Gaelic: Cunnartan nam beann

Heather Morning. Picture: Contributed

Heather Morning. Picture: Contributed

Share this article
0
Have your say

Bho thoiseach na bliadhna tha còig duine deug air bàs fhaigh­inn air beanntan na h-Alba, agus an-dràsta tha dithis eile a dhìth. Tha daoine air ceistean a thogail anns na meadhanan a-rithist, dè ghabh­as dèanamh gus na beann­tan a dhèanamh nas sàbhailte?

Agus ged a tha cuid a dhaoine air moladh fiù ’s feuchainn ri stad a chur air daoine a dhol air feadh­ainn de na beanntan sa gheamh­radh ma tha droch shìde ann, tha luchd-sreap agus luchd-cois­eachd nam beann gu làidir dhen bheachd nach e sin an fhreagairt, agus gu dearbh gur e saorsa a th’ aig cridhe a’ chur-seachad aca.

Tha an geamhradh seo air a bhith fada agus fuar, agus tha sin gu sònraichte fìor nuair a thig e gu beanntan na h-Alba. Eadar dà mhaoim-sneachda san Fhaoill­each agus sa Ghearran, bhàsaich seachdnar dhaoine an Gleann Comhain agus anns a’ Mhonadh Ruadh. An e dìreach driod fhortan a tha anns na tubaistean uabh­asach seo, neo an gabh dad a dhèanamh gus dèanamh cinn­teach nach tachair iad cho tric? Thuirt Heather Morning, neach-comhairleachaidh air Sàbhailt­eachd sna Beanntan aig Sreap Alba (The Mountaineering Coun­cil of Scotland): “Feumaidh tu a bhith faiceallach nuair choimh­eadas tu air statistigean, oir ged a tha tòrr air bàsachadh o chionn ghoirid ’s dòcha nuair a ruigeas sinn deireadh na bliadhna seo gum bi an àireamh faisg air na bhios a’ bàsachadh gach bliadhna anns a’ chumantas.

“Cuideachd, nuair a choimh­eadas daoine air na h-àireamhan, bidh iad ag ràdh gu bheil mu 50 duine a’ bàsachadh sna beanntan gach bliadhna ann an Alba. Ach ás an àireamh sin cha bhi ach mu 20 a’ bàsachadh ann an tubaist nuair a tha iad a’ sreap no a’ cois­eachd nam beann. Bidh a’ mhòr-chuid dhiubh a’ faighinn bàs air adhbhar­an eile. ’S dòcha gun robh greim cridhe aca, no gur e seann duine a bh’ ann le dementia a tha air a dhol a dhìth agus feumaidh Sgioba Teasairginn nam Beann a dhol a-mach a choimhead air an son, chan ann anns na beanntan ach air talamh ìosal. Tha sin fhathast mar phàirt de na h-àireamhan.

“Ma smaoinicheas tu air an àireamh de dhaoine a tha a’ sreap ’s a’ coiseachd nam beann, tha glè, glè bheag dhiubh a’ faighinn bàs. Tha an geamhradh seo air a bhith fìor mhath air son cur-seachadan geamhraidh, agus tha sin a’ ciallachadh gu bheil barrachd dhaoine air a bhith a-muigh agus iad ris na cur-seachadan sin.”

A rèir àireamhan bho Scottish Mountain Rescue, tha an àir­eamh de chùisean èiginn ris an do dhèilig na sgiobaidhean teas­airginn aca air a dhol suas bho 412 ann an 2001 gu 573 ann an 2011, ach an lùib nam figearan sin se an t-àrdachadh as motha a chunnacas na figearan son cùis­ean èiginn do dhaoine nach robh a’ sreap no a’ coiseachd nam beann (bho 65 ann an 2001 gu 158 ann an 2011). Ma smaoinicheas tu gun do ghabh muinn­tir na h-Alba 7.2 millean turas fa leth agus iad a’ coiseachd no a’ sreap nam beann ann an 2011 ann an Alba, ’s dòcha nach eil na h-àireamhan air son daoine a’ bàsachadh buileach cho dona.

Ach dè mu dheidhinn sàbh­ailteachd? Thuirt Heather: “Tha tòrr fiosrachaidh a-muigh an sin mu shàbhailteachd: mu uidh­eam­achd iomchaidh, mun t-sìde, mun t-suidheachadh a thaobh mhaoimean-sneachda. ’S thair­is air na 10 bliadhna a dh’fhalbh tha an uiread fiosrachaidh air a dhol am meud, ’s leis an eadar-lìon tha e nas fhasa a lorg. Gu mì-fhortanach tha tòrr dhaoine a’ roghnachadh fhathast a dhol a-mach gun a bhith toirt an aire dhan fhiosrachadh sin, air son adhbhar air choreigin. Cuid­eachd, bidh thu a’ cluinntinn sna meadhanan gu robh deagh eòlas aig sreapadair a fhuair bàs, agus uaireannan chan eil sin ceart, bidh eòlas a’ ciallachadh diofar rudan do dhiofar dhaoine.

“Tha diofar dhòighean againn gus fiosrachadh a thoirt do dhaoine. Aonan de na ciad rudan a bhios mi a’ dèanamh, bidh mi a’ feuchainn ri faighinn a-mach car son a tha daoine a’ dèanamh mhearachdan air na beanntan. Bidh mi an uair sin a’ feuchainn ri daoine oideachadh feuch nach tachair a leithid a-rithist.

“A’ coimhead air ais thar nam bliadhnaichean, se mearachdan a thaobh navigation as coireach air son tòrr de na tubaistean agus turchairtean. Cuideachd, bidh daoine uaireannan a’ dèanamh grunn mhearachdan – can, a’ fàg­ail anmoch, gun a bhith ag ithe gu leòr, gun aodach freagarrach, droch thìde a’ tighinn a-staigh, agus iad sin uile as coireach air son cùis èiginn. Bidh sinn a’ cleachdadh chùrsaichean trèan­aidh, tha fiosrachadh air an làrach-lìn againne ’s aig buidhnean eile, cuideachd bidh sinn a’ sgaoileadh fiosrachaidh tro na meadhanan.”

Thuirt Dòmhnall Morris, a bhuineas do Loch Abar bho thùs agus a tha air a bhith a’ sreap ’s a’ coiseachd nam beann son iom­adh bliadhna: “Tha thu a’ gabhail ris gu bheil cunnart ann ma tha thu a’ dol suas dha na beanntan, ach tha thu a’ feuchainn ris a’ chunnart sin a lùghdachadh. Ach cha chanainn gu bheil an cunnart air fàs nas miosa ann an dòigh sam bith. Tha beagan strì agus fulang a’ còrdadh ri daoine an-dràsta agus a-rithist, sin car son a bhios daoine a’ dol suas na beanntan.

“Ach a bharrachd, tha na beanntan, an àrainneachd ’s an dùthaich brèagha. Tha iomadach adhbhar air son a bhith dol ’nan còir. Cha bu chòir stad a chur air daoine a’ dol suas na beanntan, se am prionnsapal a th’ ann gu bheil daoine a’ gabhail uallach air an son fhèin. Oir faodaidh tub­aistean a bhith ann air iomadach adhbhar, chan ann dìreach air sgàth droch shìde.

“Tha mi a’ smaoineachadh gur e deagh rud a th’ ann am beagan cunnairt an-dràsta agus a-rithist, oir tha thu ag ionnsachadh bho sin. Ach tha mi cuideachd a’ smaoineachadh gum bu chòir do dhaoine a bhith dèanamh cho-dhùnaidhean a tha stèidh­ichte air deagh eòlas, agus chan eil sin aig a h-uile duine.”

Back to the top of the page