Gaelic: Éigneachadh mar arm cogaidh

Angelina Jolie and William Hague. Picture: Getty

Angelina Jolie and William Hague. Picture: Getty

0
Have your say

IS tric a chluinneas sinn mu uabh­asan a’ chogaidh – na h-airm, na bomaichean ’s na mèinn­eachan a tha buidhnean armaichte a’ cleachdadh an aghaidh a-chéile.

Ach dé mu na h-airm a bhios saighdearan a’ cur gu feum an aghaidh muinntir an àite anns a bheil iad? Gun structaran tèar­ainteachd no innealan smachd, chan eil e furasta coimhead air na gnìomhan a tha air an dèanamh ann an teas a’ bhlàir.

Anns a’ choitheacsa seo, tha móran cumhachd aig arm air daoine, oir is leotha an armachd. Sann sna suidheachaidhean seo a bhios sgrios-cinnidh ’s a leithid a’ tachairt, air sgàth ’s gu bheil buidhnean armaichte saor gu peanas a chur orrasan a tha ’nan aghaidh. Tha murt ann, cràdh, ionnsaighean gun sgur, agus éigneachadh – air fireannaich, air boireannaich, air clann. Tha iad seo air an cleachdadh ag airm gus smachd no eagal a chur orra siud nach gabh an cur fo rian air dhòigh sam bith eile. Mar a rinneadh air na Boireannaich Sabine nuair a chaidh an Ròimh a stéidheachadh, mar a rinn na Seapanaich ann an Nanjing ann an 1937, mar thachair cuideachd ann am Bosnia sna 90an ’s mar a tha a’ tachairt fhathast an taobh siar Poblachd Dheamocrataig­each na Congo, far a bheil cog­adh a’ dol bho chionn 20 bliadhna. Anns na suidh­each­aidhean seo, thugadh òrd­aigh­ean dha na saighdearan an t-éig­neachadh a dhèanamh gus am peanas as miosa a chur air na daoine, ann an dòchas gun caill iad an cumhachd gu bràth tuilleadh.

Ann an Alba tha fios againn gu léir mun éigneachadh a bha ri fhaicinn ann am Braveheart ’s iad a’ bruidhinn mu ius primae noctis. Tha Braveheart gar cuid­eachadh gu tuigsinn dé bha arm Shasainn a’ dèanamh gus dùth­aich eile a chur fo chois.

Anns na h-eisimpleirean shuas bha e follaiseach gun robh na saighdearan a’ faighinn òrdaigh­ean bho ìre na b’ àirde. Tha eis­impleirean gu leór ann cuid­eachd far a bheil arm air son sùil dhall a thoirt air an éigneachadh gus feuchainn ri cur ás do structaran tèarainteachd, leithid mar a rinn na h-airm Bhreatannach agus Ameireaganach anns an Fhraing agus anns a’ Ghearmailt aig deireadh an dàrna cogaidh. Chaidh mu dhà mhillean boir­eannach Gearmailteach éigneach­adh le saighdearan mu 1945–46. Tha an seòrsa éigneachaidh seo follaiseach anns a’ film Rob Roy nuair a bheir an t-oifigeach Sasannach ionnsaigh air bean Rob; se sin, ged nach eil e ceadaichte, chan eil móran air a dhèanamh gus stad a chur air.

Tha an dà sheòrsa ri fhaicinn fhathast an-diugh ann an diofar chogaidhean air feadh an t-saoghail. Tha e follaiseach cuid­eachd gum bi éigneachadh a’ cum­ail chogaidhean a’ dol, agus is math dh’fhaoid­te a’ tòiseachadh chogaidhean ùra. Tha sin a’ ciallachadh gu bheil éigneachadh ceang­ailte ri ceistean mu shìth ’s mu thèarainteachd ’s gu bheil againn ri strì ’na aghaidh ag ìre eadar-nàiseanta.

Tha buidhnean gu leór ann a tha ag obair an aghaidh éig­neachadh ann an cogadh, agus a tha ag iarraidh gum bi fios aig an t-saoghal mu arm sam bith a tha a’ cleachdadh éigneachadh agus mu riaghaltas sam bith nach eil a’ toirt aire gu leór dha na daoine a tha fo’n cùram.

Tha Comhairle Tèarainteachd nan Nàiseanan Aonaichte (NA) air móran stiùir­idh fhoillseachadh air a’ cheangal eadar boir­eannaich, sìth agus tèaraint­eachd. Tha iad a’ moladh gum bu chòir barrachd bhoir­eannach a bhith ann an airm, gu h-àraidh anns na miseanan sìthe aig na Nàiseanan Aonaichte fhéin.

Tha Aithris Bhliadhnail an Rùnaire Choitchinn a’ toirt iomradh air éigneachadh mar arm cogaidh, ’s tha iomadh riaghaltas, buidheann charthannais, eaglais agus eile ag obair gu cur ás dha. Tha Uilleam Hague a’ siubhal air feadh an t-saoghail còmhla ri Angelina Jolie. Tha an G8 ag iarr­aidh gun dèan an saoghal tuill­eadh gus stad a chur air. Tha pròiseactan ann gus boireann­aich a dhìon, gus cobhair phrat­aigeach agus shaiceòlach a thoirt dhaibh, ’s gus an cuideachadh tro na cùirtean. Tha feadhainn eile ann a tha ag àrdachadh nan com­asan aig saighdearan ’s aig poileasmain, ’s gam brosnachadh gu meas a bhith aca ar còir­eannan daonna.

Is cinnteach gu bheil feum anns an obair seo uile, ’s gu bheil móran a thuilleadh ri dhèanamh. Tha éigneachadh ri fhaic­inn fada ro thric san t-saoghal leasaichte, ’s tha againn ri bhith cur an aghaidh sin cuideachd. Tha dùbhlain mhóra romhainn. Ach cha chuir sinn crìoch iomlan air gus an cuir sinn crìoch air cogadh. Bhithinn na bu dhòch­asaiche nan robh ar riaghaltasan nas làidire air a’ chùis na thà.

Back to the top of the page