Gaelic: Ceòl danns o sheann eòlaich, le òran no dhà

Glencraig Dance Band

Glencraig Dance Band

0
Have your say

Tha còmhlan-cluich Glencraig air a bhith cluichd aig dannsaich­ean o chionn còrr agus fichead bliadhna, ’s tro na bliadhnaich­ean sin tha iad air cliù a chos­nadh ann an iomadh àite – an Ruis, Astràilia ’s an Ear-Mheadh­an ’nam measg.

Is iadsan Nicol McLaren (bogsa-ciùil), Niall Caul (bogsa-ciùil), Gòrdon Howe (fidh­eall), Isobel Hodgson (piàna), Iain Sinton (beus-fhidheall) agus Raib­eart Simpson (drumaichean).

Gheibhear beachd o thiotal an CD air cò dha bu fhreagarraiche a bhitheadh e, oir se Old Time Dances: Ah ’m Dancin (CDTRAX 369) a thug an luchd-ciùil air. Am measg nan dannsaich­ean tha leithid ‘La Russe’, ‘Student Lancers’ agus am ‘Palais Glide’. Ged as e daoine nas sine a tha buailteach a bhith eòlach air na dannsaichean seo, chan eil leisgeul aig càch gun an ionnsachadh ma tha ùidh aca ann an dannsa, oir tha an CD a’ tighinn le leabhran anns a bheil gach ceum air a mhìneachadh.

Dh’fheumadh beagan eòlais a bhith aig an leughadair air an leithid, ge-tà, gus a chleachdadh. Tha fiosrachadh inntinneach san leabhran cuideachd mu each­draidh cuid de na dannsaichean.

Chan eil teagamh ann nach eil deagh chluichd air an CD seo. Tha e fìor bheòthail anns na dannsaichean nas luaithe, ’s rinn­eadh taghadh math de dhanns­aichean glè eadar-dhealaichte o linn eile. Chan e CD Gaidhealach a th’ ann ach a dh’aindeoin sin bhiodh e ’na dheagh thiodhlac Nollaig, gu sònraichte do neach nas sine a bhiodh eòlach air na dannsaichean aig aon àm.

A thaobh fuaim agus dòigh cluichd se còmhlan ead­ar-dheal­aichte a th’ anns na Occasionals, agus tha an ceòl-dannsa aca gu math nas fhaisge air an t-seòrsa a chluinnte ann an tallachan air feadh na Gaidh­ealtachd. Tha iad air a bhith cluichd mar chòmhlan o 1986, ach tha gach neach fa leth cliùiteach mar neach-ciùil tradiseanta. Bidh mòr­an eòlach air Freeland Barbour (bogsa-ciùil), Ian Hardie (fidh­eall) agus Gus Millar (drumaich­ean), ’s tha am banjo, mandolin agus gitàr aig Kevin MacLeòid a’ dèanamh fuaim a’ chòmhlain sònraichte ’s gu math furasta aithneachadh.

Tha mòran dhe na danns­aichean air an CD ùr aca Birling (CDTRAX371) gu math cumanta. ’Nam measg tha ‘Military Two Step’, ‘Circassian Circle’, ‘St Bernard’s Waltz’ agus an ‘Highland Schottische’. Tha na puirt aig Freeland Barbour air an CD gu math tradiseanta ann an cruth, agus cluinnear sreath dhiubh airson ‘Strip the Willow’ a tha fìor thogarrach. Cluinnear cuid­eachd puirt-phìoba leithid ‘The Highland Wedding’ agus ‘The Australian Ladies’ air an cleachd­adh air son ‘Canadian Barn Dance’ a tha cho math ’s a chuala mi riamh a thaobh ruitheim agus togail. Se deagh phreusant a bhiodh ann am Birling do neach sam bith a tha dèidheil air na dannsaichean cumanta Gaidh­eal­ach, agus bheireadh e deagh thog­ail do phàrtaidh Nollaig no Bliadhn’ Ùire.

Gheibhear gu leòr de cheòl beòthail cuideachd air an CD Tillidh Mi (SkyeCD54) le Blàr Dùghlas, a nochd o Mhacmeanmna o chionn ghoirid. Còmhla ris mar sheinneadairean tha Cat­rìona Anna Nic a Phì, Caitlin Nic­Aonghais, Caitlin Ghreumach agus Iain Mac a’ Ghobhainn, ’s mar luchd-ciùil Aonghas MacCoinnich (pìob), Gòrdon Gunn (fidheall) agus Phil MacAnndrais (gitàr). Tha sgioba de shàr luchd-ciùil á Nashville ri’n cluinntinn còmhla riutha, ’s tha sin a’ dèanamh Tillidh Mi gu math annasach.Se neach-ciùil air leth tàlantach a th’ ann am Blàr, agus se e fhèin a chruthaich na sia òrain agus seachd pìosan-ciùil air an CD.

Tha na h-òrain glè eadar-dhealaichte a thaobh nòis agus cuspair. Aig an toiseach cluinn­ear an t-òran spioradail on tàinig ainm an CD. Mar a bhiodh dùil, tha òrain-ghaoil gu math tradiseanta ann an cumadh ri’n cluinn­tinn, ach tha an dealbh a gheibh­ear san òran ‘Am Pìobaire Misgeach’ a’ dearbhadh gu bheil spòrs cuideachd am measg nan Gaidheal. Se òran socair rèidh mu bhàidh do dh’àite a th’ ann am ‘Barraigh Ghràdhach’, agus deagh eisimpleir dhen alt a th’ aig Blàr air fuinn tarraingeach a chruthachadh, a bhios furasta ri’n gabhail.

Am measg nam pìosan ciùil cluinnear clàradh ùr de ‘Kate Martin’s Waltz’, ’s tha amharas agam gun cluinnear ‘The Ryman Waltz’ a cheart cho tric ann an ùine gun a bhith fada. Tha na sgilean aig muinntir Nashville gu math follaiseach sna pìosan ciùil luath bluegrass, ach tha a’ phìobaireachd aig Aonghas MacCoinnich a’ cur gu mòr riutha.

Bidh ùidh aig iomadh seinn­eadair ’s neach-ciùil anns na th’ air Tillidh Mi, oir tha e loma-làn de cheòl ’s de dh’òrain a tha ùr agus eadar-dhealaichte ach aig an aon àm furasta ri’n cumail air chuimhne – rud a tha cudrom­ach ma bhios fuinn gu bhith a’ maireachdainn.

San dealachadh, cuimhnichibh gum bi Fèis Celtic Connections a’ tòiseachadh air 17 Faoilleach. Gheibhear am prògram aig www.celticconnections.com agus faodar tiocaidean a cheannach an sin. Tha mi an dòchas gum bi deagh Nollaig agus Bliadhn’ Ùr aig gach neach.

iseabail@lycos.com

Back to the top of the page