Gaelic: Dè as motha a sheasas ’nur cuimhne bho 2012?

1
Have your say

“Bonn òir ’s gun e fiùs aig a’ Mhòd” – chaidh Andaidh Moireach OBE ainmeachadh le triùir ás an naoinear ris na bhruidhinn sinn

Màiri Anna NicUalraig

Neach-ciùil

Nochd clàr agus prògram TBh Caimbeulaich a’ Ghnìoba mu dheireadh thall, ’s chaidh sinn air chuairt tro Alba, gar toirt cha mhòr gu ceann-uidhe, no gu ciad chala co-dhiù ann am pròiseact a tha air an teaghlach a tharraing ri chèile cho dlùth. Thàinig dà theaghlach Chamas Tiana­bhaig an Eilein Sgiathanaich còmhla le pòs­adh mo cho-ogha Fraser ri bhean rìomh­aich, Naomi Pheutan, banais
cho àlainn ’s a chunna mi riamh,
agus òraid fear na bainnse nach dìochuimhnich mi a-chaoidh (dh’fheum­te a bhith ann)! Agus tha bogsa litrichean ann an Dùn Bhlathain air dath an òir – chan eil fhios dè cho tric ’s a theich mi bho na geamachan air an teilidh, ’s mi an dùil gur mi fhìn a bha ga chur fo gheasaibh. Andy Murray còir – Bonn Òir ’s cha robh e fiùs a’ seinn aig a’ Mhòd.

Alasdair Allan BPA

Neach-poilitigs

Air mo shon-sa, an rud as motha a thachair ann an 2012 se Cùmh­nant Dhùn Èideann a bha air a chur ri chèile eadar Riaghaltas na h-Alba agus Riaghaltas Bhreat­ainn. Mu dheireadh thall, tha e a-nis soilleir gum bi reif­reann mu neo-eisimeileachd a’ gabhail àite ann an 2014, ’s gu bheil Westminster ag aid­eachadh seo. Chan e dìreach ceist poilitigs a th’ ann air mo shon-sa. Tha daoine a’ cleachdadh an fhacail “eachdraidheil” ro thric ann am poilitigs, ach bha seo ’na mhòmaid ann an eachdraidh dha-rìribh. Cha bhi mi leisg ann an 2013 ag argamaid gum bu chòir muinntir na h-Alba a bhith a’ bhòtadh air son neo-eis­imeileachd ann an 2014.

Aonghas MacNeacail

Bàrd

Aig aois far a bheil cuimhne ’na beannachadh, bha pailteas lainnirean sa bhliadhna. Leis gun d’ ràinig mi fhìn dàrna “aois a’ gheallaidh”, le leabhar bàrd­achd ùr (agus taghte), bha adh­bhar cuir­me (no dhà) ann. Thug an Leabhar Mór gu Manhattan mi air son latha no dhà – agus chunnaic mi mo bhean, ’na dealbh-chluich fhèin, a’ fosgladh off-Broadway. Ach b’ e na h-Olympics, a dh’aindeoin dùil, a thug deàrrsaidhean iong­antach dhuinn: leithid Mo Farah, moiteil, umhail. B’ ann anns na Para-Olympics, ge-tà, a thàinig euchdan agus gabhailean ri buaidhean a dh’fhuiricheas anns a’ chuimhne. Ciorramaich? Sàr-laoich!

Catrìona Lexy Chaimbeul

Sgrìobhadair agus actair

Air Oidhche na Bliadhn’ Ùir 2012 bidh mi deich air fhichead, ach bidh cuimhn’ agam air a’
bhliadhna seo air sgàth ’s gur e 2012 a’ bhliadhna a thill mi a Dhùn Èideann air son fuir­eachd còmhla ri mo chomp­an­ach. Bha mi an seo an tois­each ’nam oileanach bho chionn deich bliadhna ’s tha e neònach a bhith air ais ’s a h-uile càil cho aithnichte ach cho eadar-dhealaichte aig an aon àm. Tha sàr obair nan tramaichean air greim a ghabhail á bòidhcheachd a’ bhaile, ach fhathast, tha na Meadows agus an fhuachd agus na daoine annasach dìreach mar as cuimhne leam. Tha e math bhith air ais!

Ailig O’Henley

Neach-aithris spòrs

Bha mi fortanach gu leòr a bhith ag obair aig cuid dhe na tachartasan spòrs a bu mhotha am-bliadhna – farpais ball-coise na Roinn Eòrpa sa Phòlainn agus san Ugràin, Geamachan Olimp­ig­each Lunnainn, agus an seo an Alba an gèam sònraichte far an do ghlèidh Celtic an aghaidh Barcelona, an sgioba cluba as fheàrr air an
t-saoghal, anns an Champions League. Ach bidh cuimhn’ agam gu sòn­raichte, os cionn iad sin uile, air Anndra Moireach a’ buinnig a’ chiad grand slam aige sna Stàit­ean Aonaichte an aghaidh Nov­ak Djokovic. Bidh iad ag ràdh gur e a’ chiad dhuais an tè as duilghe a chosnadh; mar sin bidh sinn an dòchas gun tig sruth ri steall dhan Mhoireach ann an 2013.

Calum MacConaill

Ag obair sna meadhanan

Tha bliadhna air leth air a bhith agam, agus chòrd 2012 rium gu mòr. Chaidh mi gu Doire air son a’ chiad turas anns a’ Ghiblean air son frithealadh Fèis nam Meadh­anan Ceilteach. Dh’fhosgail e mo shùilean do shaoghal nam meadhanan, ’s choinnich mi ri tòrr diofar charactaran. As dèidh coinneachadh ri neach sònraichte, fhuair mi seachdain greis gnìomhachais aig Mrs Brown’s Boys, aon de na prògraman as fheàrr leam air telebhisean. Bha iad uile cho laghach, ’s thog mi eòlas math bhuaithe, air mar a leasaicheadh iad a’ chomadaidh sa phrògram. Se cothrom mìor­bhaileach a bh’ ann.

Kirsteen NicDhòmhnaill

Aithrisear sìde, naidheachdair

Tha 2012 air a bhith tlachd­mhor dhòmhsa ann an iomadach dòigh. Tha mi fortanach agus taingeil gun tàinig an t-
uabhas chothroman mo rathad, eadar na h-ealain agus mar thoir­eadh air a’ Ghàidhlig. Dh’fheum­ainn a ràdh gur e a’ chiad uair
a thìde de 2012 aon de na rudan a bu mhotha a sheas ’na mo chuimh­ne. Bha mi ann an Talla Dhuisdeil anns an Eilean Sgith­eanach, ’s mi lìbhrigeadh Cèil­idh na Bliadhn’ Ùire aig BBC Alba, le Iain MacilleMhìch­eil. Bha mi
am measg mo chàir­dean ’s luchd-dàimh agus cuid de dhaoine air nach robh mi eòlach idir! Bha blàths agus suairceas am measg nan daoine a bheireadh togail dha do chridhe. Shaoil mi aig an àm nach iarrainn càil a chòrr aig àm na Bliadhn’ Ùire na sin fhèin. Bha mi a’ coimhead air adhart gu 2012 gu mòr agus gu dearbha, tha bliadhna air leth air a bhith agam. Tha mi a-nise a’ dèanamh fiughair ri 2013!

Artair Donald

Actair agus oide-dràma

Tha mi a’ creidsinn an rud as motha a sheasas ’nam chuimhne bho 2012, an teaghlach air fad, gun do ghluais sinn dhan Eilean Sgitheanach. Tha a’ chlann sa bhunsgoil ann an Slèite agus tha mo bhean a’ dèanamh a’ Chùrsa Chomais aig Sabhal Mòr Ostaig. Agus nuair a tha thu a’ gluasad mar sin, tha diofar adhbharan aig daoine a bhith eagalach mu dheidhinn. Ach tha an Cùrsa Com­ais a’ còrdadh ri mo bhean, chan e a-mhàin a bhith ag ionnsachadh Gàidhlig, ach tha ùidh aice a bhith dol nas fhaide air adhart a thaobh na Gàidhlig aice. Agus a thaobh na cloinne, bha iad a’ dèan­amh math san sgoil ann an Glaschu co-dhiù, ach ann am Bun­sgoil Shlèite tha an cuid foghlaim air a dhol an àird gu mòr, agus tha e a’ còrdadh riutha. Dhomh fhìn, tha e a’ toirt toil­eachas dhomh a bhith an seo agus gun urrainn dhomh barr­achd dhen obair agam a dhèanamh an seo an àite a bhith a’ ruith air falbh anns a’ chàr.
Mar sin anns an fharsaingeachd, dh’fhaodadh gur e an rud as fheàrr a thachair dhuinn am-
bliadhna gun do ghluais sinn dhan Eilean Sgitheanach.

Boyd Robasdan

Prionnsapal Sabhal Mòr Ostaig

Bha trì nithean a rinn a’ bhliadh­na seo sònraichte dhòmh­sa. Tràth sa bhliadhna, choisinn Companaidh Choinnlean an Eil­ein Sgitheanaich an duais air son a’ Chompanaidh Ùr as Fheàrr san dùthaich aig cuirm mhòr ann an Glaschu. Bha sin ’na adhbhar uaill, oir sann le dithis dhe ar mic a tha a’ chompanaidh. Mar iom­adh Albannach eile, bidh
mi air bhioran nuair a bhios Andaidh Moireach a’ cluich anns na farpaisean mòra eadar-nàis­eanta, agus bha mi air mo dhòigh glan nuair a ghlèidh e farpaisean nan Olimpigs ’s nan Stàitean Aon­aichte. Agus thachair dà nì a thug riarachadh air leth dhomh ’nam obair aig Sabh­al Mòr Ostaig – an latha a fhuair sinn sealbh air 40 acaire fearainn ri taobh na Colaiste agus an uair sin an naidh­eachd gun robh an Riagh­altas air aontachadh £3 millean
a thoirt dhuinn air son pròiseact leasachaidh na Cille Bige.

Back to the top of the page