Gaelic: Dubai: an glàmar ’s an t-anabharr

Share this article
0
Have your say

Cluinnear aon seòrsa shiubh­alaichean a’ gearain air leth tric. Siubhalaichean “ceart”, tha mi a’ ciallachadh, ’nam barail fhèin co-dhiù.

An fheadhainn nach rachadh faisg air àite th’ air ainm­eachadh sna leabhraichean iùil. Nach toireadh leotha ach aon phaidhir de dhrathais mheirg­each. Fear de na rudan a tha gan cur droil, se an dòigh anns a bheil calpachas na cruinne a’ dèanamh a h-uile baile coltach ri gach baile eile.

Nach iongantach, nach ìoranta, ma tha, gu bheil soirbheachas an dearbh phròiseas sin air àite adhbharachadh ’s a chruthachadh tha cho annasach, cho mìorbhaileach ’s cho eadar-dhealaichte bhon àbhaist ’s a tha Dubai.

Tha Dubai, gu ìre mhòr, air fàs gu h-obann ’s gu luath bho fhàs­ach mòr falamh gu bhith air fear de na bailtean eadar-nàis­eanta as ainmeile a th’ ann. Tha Dubai, baile fada mar loidhne chumh­ang a chumas dlùth ri cladaich­ean a’ Chamais Pheirsianaich,
’na phàirt de na h-Eimireidean Aon­aichte Àrabach. ’Na choltas,
bhiodh e doirbh baile nas ùire, nas adhartaiche, nas misneachdail a lorg. Sann anns an ailtir­eachd as follaisiche an fhianais.

’S nach e a tha follaiseach. Ge b’e dè an oisinn den bhaile air an coimhead thu, chì thu toglaich­ean mòra glainne, uile air an ùr thogail. Tha iomadh eisimpleir ann de dh’einnseanaireachd ’s de dh’ailtireachd bharraichte, cuid dhiubh anns a’ Ghuinness Book of Records – Am Burj Khalifa, mar eisimpleir, an togalach as àirde san t-saoghal, no an Dubai Mall, an t-Ionad Bùthadaireachd as motha ’s as trainge san t-saoghal, no, a-muigh sa Cham­as Pheirsianach, am Palm Jum­eirah, eilean-mara mòr brèige ann an cruth craobh-phailme. Nach iongantach iongantach an t-àite.

Leis na tha de leasachadh air a bhith dol, ’s e fhathast a’ dol ’s a’ dol gun sgur, chan eil cus fianais air fhàgail air eachdraidh na h- Eim­ireid. Sann san sgìre mun cuairt air Kohr Dubai no Dubai Creek a tha ’n cothrom as fheàrr beagan den eachdraidh seo fhaic­inn, ’s gu h-àraidh an sgìre Basta­kiya. Ghabhainn turas tarsainn a’ gheotha air tè de na bàtaich­ean tradiseanta fiodha air a bheil abra, turas snog a chosgas mu 20 sgil­linn an urra. Sann san sgìre seo a tha Taigh Sheikh Saeed, seann taigh an teaghlaich rìoghail, an
t-àite as fheàrr gus ionnsachadh mu’n deidhinn-san.

Chanadh cuid, agus is cinnt­each gum bi na siubhalaichean a dh’ainmich mi ’nam measg, nach eil cus cultair ri lorg air cùl a’ choncrait. Ach tha beagan ann. Bidh Taigh-Cluiche na Coimh­earsnachd, ’s an t-Ionad Ealain a tha ’na phàirt dheth, trang tric. Rachainn dhan Sheikh Mohammed Centre for Cultural Understanding gus, uill, barrachd tuig­se fhaighinn air cultar Dhubai. Gheibhear farsaing­eachd mhath de bhiadh an àite ann cuideachd.

Ach sann mu ghlàmar ’s mu anabharr a tha Dubai. Na rudan mòra mìorbhaileach mòrchuis­each, sin a tha am baile a’ tabh­ann, chan e eachdraidh dhomh­ainn no cultar àrd. Air an adh­bhar sin, chaidh mi dhan taigh-bhidhe shnasail stoidhleach “Ossiono” a tha ’na phàirt den Taigh Òsta ainmeil Atlantis air Palm
Jumeirah. Feumaidh nach eil a leithid eile anns an t-saoghal. Ann am meadhan an t-seòmair tha an Ambassador Lagoon le còrr agus 65,000 beathach mara a’ snàmh mun cuairt ann.

Le sealladh cho brèagha ’s cho neo-àbhaisteach air do bheul­aibh, feumaidh biadh air leth a bhith ann gus d’ aire a ghlacadh. ’S cha robh an clàr bidhe ’na bhriseadh dùil. Ghabh mi giom­ach gorm gratin a bha dìreach sgoinneil. Bha e a’ leaghadh ’s a leaghadh ’nam bheul.

’Nam bheachd-sa, mar as dorra co-dhùnadh a ruighinn air dè an dessert a ghabhas mi sann as fheàrr an taigh-bìdh. Anns an Ossiono thug mi mu fhichead mionaid a’ coimhead air a’ chlàr mus do thagh mi salted caramel chocolate tart, a bha blasta fhèin.

Cha chan mi cus mun bhileig a thàinig aig an deireadh, ach b’e tè de na dìnnearan as fhèarr bh’ agam riamh. Leis cho math ’s a chòrd i rium bha i ’na dìnnear luachmhor dhòmhsa. Cho eadar-dhealaichte bhon àbhaist ’s gur e rud gu math “Dubaiach” a bh’ ann.

Cò aige a tha fhios dè chan­adh siubhalaichean nan drathais mheir­geach mun bhileig chunn­tais ge-tà? Agus cò nach eil ach coma!

davidgalavants@gmail.com