Gaelic: Feumaidh sinn maoir-chladaich nam muragan

0
Have your say

SE muragan a chanas sinne ann an Uibhist ri stuth a thig air a’ chladach.

Bha mi òg aig àm a’ chogaidh, ’s nuair a bha bàtaichean air an cur fodha gheibhte stuthan den a h-uile seòrsa san tiùrra. Bha fiodh ri fhaotainn ann am pailteas, agus is iomadh togalach air a’ chroit, eadar bàthach mhòr agus taigh beag chearc, air an robh mullach de dh’fhiodh a’ chladaich.

Tha cuimhne agam, am measg nan rudan neònach a nochd, gun robh bogsa de lard a bha math air son còcaireachd agus bèile de dhuilleagan tombaca a bhiodh na bodaich a’ smòcadh.

An-diugh ged nach eil bàtaichean air an cur fodha tha a’ mhuir air a gànrachadh le sgudal agus tha ar cladaichean gu tric salach, grànda. Is gann gun gabh e creidsinn na bhios daoine a’ sadail don mhuir – eadar seann taidhearan, botail fhalamh agus seann bhrògan. Tha e air amas gu bheil sgudal a’ cosg £17 millean do thurasachd agus do dh’iasgach ann an Alba gach bliadhna. Thuirt Anna Saunders bho Chomann Glèidhteachais na Mara, “Tha mòran de laghan ann ach chan eil e furasta an cur an gnìomh. Bu chòir don Riaghaltas agus do ghnìomhachas a
bhith ag obair còmhla gus maoir-chladaich fhastadh air son sùil a chumail air na h-àiteachan as miosa, agus bu chòir càin glè àrd a chur air buidheann no neach a tha ciontach.”

Se am plastaig a tha a’ deanamh a’ chron as motha
an-diugh. Cha robh a leithid ann nuair a bha mise anns an sgoil, ach an dràsta tha e a’ deanamh cron agus tha na pacaidean beaga anns am bi sliseagan buntàta air leth cunnartach.

Ma bhios cladaichean salach cha tig luchd turais agus ma bhios dubhain air am mùchadh agus bric air an tachdadh, bidh na h-iasgairean a’ call.

Back to the top of the page