Gaelic: Compiutairean – dé eile a nì iad dhuinn?

Share this article
0
Have your say

Caoimhín Ó Donnaíle, a tha teagasg compiutaireachd aig Sabhal Mór Ostaig ’s a’ leasachadh goireasan eadar-lìn leith­id Stòr-Dàta Briathrachais, a tha na mìltean a’ cleachdadh – taing dhà­san, b’e SMO a’ chiad chol­ais­te Albannach le siostam post-d!

Bidh e conaltradh gu làitheil le luchd taic Gàidhlig agus chàn­anan eile air feadh an t-saoghail. A bheil sealladh aige air dé tha an dàn dhuinn a thaobh goireasan eadar-lìn agus lìonraidhean de dhaoine ag ionnsachadh ’s ag obair le chéile air astar?

“Ù, chan e fàidh a tha annamsa idir oir bidh mi dol fada ceàrr uaireannan. Tha cuimhne agam post-d fhaighinn o chuideigin ann an California a bha a-mach air an rud iongantach ùr seo, leabhar mòr-eòlais fosgailte air-loidhne ’s e ioma-chànanach le àite ann don Ghàidhlig. Sann a smuainich mi nach biodh feum sam bith ann an làrach fosgailte don a h-uile amadan sgudal a sgrìobhadh agus obair dhaoine eile mhilleadh. Cha robh mi air son ùine a chosg air idir. Ach dé bha ann ach Uicipeid a tha mi moladh gu h-àrd a nis!”

Dé tha thu faicinn air fàire an-dràsta ma-thà?

“Barrachd dhaoine a’ cur ri Uicipeid agus faclairean air- loidh­ne. Ach chan e rudan ùra a-mhàin a tha cudromach. Feum­aidh sinn a bhith uabhasach faic­eallach na rudan a tha againne mar-thà a ghléidheadh. Bu chòir dhuinn éisteachd ri na seann daoine ’s an clàradh. Tha e sìor fhàs nas fhasa clàraidhean fuaim a làimhseachadh air an eadar-lìon ach bhiodh e math nan robh na clàraidhean aig Sgoil Eòlais na h-Alba, Tobar an Dualchais agus aig a’ BhBC air an sgrìobhadh a-mach le clàr-innse mionaideach ’nan lùib. Chosg­adh sin mìltean ach b’ fhiach e.

“Tha multidict.net a’ coimh­ead dòchasach. Tha bhideothan ann le tar-sgrìobhaidhean ’nan cois agus ceanglaichean ri fac­lairean air-loidhne. Ach tha feum air barrachd cothroman còmh­raidh cuideachd, mar tha leithid Abair Thusa a’ brosnachadh.”

Tha thu air cùrsa sloinntearachd a chur air dòigh ’s tha thu an còmhnaidh anns an t-seòmar chom­piutaireachd, uaireannan bho mhoch gu dubh, gus daoine chuideachadh. Ciamar a tha thu faighinn na tìde air son cluich na fìdhle, coiseachd, cumail slàn?

“Tha fidheall agam san oifis ’s aig àm na diathaid is urra dhomh a dhol a shnàmh ann an loch faisg air a’ cholaiste ’s a bhith air ais an àm son port no dhà mus tòisich an obair a-rith­ist. Nach mì tha fortanach agus goireasan nàdarra faisg air làimh!”