Gaelic: Còraichean seilge Ratharsair: an ceòl air feadh na fìdhle

Hallaig, 's gun ann ach f�idh: ach co leis iad?  Dealbh: Anna NicGill�osa

Hallaig, 's gun ann ach f�idh: ach co leis iad? Dealbh: Anna NicGill�osa

0
Have your say

Beagan agus trì seachdain air ais, thug Riaghaltas na h-Alba air falbh na còraichean iasgaich agus seilge a bha croitearan Ratharsair a’ mealtainn bho 1994. Bha na còraichean air an cur gu tagradh, agus cha b’e tairgse muinntir Ratharsair a b’ àirde luach, ach tè aig companaidh stàc­aireachd ann an Siorrachd Àir.

Ciamar a dh’fhaodadh seo a bhith, agus Pòl Wheelhouse, Ministear na h-Àrainneachd, air na leanas a ràdh san t-Samhain an-uiridh: “The Scottish Land Fund aims to empower rural communities across Scotland by helping them acquire land and community assets.”

Is beag an t-iongnadh gun deach an ceòl air feadh na fìdhle, oir mar thuirt Anna NicGillìosa, rùnaire Chomann Croitearan Ratharsair: “B’e mearachd mhòr a bh’ anns a’ chiad cho-dhùnadh ’s cha ghabhadh fhìrinneachadh air dòigh sam bith. Ach b’e co-dhùnadh ceart ’na dhèidh a rinn Pòl Wheelhouse nuair a leud­aich e an gabhaltas aig Comann Chroitearan Ratharsair air son bliadhn’ eile gus am biodh coth­rom ann beachdachadh air an t-slighe air adhart.”

Leis an straighlich a bha ann mun deach a’ chiad cho-dhùn­adh a dhubhadh ás, saoil a bheil daoine a’ tuigsinn car son a tha na còraichean seilge cho cud­rom­ach do na Ratharsaich, ’s car son a b’ fheàirrde a’ choimh­earsnachd air fad iad a bhith aig na croitearan seach aig compan­aidh còrr agus 250 mìle gu deas? “Se an diofar an seo gu bheil na croitearan a’ fuireach ann agus tha iad fhèin ’nam pàirt den choimh­earsnachd. Tha eòlas fad-bheatha aig feadhainn dhiubh air obair an fhearainn, a chaidh ionnsachadh o’n athraichean, a bha ’nan luchd-gabhail air an fhearann romhpasan. Neo-ar-thaing nach bi na h-amasan ’s na prìomhachasan againn ann am barrachd co-rèite ri ar nàbaidh­ean na bhios aig gnìomhachas comeirsealta 250 mìle air falbh.

“A thaobh nan còraichean seilge fhèin, se an smachd a bhith orra a tha cunntadh; an làn ùghdarras a bhith ag ràdh co leis agus cuin a thèid urchair gunna a losgadh air an fhearann a tha sinn a’ riaghladh. Le sin, cha bhi strì ann eadar diofar chompàirt­ean; cha bhi buaireadh ann eadar stàcairean agus cìobairean ag iarr­aidh a bhith a-muigh air a’ mhon­adh aig an aon àm.”

Chaidh Comann Croitearan Ratharsair a stèidheachadh anns a’ chiad dol a-mach gus nach rachadh na còraichean seilge gu coigreach. Bhon uair sin, tha iad air a bhith an sàs ann an leasachadh na sgìre gu maith na coimh­earsnachd air fad.

Bho chionn 10 gu 15 bliadhna, bha mòran a’ gearan gun robh na fèidh a’ dèanamh milleadh ann an gàrraidhean an eilein agus bha Comisean na Coilltearachd ag iarraidh an spadadh gus na planntachasan aca a dhìon. Bha fhios aig a’ Chomann ge-tà nach obraicheadh seo mura rachadh na fèidh gu lèir a mharbhadh, agus cha robh duine ag iarraidh sin.

Ghabh an Comann os làimh seann fheansa na h-oighreachd a chàradh agus a leudachadh gus na fèidh a chumail a-mach ás na prìomh bhailtean – Inbhir Àrais, an Clachan, Osgaig agus Holman. B’e obair mhòr a bh’ ann, san robh na trì comataidhean ionaltraidh, Comisean na Coilltearachd agus iad fhèin a’ conaltradh ri chèile, ach fhuair iad taic airgid ’s air a’ cheann thall chaidh aca air stad a chur air na fèidh gu tur.

Thug Anna tuairmse dhomh air an àireamh de chroitearan a tha fuireach an-diugh am measg sluagh Ratharsair uile gu lèir. Tha i a’ saoilsinn gu bheil beagan agus 30 croit ann, agus nas lugha na 30 croitear. Chan eil fiù 20 dhiubh seo a’ fuireach ann an Ratharsair, ’s chan eil ach còig­near a’ dèanamh am beòshlaint air a’ chroitearachd. Chan eil leth-chuid de na croitean gan obrachadh.

Thàinig na còraichean iasg­aich an lùib nan còraichean seilge. Chan eil e cosg ach £5 san t-seachdain no £10 sa bhliadhna a dhol a dh’iasgach air a’ chorra lochan beag a tha ann. Tha an Comann ga fhàgail aig a’ bhùth a bhith a’ reic nan tiogaidean.

Leis nach eil na còraichean iasg­aich cho tarbhach do na croitearan ’s a tha an teachd a-steach a gheibh iad bho stàcair­eachd nam fiadh, cha robh uir­ead dragh mu na còraichean iasg­aich ’s a bha mu na còraich­ean seilge. A chòrr, chan eil an t-iasgach a’ bualadh air trusadh nan caorach air a’ mhonadh. Mar a thuirt Anna eadar fealla-dhà ’s dha-rìribh, “Cha bhiodh a’ bhuil o bhuaireadh eadar slatan-iasg­aich cho dona ri buaireadh eadar gunnaichean co-dhiù!”

Back to the top of the page