Gaelic: Codaichean reatoraig anns an t-seann bhàrdachd Ghàidhlig

A' coimeas d�in sgoileireil ri b�rdachd nan daoine: P�a Coira
A' coimeas d�in sgoileireil ri b�rdachd nan daoine: P�a Coira
Share this article
0
Have your say

MA chòrd Divided Gaels riut, se By Poetic Authority: The Rhetoric of Panegyric in Gaelic Poetry of Scotland to c.1700 le M. Pía Coira (Dunedin, £45) an leabhar dhutsa.

Ann an Divided Gaels chuir Wilson McLeod bàrd­achd “chlas­aigeach” Ghàidhlig nan linntean eadar 1200 agus 1650 gu feum gus dealbh a thogail de dh’Alba ann an sùilean nan Gaidh­eal Éireannach agus de dh’Éirinn ann an sùilean nan Gaidheal Alb­annach.

Na bha dhìth air Divided Gaels b’e am beachd tro shùilean bàird “neo-chlasaigeach” na h-Alba – Màiri nighean Alastair Ruaidh, Iain Lom ’s an còrr.

Ceart no ceàrr, ma-tà, chith­inn-sa By Poetic Authority mar mhac leabh­ar ’ic Leòid. Tha Coira a’ fosgladh nan dorsan ri Màiri, Iain Lom agus gach duin’ eile a-nuas gu 1700 cho math ri Clann ’ic Mhuirich ’s an còrr, a’ cur na gloine-sgrùdaidh air Alba a-mhàin, ’s a’ faighneachd cheist­ean mar: dé na codaichean reatoraig a tha iad a’ cleachdadh? Dé na h-atharrachaidhean reato­r­aigeil a tha ri’n aithneachadh ead­ar Dòmhnallaich, Caimbeul­aich, Leòd­aich ’s an còrr? Dé am beachd a bh’ aca, tro chùrsa na h-eachdraidh, air rìoghachdan nan Eilean agus na h-Alba?

Gus na ceistean aice a fhreag­airt, tha Coira a’ cruthachadh structar stéidhte air sloinntir­eachd nan cinnidhean (gu h-àr­aidh “LS 1467”) cho math ri eachdraidh agus litreachas. Tha an leabhar air amas air luchd each­draidh; tha mi an dòchas gun tuig iad cainnt mar “poems for Friseal, Gordan, Grám, and Moir­each chiefs” agus “while the Goill may here be the Stiúbhairt”, oir tha a leithid air feadh an leabhair.

Tha Pía Coira ri moladh son a saothrach ’s a sgoilearachd, ’s tha mi an dòchas gum brosnaich an obair mhór sgrùdaidh ann an Divided Gaels agus By Poetic Authority acadeamaigich na Gàidhlig gu bhith toirt a-mach, còmhla anns an aon leabhar, na prìomh theacsaichean clasaigeach uile a tha iad a’ sgrùdadh. Oir aig an ìre seo tha a’ chairt a’ tarraing an eich.