Gaelic: Leabhraichean cloinne: a bheil iad cho math ’s a tha iad a’ coimhead?

0
Have your say

Chaidh leabhar Tintin ann an Gàidhlig a chur air bhog an-diugh ann an Sabhal Mór Ostaig, ’s tachraidh e a-rithist san Eden Court Theatre, Inbhir Nis, an ath sheachd­ain (faic duilleag 3).

Tha An t-Eilean Dubh ’na chomharradh air slàinte na cànain, ’s ’na leisg­eul dhuinne sùil a thoirt air feadhainn eile de na leabhraich­ean cloinne Gàidhlig a thàinig a-mach o chionn ghoirid. Eil iad cho math ’s a tha iad a’ coimh­ead?

Aig Calum agus a Charaidean le Ceitidh Hutton (Leabhraich­ean Beaga, £6) tha dealbh mór le Gwen Bowie anns gach fosgladh, le tòrr a’ dol air adh­art anns gach gin. Tha an teacsa math ’s ann an deagh Ghàidhlig. Tha caoimhn­eas, spòrs, blàths ann, ’s beagan ri ionnsachadh mu bhith a’ dèanamh ’s a’ cumail charaid­ean. Dìr­each na tha dhìth mu àm leapa aig aois 2 no 3.

Thugadh brìgh na sgeulachd aig Danaidh an Dòbhrain, le Leas­laidh NicCoinnich agus Crios­aidh Dick (Dualchas na Cloinne, £4.90), on t-seann leabhar Tales of the Highlands le Seumas Dòmhnallach á Mòrar, ’s chaidh na dealbhan a chur ri chéile ann am bùthan-obrach aig an Aonad Ghàidhlig am Bunsgoil Mhalaig. Mar sin tha fìor bheul-aithris air cùl nam faclan, ’s tha siud math. Tha faireachdainn agam nach robh a’ Ghàidhlig aig cridhe nam bùthan-obrach ge-tà oir tha mì-thuigs’ ann far a bheil “a Dhan­aidh” an àite “Danaidh”. (Tha “bho dhoruis an taighe” dìreach ’na mhearachd gun leisgeul.) ’S cha robh fios aig duine sna bùthan-obrach co ris a tha sìthichean Gaidhealach coltach oir chan eil anns na dealbhan ach sìthichean Sasannach – uile boireann, le sgiathan.

Tha Maggie Midge le Rab McPhee (Lexus, £6.99) freumh­aichte sa Bheurla cuideachd. Se an làn tiotal aige Cross Over into Gaelic with Maggie Midge and the Island of Midgeorka, Eilean Mhidgeorka. Tha na dealbhan le Elfreda Crehan air leth math agus sann am Beurla ’s an Gàidhlig tha am beagan de theacsa a th’ ann. Gu mì-fhortanach, a-rithist tha mearachdan sa Ghàidh­lig – “fada a-null” an àite “fada thall”, “na ròin reamhar mhòra” an àite “na ròin mhòra reamhra”, agus “an t-àite deireannach laighe air tìr” nach robh mi air a thuigsinn idir gun chuideachadh na Beurla: “the final landing-place”! Leabh­ar math dha-rìribh mura b’e am pun uabhasach ud agus na trì bloighean de dhroch Gàidhlig.

Tha An Turas Siar: Sgeulachd Cheilteach le Leaslaidh NicCoinnich (Dualchas na Cloinne, £6.99) ’na odyssey neònach tro na dùthchannan Ceilteach. Tha tòrr teacsa ann – pailteas dhealbhan cuid­eachd, ach tha a’ mhórchuid dhiubh beag. Tha am plota car eagallach. Tha e mu chaileag bheag aig a bheil bràthair a th’ air a shlugadh le nathair ann an Galicia. Tha i a’ siubhal nan dualchasan Ceilteach eile ga lorg. Tha a’ Ghàidhlig sìmplidh gu leór ach tha cus fhaclan ann. Tha an fhealla-dhà ’s an dibhearsan uile anns na dealbhan.

Tha Cuir Stad air an Stoirm Shneachda le Leas­laidh NicCoinnich (Dualchas na Cloinne, £9.99) ’na “nobhail ghrafaig” do dheugairean aig a bheil ùidh ann am beul-aithris Ruis­ean­ach neo ann am fantas­aidh. Tha e gu math domhainn, dor­cha. Si Ghàidhlig a’ chuid as lugha dheth – an rud as cudrom­aiche se na dealbhan aig Shona Shirley Macdonald á Obar Dheath­ain, a tha cho iongantach ’s gun toir iad an anail bhuat. Leabhar a tha aig an aon àm bòidh­each, grànda agus mìor­bhaileach. Mo mheal-an-naidh­eachd air Shona Shirley ’s air Leaslaidh son am pròiseact gasta seo a thoirt gu buil.

Nise, bho chionn 40 bliadhna, nuair b’e MacThómais an rìgh, ged nach robh cruth nan leabh­raich­ean Gàidhlig ach suarach, cha d’thuirt duine riamh nach robh iad air an deagh dheasachadh. An-diugh tha cùisean a’ dol an rathad eile. Tha Dealbh-Chluich­ean do Chloinn le Peigi Flòraidh NicDhòmhnaill (Acair, £17) air a dheilbh cho faiceallach agus cho cosgail ’s gur gann a ghabh­as e chreidsinn. Ring binding ach an laigh na duilleagan sìos còmh­nard air a’ bhòrd. Pàipear glean­sach. Clò mór soilleir ach an leugh an stiùiriche bho astar e. Dealbhan dath­te làn phrofeis­eanta le té Veronica Petrie. Faclan nan actairean ann an dubh, stiùiridhean àrd-ùrlair ann an diofar dhathan.

Tha cùisean a’ tòiseachadh gu dona. Cha do rinn mi stem dhen chiad phìos, ‘A’ Bhean Ròin’, ged a leugh mi dà uair e. Bha a’ chiad dhuilleag de sgriobt làn mhearachdan. “Peatan” = “peataich­ean”? “Bhon ghrunnd” = “fon
ghrunnd”? “Leigibh dhinn iad” = “Leigibh fhaicinn dhuinn iad”? Bha rudeigin ann mu “cholbh” cuideachd nach do thuig mi gus an d’fhuair mi a-mach a-rithist gur e siud aon de na facail as fheàrr leis an ùghdar. Agus thuit banrigh na mara marbh gun adh­bhar follaiseach. Thuirt mi rium fhìn: “Tha mi an dòchas gum bi an còrr nas fheàrr.”

Gu fortanach, bhà.

Tha 31 dealbhan-cluiche san leabhar. Feadhainn air an toirt dìreach bho sgeulachdan nursaraidh, mar ‘Alasdair agus Màiri’ (Hansel agus Gretel), ‘Am Pìob­aire Breac’, ‘Am Prionnsa Sona’, ‘A’ Chearc Bheag Dhonn’, ‘Na Trì Mucan Beaga’. Feadhainn stéidh­te gu las air a leithid, mar ‘An
t-Isean Glas’, ‘Beataidh agus am Madadh-Allaidh’, ‘Mèirleach na Coille’. Feadhainn stéidhte air cluich chloinne, suidhichte an àiteachan far an nochd sreath de charactaran annasach aon an déidh a-chéile: diofar sheòrsachan bhùthan, “ionad maise” (beauty parlour), suirdsearaidh an
fhiaclaire. Feadhainn stéidhte is dòcha air rudan a thachair dha-rìribh (‘Na Meanbhchuileagan’, ‘Isean san Ugh’). Feadhainn stéidh­te air fealla-dhà mhì-rianail na cloinne fhéin – tha cùl an leabh­air ag ràdh mun ùghdar ’s mu chloinn-sgoile gur e th’ ann “na dealbh-chluichean a tha ise agus iad fhèin air a bhith a’ cur ri chèile thar nam bliadhnaichean a bha i na neach-teagaisg sa bhun-sgoil”. Mar eisimpleir, ann an ‘Am Fuamhaire’ tha ’m fuamh­aire a’ pòsadh an tidseir, ’s ann am ‘Fear nam Fiaclan’ tha ar cuairt air an t-suirdsearaidh gu math eagallach!

Tha a’ Ghàidhlig math, ’s tha an leabhar làn dibhearsain. Tha mi faicinn na bhios aig a’ chloinn de spòrs a’ dreasadh suas mar
fhlùraichean, mar chrogall, mar Uilebheist Locha Nis, no mar
ghràineag mhór “a’ liùgadh timcheall an àrd-ùrlair agus a’ dol na bàlla nuair a chluinneas i duine a’ tighinn”. Tha brod an àbhachd­ais ann. Fear aig stad a’ bhus: “Bus­aichean na croich!” Gille beag: “Mam, càit a bheil Croich?”

Tha gach nì as fheàrr mun leabhar ri fhaotainn sa phìos as fheàrr, ‘Mèirleach na Coille’: tha e a’ cur car de sheann sgeul ’s ga sgrùdadh as ùr; tha fealla-dhà thioram an ùghdair ann cho math ri fealla-dhà sgeigeach na cloinne; agus tha rannan beaga sgoinneil ann, oir tha NicDhòmh­naill ’na deagh bhàrd.

Tha na rudan math tha siud rud beag air am milleadh ge-tà leis an droch dheasachadh a dh’ainmich mi. Ann an ‘Am
Fuamhaire’ tha àbhachdas mu smòcadh (cluiche-facail eadar “fag” agus “fàg”) doirbh a leant­ainn. Uaireannan bidh an t-ùghdar a’ tilleadh gu seann phlota ’s a’ cur car eil’ ann: tha na diofar oidhirpean seo a’ nochdadh mar dhealbh-chluichean fa leth (‘Flùr Annasach’, ‘Lios Barabal’; ‘Ionad nam Maidsichean’, ‘Mu Dheir­eadh Thall’, ‘Seonaidh ’s an San­as’). Am broinn ‘Flùr Annasach’ tha cuid de na loidhnichean a’ nochdadh dà uair. Thug mi an aire do “chadhach” an àite “cladh­ach”, “mì-ghasta” an àite “mì-chneasta”, “ath-chruthachadh” an àite “ath-chuartachadh”, “sin” an àite “sinn”, “sinn” an àite “sin”. ’S ann an ‘Am Prionnsa Sona’ agus ‘Stad a’ Bhus’ tha cuid de na stiùir­idhean àrd-ùrlair air am bruidhinn, gu tubaisteach, leis na h-actairean!

Tha ceist ann mu òrdugh nam pìosan. (Bidh dùil aig tidsearan ri stiùireadh ann a bhith a’ tagh­adh dealbh-chluich do chloinn òga no do dheugairean.) Shaoil­eadh tu gum biodh iad air an òrd­ach­adh a réir na h-aois dha bheil iad iomchaidh, ach chan eil a leithid de structar ann. Mu dheireadh thàinig e thugam gu bheil iad air an toirt seachad mar a chaidh an sgrìobhadh, oir tha iad gu math reifreansail – tha Barb­ara Moore air a h-ainmeachadh, an uair sin Terry Waite, gràin­eagan Uibhist, Mohammed Al-Fayed, David Bellamy (bha mi ’n dùil ri Jimmy Savile ach cha do nochd e, taing dhan t-sealbh), ’s mu dheireadh Bebo agus Facebook. Air an làimh eile tha na pìosan as fheàrr, mar ‘An Siab­ann Ùr’, ‘Na Meanbhchuileagan’ agus ‘Mèir­leach na Coille’, iomchaidh do chloinn òga agus nas sine.

Mar sin, anns an teacsa tha rudan math, dona agus meadh­an­ach. Ach mar a thubhairt mi, tha gach nì eile coimhead prof­eiseanta agus cosgail. An e sin a tha na buidhnean a thug seachad maoineachadh, Comhairle nan Eilean Siar, Bòrd na Gàidhlig agus Comhairle nan Leabhraich­ean, ag iarraidh? No am bu chòir do dh’Acair beagan airgid a ghluasad bho “Dhreach” gu “Gàidhlig”?

Cha dèan e cron ged bhios na leabhraichean aca nas caoile ’s nas plèana, ma tha an teacsa ceart.

Back to the top of the page