Gaelic: Làithean sona? Cha robh ach maragan gun gheir, ’s nuair dh’éireadh Iain Dubh, laigheadh am ministeir

Share this article
0
Have your say

“BIDH mi fhìn a’ feuchainn ri sgrìobhadh cuideachd – bàrd­achd agus sgeulachdan goirid, anns na trì cànain a th’ agam – Fraingis, Beurla agus Gàidhlig, agus aon latha ’s dòcha gum bu toigh leam nobhail fheuchainn a bhiodh anns na trì cànain sin (aig an aon àm!).”

Sin caractar a’ bruidhinn san nobhail as ùire aig Aonghas Pàdraig Caimbeul, Fuaran Ceann an t-Saoghail (Clàr, £8.99). Tha rud­eigin san smuaint seo, leabhar sgrìobht’ ann an trì cànanan aig an aon àm, a tha fillte san nobh­ail seo fhéin, ach a-mhàin nach e diofar chànanan a tha sa cheist uiread ri diofar ghuthan. Chan eil i suidhichte ann am port-adh­air no air bàt’-aisig samhraidh far an cluinn thu diofar chànanan a’ dol seachad ’s a’ falbh, ach ann an taigh-eiridinn sna h-eileanan (fuar­an ceann an t-saoghail) far a bheil daoine aithnichte air an sgaradh le guthan ’s beachdan cho math ri cànanan. Agus tha iad seo air an riochdachadh le diofar fontaichean.

Nise, chan eil fhios againn dé cho cudromach ’s a tha na font­aichean an inntinn an ùghdair, oir chan eil e ’g ràdh. Ach on a tha iad a’ leum far na duill­eig ’s gar bualadh eadar an dà shùil, feumar am prìomh àite thoirt dhaibh (saoilidh mise) ann a bhith a’ meas luach an leabhair mar dhibhearsain, mar litreachas agus mar thòimhseachan.

Tha font sìmplidh serifte air a chleachdadh gu cunntas a thoirt air Criosaidh NicNèill, Mrs MacDonald, a tha san taigh-eiridinn ’na seann aois còmhla ri a smuaintean ’s a cuimhneachain. Tha e cuideachd air a chleachd­adh son Ruairidh Iain Mac­Aoidh, fear òg a tha a’ clàradh Crios­aidh dhan BhBC. Eil e ’na cho-chois­iche aice mar gum bitheadh?

Tha font sans-serif Eadailteach air a chleachdadh son Criosaidh eile, Criosaidh NicGhriogair, té òg air a bheil cùram nan eu­slainteach.

Tha font làmh-sgrìobhaidh air a chleachdadh son treas Crios­aidh, an dotair, Criosaidh Nic­Rath.

Tha font bold serifte air a chleachdadh son Gàidhlig air teip – sgeulachdan a tha Ruair­idh Iain a’ clàradh bho Chrios­aidh NicNèill. Nuair nach eil duine ga clàradh ge-tà tha i a’ bruadar nan sgeulachdan anns
a’ font àbhaisteach aice fhéin.

Tha font bold serifte Eadailt­each air a chleachdadh son bàrd­achd Ghàidhlig air teip.

Agus tha font bold làmh-sgrìobhaidh air a chleachdadh son Criosaidh NicRath a’ bruidh­inn Beurla.

Tha seo uile ’na chulaidh-smaointean bheòthail air nàdar nan guthan ’s an dualchais. A dh’ainneoin diofaran follaiseach, eil an aon DNA cultarail aig seann Chriosaidh ’s aig Ruairidh Iain òg? Ged a tha an aon ainm orra, a bheil na trì Criosaidhean cho diofraichte bho chéile ’s a ghabhas?

Agus a bheil dà sheòrsa DNA aig sgeulachdan a tha gan clàr­adh agus sgeulachdan nach eil? Dh’fhaoidte gu bheil. Seall seo. Tha Iseabail, banacharaid Ruair­idh Iain, ag ràdh: “’S an inns sibh dhuinn a-nis mu ur n-òigridh, a Chrissie. Cò leis a bha e coltach fàs suas aig an àm sin?”

Tha Criosaidh ag ràdh rithe fhéin: “A Thighearna! Cò leis a tha i smaointinn a bha e coltach? Bochdainn is cruadal is ana-cheartas ’s a h-uile balach san àite nan laighe marbh sa pholl sa Bheilg.”

Ach tha i ’g ràdh: “Làithean sona. Cha robh dìth sam bith oirnn. Bha a h-uile duine cuid­eachadh a chèile. A leòr de ìm
is càis is gruithim, bliochd
agus bainne, agus beòir bàrr an fhraoich, aran coirce, eòrna, agus seagail, brochan agus bainne, feòil agus sitheann, easan agus èanaraich. Nim bheil dad de sin a’ dol an-diugh, nim bheil, a
ghràidhein, agus tha a bhlàth agus a bhuil.”

Tha e follaiseach gun robh spòrs aig an ùghdar a’ sgrìobh­adh Fuaran Ceann an t-Saoghail agus aig a’ phriontair ga chlò-bhualadh. Saoilidh mi gum bi spòrs agaibhse ga leughadh
cuid­eachd. Tha e nas fheàrr na tòimhseachan-tarsainn no sud­oku, latha sam bith.

THA faireachdainn agam gu bheil an fhreagairt ris a’ cheist ud “Cò leis a bha e coltach fàs suas aig an àm sin?” (agus aig amannan eile roimhe) ri faotainn ann an Gaelic Proverbs and Proverb­ial Sayings with Gaelic Proverbs in Nova Scotia, an leabhar as ùire bho Sìol Cultural Enterprises ann an Ceap Breatainn – seann leabhar agus seann airtigeal air an cur ri chéile (ri fhaotainn bho www.gaelicbooks.com air $21.95).

Tha seanfhacail ’nan dibhearsain, ’s tha cruinneachaidhean dhiubh ’nan uamh òir. Tha iad daonnan a’ togail cheistean cho math ri am freagairt, agus sin mar tha an leabhar seo. Tha gach nì air a thoirt seachad san dà chànain, ach gu mì-fhortanach chan eil index ann.

Se a’ chiad phàirt ’s a’ phàirt as motha na Proverbs and Proverbial Sayings aig Tómas Dòmh­nallach (1864–1937). Tha Trueman MacMhathain aig Sìol air an ro-ràdh agus na seanfhacail ath-fhoillseachadh a-cheart mar a thàinig iad a-mach ann an 1926. Nach truagh nach do ghabh e an cothrom beagan a ràdh mun Dòmhnallach – thug mi iomradh air a chuid bhàrdachd san ro-ràdh ri An Tuil, ach chaidh mi iomrall nuair thuirt mi gur ann ás an Apainn a bha e. Fhuair mi a-mach on uair sin gun d’rug­adh e ann an Leódhas agus gun do thogadh e ann an Gleann Eilge.

Co-dhiù, chuir e na chruinn­ich e air dhòigh fo sheachd cinn – sop ás gach séid; fir, boireann­aich, pòsadh; sìde, ràithean, nàd­ar, Dia ’s an deamh­an; fearann agus obair; an Fhéinn; Calum Cille ’s na naoimh eile; cinnidh­ean agus cinneadalachd. Fo gach ceann chuir e na seanfhacail ann an òrdugh na h-aibidil. Tha na h-eadar-theang­achaidhean aige math agus chan eil dad agam ri chur riutha.

Se an dara pàirt na 58 sean­fhacail a chruinnich Charles W Dunn ann an Albainn Nuaidh ann an 1941–43. Bha Dunn (1916–2006), a rug­adh ann an Siorrachd Chinn Chàrd­ainn, ’na sgoilear a chaidh ’na Oll­amh ann an Ceiltis aig Oilthigh Harvard. Dh’fhoills­ich­eadh na seanfhacail aige san Journal of Americ­an Folklore ann an 1959. Ged a bha cuid dhiubh feumach air tuil­leadh obrach cha deach sin a thoirt dhaibh. “Cailleach bhochd ’ga gar­adh seachd bliadh­na ’s ni aon oiteag a fuarachadh” – chan e and (not) one breath to chill her mar a chanas Dunn ach and one breath of wind chills her.

“Cha ghabhadh e na cois­ich­ean, chan fhaigheadh e na marc­aichean”. Tha Dunn ag ràdh He wouldn’t take those on foot, and he wouldn’t get those who ride, ach nì e ciall ma chanas sinn: He wouldn’t take the infantry and he wouldn’t get the cavalry. (Duin’ òg le shròn an àirde.) Ma tha siud gar toirt air ais gu linn Chùil Lodair, tha agus an ath fhear: “Cha mhisde cùil ghlan a rannsachadh. A clean corner is none the worse of being searched.” Son reubaltaich?

“Leum gun chur leis, maragan gu ghéir, agus luadhadh gun òran. A quarrel without planting, sausages without suet, and a cloth-fulling gathering (waulking or milling frolic) without song (three useless things).” Se “gun gheir” bu chòir a bhith ann. Agus a quarrel without planting??? Geall nach e.

“Nead mar Bhrioghaid, is ugh mar Inid, is ian mar Chàisg, is mur bi sin aig an t-seann fhith­each, bidh am bàs.” Seanfhacal cumanta. Chan e “mar” ach “mu”.

“’Nuair a dh’éireas lain [sic] dubh, luighidh am ministeir. When Black John arises, the minister lies down (but Black John was taken by my informant to mean trouble, not, as Nicolson suggests, ‘the minister’s man’).” Trioblaid ann no ás, nach cuala mi “Iain Dubh” san t-seadh the man in the street?

Et cetera. Ach cha toil leam a bhith gearaineach. Tha an leabh­ar seo cho làn ri ugh le rudan math. Aon den iomadh tlachd a th’ ann se bhith lorg an aont-seanfhacail a’ tighinn ugainn á dà thaobh a’ chuain, leithid “Gille fireann ’s e fàs / Dh’itheadh e mar mheileadh bràth” (an Dòmhnallach) agus “Gille beag is e ’fàs, dh’itheadh e mar bhleith­eadh brà” (Dunn).