Gaelic: Dè dh’èireas don Mhèile Rìoghail?

Picture: Contributed

Picture: Contributed

0
Have your say

Tha daoine air draghan a nochd­adh mu dè dh’fhaodadh tachairt do sheirbheisean puist dùthchail anns an ùine fhada as dèidh dha mar a chaidh am Mèile Rìoghail a dhèanamh ’na chompanaidh prìobhaideach.

Bho chaidh an t-seirbheis puist nàiseanta air a’ mhargadh, tha gearanan air a bhith ann mu cho saor ’s a bha na h-earrainnean, agus an luach air èirigh gu mòr bho 15 Dàmhair nuair a chaidh an reic. Ach a bharrachd air sin, tha dragh air tòrr dhaoine gum faodadh na seirbheisean nach eil a’ dèanamh prothaid sna sgìrean dùthchail fulang. Thuirt Aon­ghas Brianan MacNìll, Ball Pàrlamaid nan Eilean Siar: “Bu chòir dragh a bhith aig daoine air dè dh’fhaodadh tachairt. Tha sinn air seo fhaicinn am Breat­ainn mar-thà leis na compan­aidh­ean cumhachd. Chan eil iad a’ gabh­ail mòran for air seirbheis a thoirt do dhaoine, tha iad a’ gabh­ail for air prothaidean a dhèanamh. ’S chan eil mi smaoin­each­adh gum bi mòran bhliadhn­aichean ann gus am bi iad a’ feuchainn ris an dleastanas son an aon seirbheis a thoirt dhan a h-uile duine a thoirt air falbh.

“Shaoilinn gur e an rud a thuirt Mgr Salmond, an comp­anaidh a thilleadh air ais dhan roinn phoblach, an rud as fheàrr. Oir bha e a’ pàigheadh, bha e a’ dèanamh prothaid san roinn phoblach.

“Tha gu leòr a tha a’ creidsinn gu bheil an roinn phoblach a’ ciallachadh subsad­aidh. Chan eil. Tha sinn a-nis air na bhathar a’ faighinn de dh’airgead bhon Mhèile Rìoghail a chall.

“Chan eil fhios againn cò tha a’ dol a dhèanamh prothaid ás na h-earrainnean a-nis. Chanainn gur ann a thaobh luchd-obrach a chì sinn na ciad ghearraidhean.Chan eil fhios a’m dè nì iad ann an sgìrean dùthchail, ach bidh iad a’ feuchainn ri luchd-obrach a thoirt air falbh. ’S ged a tha an Riaghaltas air airgead a dhèanamh ás a-seo, chan eil mòran an sin an tacsa ris a’ phrothaid a bhathar a’ dol a dhèanamh dhan Riaghaltas anns na bliadhnaich­ean a tha romhainn. Cha robh an Riaghaltas a’ leigeil leis a’ chompanaidh a dhol ann am fiachan, ’s cha robh iad deònach airgead a chur ris a’ Mhèile Rìoghail son an gnìomhachas aca a dhèanamh nas fheàrr, ach bha iad fhathast fiùs an uair sin a’ dèanamh prothaid.

“Mar sin cha robh còir aca a dhèanamh prìobhaideach – bha còir aca an structar a bh’ anns an roinn phoblach atharrachadh.”

Se Martin Forsythe manaidsear na h-iomairt “Save Our Roy­al Mail”. Thuirt e: “Tha am Mèile Rìoghail a-nis gu bhith air a stiùireadh leis na daoine aig a bheil earrainnean sa chompan­aidh, agus bidh sin a’ ciallachadh gur e prothaid as motha a bhios fa-near dhaibh, chan e seirbheis. Chan eil am post ann an coimh­earsnachdan dùthchail agus iom­allach, mar a gheibh thu ann an Alba, a’ dèanamh prothaid, ’s tha sinne dhen bheachd gun tig an là nuair bhios am Mèile Rìoghail mar chompanaidh prìobh­aid­each ag iarraidh na seirbheisean sin a lùghdachadh.

“Tha coimhearsnachdan dùthchail gu mòr an eisimeil nan seirbheisean puist aca agus na h-oifisean puist ionadail aca. Chan eil cinnt ann a-nis a thaobh dè thachras dha na seirbheisean deat­amach sin. Ma chumas an Riaghaltas na h-earrainnean a th’ aca, ’s ma nì iad dìon air seirbh­eis­ean dùthchail, bheireadh sin cinnt agus dòchas do dhaoine.

“Tha Ministearan a’ cumail orra a’ gealltainn gum bi seirbh­eisean làitheil ann do choimh­earsnachdan dùthchail. Gu mì-fhortanach chan eil na geallaidh­ean aca a’ maireachdainn ach gu 2015 nuair a bhios taghadh coit­cheann againn.”

Thuirt neach-labhairt ás leth a’ Mhèile Rìoghail: “Tha e ’na urram dhan Mhèile Rìoghail a bhith a’ toirt seirbheis choit­cheann do chòrr agus 29 millean de sheòlaidhean air feadh na Rìoghachd Aonaichte. Tha Achd nan Seirbheisean Postachd 2011 a’ dèanamh dìon air an t-sàr sheirbheis choitcheann a tha cus­tamairean san RA a’ faot­ainn. Tha an dìon sin fhathast ann ged as e companaidh prìobhaideach a th’ annainn. Mar phàirt den t-seirbheis dhìonta sin, tha seir­bheis cheudna anns gach pàirt den dùthaich, a’ gabhail a-steach sgìrean dùthchail. Feumaidh am Mèile Rìogh­ail cumail ri sin, no thèid càin­tean mòra chur oirnn.

“Tha Achd nan Seirbheisean Postachd 2011 cuideachd a’ cur an cèill na h-ìrean as lugha de sheirbheis a dh’fheumas a bhith ann. Am measg nan rudan a dh’fheumas sinn a dhèanamh tha a bhith a’ togail litrichean gach latha bho Di-Luain gu Di-Sathairne, agus seirbheis lìbhrigidh a thoirt seachad fad nan sia latha sin aig prìs reusanta ’s aig prìs a tha co-ionann ás bith càite a bheil sibh a’ fuireach san RA.

“Tha an Achd cuideachd a’ geall­tainn gum bi am Mèile Rìoghail a’ toirt seachad seirbh­eis choitcheann gu co-dhiù 2021. Cha ghabh an t-seirbheis ‘sia latha san t-seachdain’, le aon phrìs reus­anta air son a h-uile h-àite, atharrachadh ach le lagh anns a’ Phàrlamaid.”

Ach thig buill ùra dhan Phàrlamaid, no faodaidh na buill a th’ ann an-dràsta an inntinn atharr­achadh. Agus seach gur e com­panaidh prìobhaideach a tha ann­ta a-nis, a bheil cunnart ann gum faodadh laghan comeirseal­ta agus farpaiseach buaidh a thoirt air an t-seirbheis aca?

Back to the top of the page