Alba air a’ cho-ogha as sine aig Frìos, ’s dòcha gun ionnsaich iad rud mu phoileasaidhean cànain ma bheir iad sùil a-null thar a’ Chuain a-Tuath.

Back to the top of the page