Gaelic: Boinne ann am beul na gaoithe

0
Have your say

Dh’fhoillsicheadh a’ chiad chlàr-croitearachd gus cinnteachd laghail a thoirt do chroitearan a thaobh an cuid fearainn. Tha an clàr mar phàirt de dh’Achd Ath-Leasachaidh na Croitearachd 2010.

• Mhol ministear foghlaim na Spàinne lagh ùr a bheireadh air cloinn sna ceàrnaidhean fèin-riaghailteach tuilleadh Spàinntis ionnsachadh. Dh’iarr ceannard Chatalonia air na pàrtaidhean uile an lagh a dhiùltadh.

• A réir an econamaiche Ailig Kemp, gheibhear 17 millean baraille ola ás a’ Chuan a-Tuath sna 30 bliadhna a tha ri tighinn.

• Tha Riaghaltas Iapàin a’ cur dearbhadh air a h-uile tunail rathaid san dùthaich an déidh do mhullach tunail tuiteam air grunn charbadan a bha a’ dol troimhe, a’ marbhadh cóignear.

• Mharbh an doineann Bopha 420 duine, tha 383 a dhìth, ’s tha mu 306,000 a’ gabhail fasgadh am measg nam marbh ann am Mindanao anns na Filipìnich.

• Tha na poilis a’ ceasnachadh Stuart Hall ann an co-cheangal ri cùis Jimmy Savile.

• Tha “Gloidhcean agus na Dèideagan Briste”, panto ùr Gàidhlig, air chuairt. Bidh e ann am Bunsgoil Crois na Cìse, Dùn Éideann, air 10 Dùbhlachd. Faodar fios a chur gu 01478 613 355 no moreen@feisean.org.

Back to the top of the page