Gaelic: Buntàta ùr fadalach

Share this article
0
Have your say

Bidh luchd turais ag ràdh gu bheil am buntàta as fheàrr air an t-saoghal a’ fàs anns a’ ghainn­eamh ann an Eilean Bhàlaigh air taobh an-iar Uibhist a-Tuath.

Bidh e tioram, blasta agus e air a mhathachadh le brat math
de dh’fheamainn. Chanadh m’ athair, “Chan eil ann nas fheàrr na buntàta ùr le beagan ìm agus crathadh beag salainn.”

Air a’ Mhachaire Ghallda sann a bhios daoine, gach toiseach samhraidh, a’ feitheamh ri bun­tàta Inbhir Àir, neo Ayrshires mar a chanas iad. Bidh am bun­tàta a chaidh a thogail aig deir­eadh an fhoghair, agus a mhair fad a’ gheamhraidh, a’ fàs rud­eigin righinn, bog.

An sin thig buntàta Inbhir Àir agus mar as trice bidh e anns
na bùthan mu mheadhain a’ Mhàigh, agus bidh fèill mhòr air.

Am-bliadhna ge-tà bha an t-earrach cho fuar ’s nach robh dad a’ fàs. Anns a’ Ghearran agus anns a’ Mhàrt bha, gu tric, reothadh cruaidh ann. Chuir iad am buntàta mar a b’ àbhaist ach bha na sùilean ’nan cadal gus an tàinig beagan teas. Mu dheireadh thàinig faothachadh, agus tha an talamh a-nis air blàthachadh ’s tha na tuathanaich air tòiseachadh air togail.

Tha tuathanas aig Seumas Crawford faisg air Inbhir Gharbhain. Bidh e a’ reic buntàta air feadh na dùthcha. Thuirt e, “Tha mise air a bhith a’ cur buntàta air son iomadach bliadhna ’s cha robh e riamh cho fada mus do nochd e. Chaidh an sìol a chur aig an àm àbhaisteach ach mhair a’ ghaoth an-ear ro fhada.”

Ged a their iad Ayrshires ris a’ bhuntàta, chan eil a leithid de sheòrsa ann. Se gnè de Epicure tràth, neo earlies, a bhithear a’ cleachdadh, ach faodar Ayrshires a chantainn ri seòrsa sam bith ma dh’fhàs e ann an Siorrachd Àir.

Tha daoine air a bhith a’ feitheamh, ach gheibh foidh­idinn furtachd.

Back to the top of the page