Gaelic: Comhachagan, cearbain agus creutairean eile

'Gur cailleach bhochd ionraic mise': comhachag, barn owl, neo cailleach na h-oidhche, bho Fauna Scotica. Dealbh: Malcolm Gosling

'Gur cailleach bhochd ionraic mise': comhachag, barn owl, neo cailleach na h-oidhche, bho Fauna Scotica. Dealbh: Malcolm Gosling

0
Have your say

THA Fauna Scotica: Animals and People in Scotland le Polly Pullar agus Mary Low (Birlinn, £30) air aon de na leabhraichean gleans­ach dathail bùird-chofaidh ud a bhios a’ tighinn a-mach ann an àm air son na Nollaig.

Ach le diof­ar: tha fios aig Mary Low air rud na dhà mun Ghàidhlig, oir rinn i ceum ann an Ceiltis agus tha i air móran a sgrìobhadh mu Alastair MacilleMhìcheil, Carmina Gadelica agus nàdar na Crìos­t­aidheachd anns na dùthchann­an beannaichte seo.

Tha a bhuil air. Tha earrann bheag no mhór ann do gach creutair, ’s ’na ceann tha ainmean a’ chreutair sin ann am Beurla, Laideann, Albais (uaireannan) agus Gàidhlig (daonnan). Tha an leabhar làn sgeulachdan agus iomraidhean mun cheangal eadar ainmhidhean agus daoine, cuid ’nam pàirt den t-seanchas agus cuid ann am “bogsaichean” dathte air leth, agus tha tòrr dhiubh air an toirt á dualchas nan Gaidheal – chan e Carmina a-mhàin idir ach làn dualchas na Gaidhealtachd, ’s tha faclan, seanfhaclan no rannan Gàidhlig air a h-uile duilleig, cha mhór.

Tha siud sìos ’s suas rud beag a réir có a’ phàirt den leabhar anns a bheil thu. Oir tha an cuspair air a roinn ’na dheich caibideilean: a’ bheinn, monadh ’s boglach, coill­tean, lochan ’s aibhnichean, a’ mhuir, eileanan agus sgeirean, tuathanas agus croit, mun bhaile, obair fhiadhaich, creutairean na h-inntinne. Innleachd sgoinneil.

A thaobh nan trì mu dheir­eadh, tha ‘About Town’ a’ déilig­eadh ri creutairean a chithear sa bhaile mhór ’s a’ crìochnachadh le Greyfriars Bobby. Tha ‘Wild Work’ ag innse mu rudan mar taxidermy, sporain fhéilidh, ob­air adhairc, mì-ghnàthachadh ain­mhidhean, agus an SSPCA. Agus ann an ‘Creatures of the Mind’ tha rudan mar an t-aonachòrn­ach, an t-each-uisge, crodh mara agus uilebheist Locha Nis.

Leabhar brèagha, làn fiosrachaidh luachmhoir ’s ob­air-cham­ara mhìorbhailich.

FO “Barn Owl” anns a’ chaibideil ‘Woods’ tha Fauna Scotica ag ràdh, ann am bogsa air leth, “In Gaelic, the barn owl is the caill­each-oidhche (‘the old woman of the night’), and owl imagery was sometimes used to express the sadness of old age or fading glory. In a group of poems published in 1755, the ‘poor old owl of Strone’ (comhachag bhochd na Sròine) is invited to make her confession. She says she has no­thing to confess: her song may be tuneless but she is neither a curser nor a liar; she has committed no theft, violated no tomb or sanctuary and been faithful in love; she is just a poor old honest woman (‘gur caill­each bhochd ionraic mise’), she says.”

Seo clìc cho math ri gin sam bith gu léirmheas air Òran na Comhachaig le Dòmhnall Mac Fhionnlaigh nan Dàn, deasaichte le Pat Menzies (Scottish Gaelic Texts Society, £15) a chrochadh. Tha a h-uile facal shuas cho fìor ’s a ghabhas ach fear no dhà. A réir na bana-Mhèinnearaich rinn­eadh an t-òran sna bliadhnachan 1575–1600. Cha deach fhoills­eachadh gu 1776 ge-tà. Se thachair ann an 1755 ach gun do sgrìobh an t-Urr. Seumas Mac­Lathagain sìos o bheul-aithris e.

Agus an e sreath dhàintean a th’ ann, neo òran a-mhàin? Sin ceist a chaidh fhaighneachd iom­adh uair. Tha Pat Menzies ga fhaic­inn mar aon òran, agus, a’ tarraing uisg’ á iomadh tobar, tha i a’ toirt dhuinn ‘Òran na Comhachaig’ ’na aon steall bho Rann 1 gu Rann 72, le eadar-theangachadh Beurla air gach duilleig mu choinneamh.

Cuideachd san leabhar tha not­aichean ri gach rann, agus (aig an toiseach) aiste inntinn­each mun dàn fon cheann ‘Context, Audience and the Oral Tradition’. Dh’fhaodadh an sgrìobh­adair a bhith air tuilleadh a ràdh mu àite an òrain ann an each­draidh litreachas na Gàidhlig: gu pearsanta, tha mise ga fhaicinn mar a’ chiad de thrì òrain mhóra Ghàidhlig mu na dàimhean cothromaichte eadar daoine, sealg agus beanntan ’s cho furasta ’s a tha iad a’ dol ceàrr – se na dhà eile ‘Cumha Choire an Easain’ leis a’ Phìobaire Dhall (1656–1754) agus ‘Moladh Beinn Dóbhrain’ le Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir (1724–1812). Saoilidh mise gum bu chòir gach gin de na dhà seo fhaic­inn ann an solas na thàinig roimhe. Feumaidh mi aideachadh ge-tà gur e dreuchd an ùghdair sloinntireachd an òrain aice a thoirt dhuinn seach a shliochd. Rinn Pat Menzies sin agus tha sinn fada ’na comain.

Bha an leabhar aig Dr Menzies car fada gun tighinn. Tha i ’na bean-uasal á Dùn Éid­eann a dh’ionnsaich Gàidhlig ’s a rinn PhD air a’ chuspair. Tha e follais­each gun do rinn i an obair mun do nochd Duanaire na Sracaire (2007) anns a bheil sàr eadar-theangachadh le Meg Bate­man den òran, oir chan eil i ga ainmeachadh. Ann an Rann 2 far a bheil “’S iomadh àl a chuir mi romham Many a brood have I begotten” aig McLeod agus Bateman, tha “’S iomadh àl a chuir mi romham Many a generation have I survived” aig Menzies. Tha sin ceàrr. Saoilidh mi gu bheil a’ mhearachd a’ dol air ais gu Bàrd­achd Ghàidhlig far an robh “Is iom­adh linn a chuir mi romh­am” aig MacBhàtair, le nota “chuir mi romham; otherwise, ‘chuir mi tharam’”. Se Many a generation have I survived a’ Bheurla air “Is iomadh linn a chuir mi tharam”.

Eu-coltach ris an t-seann chomhachaig, tha rud agam ri aid­eachadh. B’e mise mi fhìn a chuir ‘Òran na Comhachaig’ an aithne dhan bhana-Mhèinnear­aich, cha mhór “mun robh Donn­ghail anns an Fearsaid” ma leigeas i leam a ràdh. Bha sinn ga leughadh á Bàrdachd Ghàidhlig. Mar sin, feumaidh gur e mise as coireach ris a’ mhearachd. Leugh mi an leabhar gu faic­eallach ’s cha tug mi ’n aire do th’éile, ged tha mi rud beag teagmhach mun “ruaidhe seo shios the brown earth down here” far an robh “an ruaimhe so shios this burial place (‘this Rome’) down here” aig MacBhàtair.

Tha ‘Òran na Comhachaig’ ’na dhàn bòidheach, neònach, mìor­bhaileach. Nach truagh gu bheil cho beag fios againn air a’ bhàrd, Dòmhnall mac Fhionnlaigh. Tha mi a’ moladh an leabhair gu mór.

SE Hebridean Sharker le Tex Geddes (Birlinn, £9.99) an dearbhadh nach eil agad ri tòiseachadh aig an toiseach neo ri crìochnachadh aig a’ chrìch ma tha thu dol a sgrìobhadh mu na dh’fhiosraich thu den t-saoghal. Faodar leabhar a dhèanamh de dh’aon chaibideil ’na do bheatha.

Dh’fhoillsicheadh Hebridean Sharker an toiseach ann an 1960. Tha Geddes ag innse mu chóig bliadhna pacte (1948–53): phòs e Jeanne, chaidh iad a dh’fhuireach a Ghlas na Ceàrdach ann am Mòrar, chum e air ag iasgach nan giomach ’s a’ criuthadh air bàta-teasairginn Mhalaig, cheannaich e bàta agus gunna harpun dha fhéin gu dhol a-mach air tòir nan cearban, fhuair e fear a dh’obrachadh a’ ghunna, ’s chuir e an sàs na dh’ionnsaich e mun chiùird bho Ghavin Maxwell. Gu sònraichte, bha e deimh­inne gun gabhadh an grùthan a thoirt ás na cearbain aig muir, ’s bha e ceart. Ann an 1952 cheann­aich e fhéin ’s Jeanne Eilean Shò­aigh (deas air an Eilean Sgitheanach), ach ann an 1953 dh’ath- shuidhich Bòrd an Àiteachais croitearan Shòaigh do Muile, ’s chaidh Geddes ’s a theagh­lach fhàgail air an eilean leotha fhéin.

Ged a tha sgeulachdan math ann mu phoidseadh nam fiadh ’s a’ bhradain cuideachd, se sealg nan cearban am prìomh stòir­idh. Rinn Geddes deagh airgead aiste cho fada ’s a mhair i, a dh’aindeoin farpais bho bhàt­aich­ean Lochlannach. Loisgeadh tu harpun dhan chearban agad, shlaodadh esan leis thu mìle bho mhìle a dh’ionnsaigh a’ chuain ’s tu leigeil a-mach an ròpa, ghabh­adh tu cupa tea, ’s nuair bha e ro sgìth gu do tharraing tuilleadh, thigeadh tu suas ris, mharbhadh tu e, thogadh tu air bòrd e, bheireadh tu a ghrùthan ás, chaith­eadh tu a chlosach air ais a-staigh dhan mhuir, agus dh’fhalbhadh tu air tòir an ath chearbain.

Anns a’ cheann thall lorg an saoghal dòighean bu shaoire air a chuid ola fhaighinn – luingeas nam mucan-mara á Canada, á Nirribhidh, á Iapàn – ’s dh’aont­aicheadh móran an-diugh ri iasg­air sgadain á Malaig: “Not least of his objections was the butchery involved, which had caused him on several occasions to refer to Johnny and I [sic] as ‘those pair of bloodthirsty baskets!’ and the sharks as ‘poor, inn­ocent beasts’, despite the fact that they must in their day have cost him hundreds of pounds in nets.”

Có bh’ ann an Tex? Rugadh e mar Joseph Geddes ann an Ceann Phàdraig ann an 1919, ’s thathar a’ creidsinn (!) gun do thogadh e ann an Canada. Dh’fheuch e a làmh, a réir choltais, air sabaid nan dòrn ’s air cùl-mhùtaireachd ruma, ’s thug e an Cogadh anns na Sìofortaich ’s anns na Feachdan Sònraichte. Bha e beò air Sòaigh gu 1998.

Mar sin tha Hebridean Sharker ’na phìos air leth dathail ann an jigsaw. Se na pìosan eile, gun teagamh, Harpoon at a Venture le Gavin Maxwell, The Soay of our Forefathers le Laurance Reed – agus na leabhraichean mìor­bhaileach air fad nach do sgrìobh Geddes riamh!

Tha Geddes air ainmeachadh ann a Fauna Scotica, a tha ’g innse dhuinn gun do mhair iasgach nan cearban an Alba gu 1994, “when nine were taken by the last shark fisherman, Howard McCrindle. He faced much opposition, and even received death threats from conservationists unhappy that sharks were still being killed, and has since been working with researchers to protect sharks.”

rblack@scotsman.com

Back to the top of the page