Gaelic: Chì mi ’n tìr far ’n robh mi ’nam bhalach, ’m bàrr a’ chroinn ’s Leac an Lì ’nam shealladh . . .

Share this article
1
Have your say

THA sreath de phrògraman mu na Hearadh, Chì Mi ’n Tìr, air tòiseachadh air BBC Alba.

Tha suas ri dà mhìle a’ còmhnaidh san eilean agus dhiubh sin tha 700 anns a’ cheann a-tuath agus 550 air an Tairbeart. Aig an toiseach chì sinn iad a’ lomadh nan caorach agus tha na bodaich den bheachd gur i an t-seann deibhis as fheàrr na cliopairean an dealain, a dh’fhàgas na caoraich cha mhòr dearg rùisgte.

Anns na bailtean mun cuairt tha an sluagh a’ crìonadh, ach a-mhàin ann an Rèinigeadal far a bheil fichead neach a’ còmhnaidh agus far a bheil an-diugh rathad mòr an rìgh seach frith-rathad. Ghluais teaghlach le dithis bheaga á Birmingham o chionn ghoirid.

Air an Tairbeart tha bùth iongantach, Buth Ailig, far am faigh croitear agus bean taighe gach nì air a bheil feum. Tha pailteas de bhiadh ann agus a bharrachd gheibhear snàthadan, sìoltachain, uèir stobach, cuibhrigean agus cluasagan. Bidh na seann daoine a thig air astar a’ deanamh cèilidh agus gheibh iad cupa cofaidh.

Tha Somhairle MacLeòid a’ còmhnaidh ann an Aird Àsaig. Chuir e seachad bliadhnachan ann an Glaschu ach bha aire air na beanntan, na stuadhan, na lochan agus an iasgach, agus cha b’ fhada gus an do thill e dhachaigh. Chan eil miann idir aige a dhol air saor-làithean.

Ged a tha na seallaidhean àlainn agus Gàidhlig nan Tearach tlachdmhor, tha e duilich a chluinntinn gu bheil bodaich anns na bailtean, sgoiltean a’ dùnadh agus Bùth Ailig an impis a dhol á bith. Mar a chanas e fhèin, “Seann aois agus cus de red tape.”

Tha Mairead Rods ag aithris gu pongail.