Gaelic: Droch naidheachd don Ghaeilge an cunntas-sluaigh Ulaidh?

0
Have your say

SE beachd an sgrìobhadair seo gur e droch thoradh don Ghaeilge a bh’ ann am figearan Cunntas-Sluaigh Éirinn a-Tuath 2011.

Tha daoine ann a tha de chaochladh beachd ge-tà, ’s tha deasbad air tòiseachadh mun cuairt orra am measg Gaidhil a’ Chinn a-Tuath.

Thuirt 4,164 duine gun robh a’ Ghaeilge aca mar main language. Chan fhaodar an àireamh seo a sheachnadh, ach tha e ’na bhris­eadh dùil nach deach aig còrr agus ceud bliadhna de dh’obair ath-bheòthachaidh air barrachd dhaoine fhàgail ga bruidhinn mar phrìomh chànan. Oir anns na “26 Chontae” bidh 77,000 a’ bruidhinn na Gaeilge gu làitheil agus 110,000 gu seachd­aineil – figearan làidir gu leòr.

Tha a’ Ghaeilge air cùl na Beurla, na Pòlainnis agus na Liot­uàinis mar “phrìomh chànan”.Gheibh nàimhdean na Gaeilge tlachd ás a-sin. ’S cinnt­each gu bheil a’ chùis air son Achd Gaeilge stéidhichte air còraich­ean cànain air lùghdachadh gu mór.

A réir mo chuid rannsachaidh fhìn ge-tà, a tha stéidhichte air Cunn­tas-Sluaigh 2001 agus air rannsachadh eile, bidh còrr agus 4,164 ag ùisneachadh na Gaeilge gu cunbhalach anns a’ Cheann a-Tuath, timcheall air 10,000 gu minig, agus suas gu 22,000 bho àm gu àm. Mheudaich àir­eamh nan daoine le “comas” air chor­eigin anns a’ Ghaeilge bho 167,487 ann an 2001 gu 184,898 an-uiridh – bho 10.4 ás a’ cheud den t-sluagh gu 10.65 ás a’ cheud, toradh math dha-rìribh.

Thàinig lùghdachadh susbain­teach air àireamh nan daoine aig a bheil comas a’ chànan a leugh­adh, a sgrìobhadh, a bhruidhinn ’s a thuigsinn ge-tà, bho 75,125 gu 64,847, a tha ’na chùis iomagain do dh’iomairtichean na Gaeilge.

Mar sin, tha adhartas air a dhèanamh a thaobh àireamh nan daoine aig a bheil eòlas air choreigin air a’ Ghaeilge – ach an ionann sin agus fìor adhartas?

Latha no dhà an déidh do na figearan seo bhon chunntas-sluaigh a thighinn a-mach, thàin­ig statistig eile am follais bhon Roinn Fhoghlaim mu thuath. Se bh’ ann gu bheil a’ Ghaeilge mar ghnàth-chànan làitheil an taighe aig 986 de chloinn mu thuath, no 0.3 ás a’ cheud den t-sluagh – anns a’ cheathramh àite a-rithist. Chan eil feum ann a bhith ag ràdh nach eil an àireamh sin ìosal, agus tha coltas ann cuid­eachd gu bheil ròlaistean gan innse dhuinn ann an corra chùis.

A réir mo chuid rannsachaidh fhìn, tha àireamh na cloinne a tha gan àrach le Gaeilge mu thuath a’ tuiteam an àite a bhith a’ fàs (tha i daonnan a’ tuiteam sa Ghaidhealtachd thradiseanta, gu mì-fhortanach).

Faodaidh, agus tha dùil agam gur ann mar seo a thà e, nach eil mo chuid rannsachaidh glan cruinn – ach ’s cinnteach nach do rinneadh adhartas sam bith a thaobh àireamh na cloinne a tha gan àrach le Gaeilge sna Sé Chon­tae sna 20 bliadhna sa chaidh.

Air sàillibh sin, ged a rinneadh adhartas math a thaobh sgoilt­ean Gaidhealach, bun-structar ùr ga thogail, agus “Gael-eagar” (econamaidh Ghaidhealach) ga leasachadh, cha robh buaidh sam bith aig na rudan sin air bruidh­inn na Gaeilge mar chànan taighe, fhathast co-dhiù, ged a dh’fhaodar a ràdh gu bheil a’ dol gu math leatha mar chànan cultarach no mar chur-seachad.

• Tha Ciarán Dunbar ’na irisire Éireannach agus ’na dheasaiche air “Gaelscéal”.

Back to the top of the page