Gaelic: Bòtannan uaine air teilidh

Share this article
0
Have your say

Tha croit aig Calina agus Dòmh­nall Dòmhnallach ann an Ain­eort. Tha iad le chèile dìcheall­ach. Bidh an cuid sprèidh a’ deanamh adhartas agus bidh am bàrr, mar as trice, trom, torrach.

Se seo an t-àm a bhios daoine a’ toirt a-mach nan spaidean ’s a’ deanamh oidhirp air an talamh anns a’ ghàrradh a thionndadh. Tha e freagarrach, mar sin, gu bheil an-dràsta am prògram Anns a’ Ghàrradh air BBC Alba. An sàs ann tha Calina còmhla ri Eilidh NicAonghais. Seo an dara sreath, agus tha fèill mhòr air.

Tha iad a’ tadhal air gàrraidh­ean air feadh na Gaidhealtachd. Ann an Tairbeart na Hearadh tha gàrradh snog aig Dòmhnall Moir­each anns am bi ròsan àlainn agus peas­airean cùbhraidh a’ fàs. Thadh­ail Eilidh air Stuart Oakley agus a bhean Rowena ann an Càrla­bhagh far a bheil an talamh air a thogail ’na leapannan ’s air a dhìon bho neart na gaoithe le preasan mar priobhaid. Bidh iad a’ cur lusan mar phiunnt, ròs-Moire agus pheirsill.

Ann an Ùige ann an Leòdhas tha Totag NicCoinnich leis na bòt­annan uaine. Bidh i cur fàs air dìtheanan brèagha mar chopan an driùchd. Se talamh gainmh­each a th’ anns a’ ghàrr­adh aice, ’s feumaidh i smùr mòine agus feam­ainn gu leòr a chur ’na lùib.

Bidh Teàrlach Quinnell, a rug­adh ann an Essex ach a bhios ag aithris air BBC Alba, a’ togail lus­an agus glasraich a tha an impis a dhol á bith, mar chàl Catach agus buntàta dubh Sealtainneach. An àite craobhan coimh­each bidh e a’ cleachdadh callt­ainn, seileach agus caorann.

Air a’ chroit ann an Aineort tha Calina agus Dòmhnall trang a’ sgioblachadh pìos de thalamh agus a’ deanamh feannagan-taom­aidh.

Tha Anns a’ Ghàrradh dìreach sgoin­neil, ’s a-cheart cho math ri Beechwood Garden.