Gaelic: Bidh faclaire eachdraidheil Gàidhlig againn ann an 2038, a réir coltais

0
Have your say

THA Oilthigh Ghlaschu agus Sabhal Mór Ostaig, an co-obrachadh le oilthighean eile, an sàs ann an obair bhunaiteach ag amas air faclair nam faclair uile, no gu sìmplidh Faclair na Gàidhlig, a thoirt gu bith.

An-dràsta tha am pròiseact “Dàta Airson Stòras na Gàidhlig” (DASG), fo stiùireadh an Ollaimh Roibeard Ó Maolalaigh, a’ deis­ealachadh a’ bhun-stéidh dids­eatach ás am b’ urrainn faclair­ean de dh’iomadh seòrsa a bhith air an cnuasachadh a réir feum­alachdan an luchd cleachdaidh. Faclair Beurla gu Gàidhlig neo fac­lair gu tur ann an Gàidhlig, mar eisimpleir.

A’ tarraing air an doimhn­eachd eòlais air faclaireachd a dh’éirich á obair faclair each­draidheil na seann Bheurla Ghall­da, The Dictionary of the Older Scottish Tongue (DOST), dh’fhaodadh faclair coileanta Gàidhlig a bhith air a leasachadh mu dheireadh thall a sheasadh an coimeas ri faclairean móra na Beurla leithid an Oxford English Dictionary. Mar sin, bidh Faclair na Gàidhlig an eisimeil maoin­eachadh thar co-dhiù 25 bliadhna, an ùine a thathas a’ tomhas gun gabh a’ chiad sgrìob tron
aibisidh, bho A gu U.

Chan e ùine ro fhada tha sin an coimeas ris a’ cheithir fichead bliadhna a thug DOST, a thòisich fada ro aois a’ chompiutair, mus tàinig e gu buil ann an 2002.

Sann aig DOST a fhuair Lorna Pike trèanadh profeiseanta ’na facladair eachdraidheil. Tha i a-nis ’na co-òrdanaiche air Fac­lair na Gàidhlig. Thuirt i: “Tha
mi moiteil pàirt a ghabhail sa phròis­eact seo, a’ cur a-null sgil­ean ann am faclaireachd each­draidheil bhon Bheurla Ghallda don Ghàidhlig. Sònraichidh Fac­lair na Gàidhlig a’ chànan bhon fhianais sgrìobhte as tràithe a-nuas don latha an-diugh agus cuirear ris mar a leasaicheas a’ chànan briathran agus brìgh san t-saoghal cho-aimsireil.

“Bidh e riat­anach a thaobh gléidheadh na cànain agus ann an tuigsinn dualchas na Gàidhlig. A’ leantainn structar DOST, le mìneachadh stéidhichte air fianais a tha a’ soilleireachadh ciall agus cleachdadh, thathas a’ leigeil leis a’ chànain bruidhinn air a son fhéin.”

Thòisich Oilthigh Ghlaschu obair air faclair eachdraidheil Gàidhlig sna 60an fo stiùir­eadh Choinnich MhicDhòmh­naill, ’s tha toradh na h-obrach sin a’ cur ris na pròiseactan ùra an iomadh dòigh. Tha fiùs na seann bhleid­eagan pàipeir air a bheil am fiosrachadh sgrìobhte a-mach le làimh fhathast gan cleachdadh mar stuthan ionns­achaidh leis an téid ginealach ùr de dh’fhac­ladairean Gàidhlig a thrèanadh.

Tha DASG a’ cruthachadh corpas didseatach de bhun-theacs­aichean ’s a’ leasachadh bathar bog gus an corpas a làimhseachadh. Thathas an dùil gun tòisich­ear obair air am faclair fhéin a chur ri chéile ann an 2016.

Back to the top of the page